A A A A A

God: [Blessing]


Lùcas 6:38
Thugaibh uaibh, agus bheirear dhuibh; deagh thomhas, air a gheinneadh agus air a chrathadh ri chèile, agus a’ cur thairis, bheir daoine nur n‑uchd; oir leis an tomhas len tomhais sibh, tomhaisear dhuibh a‑rìs.

Mata ٥:٤
Is beannaichte iadsan a tha ri bròn: oir gheibh iad sòlas.

Philipianach 4:19
Ach leasaichidh mo Dhia-sa ur n‑uireasbhaidh uile, a rèir a shaoibhreis ann an glòir, tre Iosa Crìosd.

Salm 67:7
Gum beannaicheadh Dia sinn, agus gu robh a eagal-san air uile chrìochan na talmhainn!

Àireamh 6:24-25
[24] Gum beannaicheadh an Tighearna thu, agus gun gleidheadh e thu:[25] Gun tugadh an Tighearna air a aghaidh dealrachadh ort, agus biodh e gràsmhor dhut:

Philipianach 4:6-7
[6] Na biodh ro‑chùram nì sam bith oirbh: ach anns gach uile nì le ùrnaigh agus aslachadh maille ri breith-buidheachais, biodh ur n‑iarrtais air an dèanamh aithnichte do Dhia.[7] Agus coimheadaidh sìth Dhè, a tha thar gach uile thuigse, ur cridhe agus ur n‑inntinn ann an Iosa Crìosd.

Seumas 1:17
Tha gach uile dheagh thabhartas agus gach uile thìodhlac iomlan on àirde, a’ teachd a‑nuas o Athair na soillse, maille ris nach eil atharrachadh, no sgàil tionndaidh.

Ieremiah 17:7-8
[7] Is beannaichte an neach a dh’earbas as an Tighearna, agus a chuireas a dhòchas ann an Iehòbhah:[8] Oir bidh e mar chraoibh air a suidheachadh ri taobh nan uisgeachan, a sgaoileas a‑mach a freumhan ri taobh an t‑srutha, agus nach mothaich cuin a thig an tart: ach aig am bi a duilleach uaine, agus air nach bi iomagain ann am bliadhna na tiormachd, cha mhò a sguireas i de thoirt seachad toraidh.

Isaiah 41:10
Na biodh eagal ort, oir tha mise maille riut; na biodh geilt ort, oir is mise do Dhia; neartaichidh mi thu; seadh, cuidichidh mi thu; seadh, cumaidh mi suas thu le deaslàimh m’fhìreantachd.

Eòin 1:16
Agus as a lànachd-san fhuair sinne uile, agus gràs airson gràis.

Genesis 22:16-17
[16] Agus thubhairt e, Orm fhèin mhionnaich mi, arsa an Tighearna, a chionn gun do rinn thu an nì seo, agus nach do chùm thu uam do mhac, eadhon d’aon mhac;[17] Gum beannaich mi thu gu mòr, agus gun dèan mi do shliochd ro‑lìonmhor eadhon mar reultan nèimh, agus mar a’ ghaineamh, a tha air tràigh na fairge: agus sealbhaichidh do shliochd geata an naimhdean;

Genesis 27:28-29
[28] Uime sin, gun tugadh Dia dhut de dhrùchd nèimh, agus de reamhrachd na talmhainn, agus pailteas arbhair agus fìona:[29] Dèanadh slòigh seirbhis dhut, agus strìochdadh cinnich dhut; bi ad uachdaran air do bhràithrean, agus cromadh mic do mhàthar sìos dhut: mallaichte gu robh gach neach a mhallaicheas thu, agus beannaichte gu robh gach neach a bheannaicheas thu.

Salm 1:1-3
[1] Is beannaichte an duine sin nach gluais ann an comhairle nan aingidh, agus nach seas ann an slighe nam peacach, agus nach suidh ann an cathair luchd-fanaid:[2] Ach aig a bheil tlachd ann an lagh an Tighearna, agus a smaoinicheas air a lagh-san a là agus a dh’oidhche.[3] Bidh e mar chraoibh suidhichte làimh ri sruthan uisge, a bheir a‑mach a toradh na h‑aimsir, agus nach caill a duilleach; agus soirbhichidh leis gach nì a nì e.

Salm ௨௩:௧-௪
[௧] Salm le Daibhidh. Is e an Tighearna mo bhuachaille; cha bhi mi ann an dìth.[௨] Ann an cluainean glasa bheir e orm laighe sìos; làimh ri uisgeachan ciùine treòraichidh e mi.[௩] Aisigidh e m’anam; treòraichidh e mi air slighean na fìreantachd air sgàth a ainme fhèin.[௪] Seadh, ged shiubhail mi tro ghleann sgàil a’ bhàis, cha bhi eagal uilc orm, oir tha thusa maille rium; bheir do shlat agus do lorg comhfhurtachd dhomh.

2 Samuel 22:3-4
[3] Is e Dia mo charraig; earbaidh mi as: mo sgiath agus adharc mo shlàinte, mo thùr àrd agus mo dhìdean: m’fhear-saoraidh, o ainneart saoraidh tusa mi.[4] Gairmidh mi air an Tighearna, as airidh air cliù; agus om naimhdean saorar mi.

1 Eòin 5:18
Tha fhios againn ge bè neach a ghineadh le Dia nach peacaich e; ach an tì a ghineadh o Dhia, coimheadaidh e e fhèin, agus cha bhean an droch aon ris.

Salm ௧௩௮:௭
Ged ghluais mi ann am meadhon àmhghair, ath-bheothaichidh tu mi; an aghaidh corraich mo naimhdean sìnidh tu do làmh, agus saoraidh do dheaslàmh mi.

2 Corintianach 9:8
Agus tha Dia comasach air gach gràs a dhèanamh ro‑phailt dhuibhse, a‑chum air dhuibh anns gach uile nì làn-leòr a bhith agaibh a‑ghnàth, gum biodh sibh pailt a‑chum gach deagh obrach.

Philipianach ௪:௭
Agus coimheadaidh sìth Dhè, a tha thar gach uile thuigse, ur cridhe agus ur n‑inntinn ann an Iosa Crìosd.

Gaelic Bible (Scottish) (ABG) 1992
© Scottish Bible Society 1992, 2017