A A A A A
Facebook Instagram Twitter
Gaelic Bible (Scottish) (ATN) 2017

Taisbeanadh 8



1
Agus nuair a dh'fhosgail e an seachdamh seula, bha sàmhchair air nèamh airson mu leth uair a thìde.
2
Agus chunnaic mi na seachd ainglean a tha nan seasamh mu choinneamh Dhè, agus chaidh seachd trombaidean a thoirt dhaibh.
3
Agus thàinig aingeal eile agus sheas e aig an altair, is bha tùisear òir aige, agus chaidh mòran tùise a thoirt dha, airson a thairgsinn suas còmhla ri ùrnaighean nan naomh gu lèir air an altair òir a bha mu choinneamh na rìgh‑chathrach.
4
Agus chaidh ceò na tùise suas còmhla ri ùrnaighean nan naomh, o làimh an aingil, mu choinneamh Dhè.
5
Agus às dèidh dhan aingeal an tùisear a ghabhail agus a lìonadh le teine on altair, thilg e chun na talmhainn e, agus bha tàirneanaich is fuaimean is boillsgidhean dhealanach is crith‑thalmhainn ann.
6
Agus dh'ullaich na seachd ainglean aig an robh trombaidean iad fhèin airson 's gun sèideadh iad na trombaidean.
7
Agus shèid a' chiad fhear a thrombaid, agus thàinig clachan‑meallain is teine, air am measgachadh le fuil, agus bha iad air an tilgeil air an talamh. Agus bha an treas pàirt dhen talamh air a losgadh, agus bha an treas pàirt dhe na craobhan air an losgadh agus bha am feur uaine gu lèir air a losgadh.
8
Agus shèid an dara aingeal a thrombaid agus bha rudeigin mar bheinn mhòr a bha a' losgadh le teine, air a tilgeil dhan mhuir agus thionndaidh an treas pàirt dhen mhuir na fuil.
9
Agus bhàsaich an treas pàirt dhe na beathaichean aig an robh beatha sa mhuir, agus bha an treas pàirt dhe na soithichean air an sgrios.
10
Agus shèid an treas aingeal a thrombaid agus thuit rionnag mhòr o nèamh, a' losgadh mar lampa, agus thuit i air an treas pàirt dhe na h‑aibhnichean 's air fuarain nan uisgeachan.
11
Agus 's e “Burmaid” an t‑ainm a th' air a ghabhail air an rionnaig, agus thionndaidh an treas pàirt dhe na h‑uisgeachan nam burmaid, agus bhàsaich mòran dhaoine o na h‑uisgeachan, oir bha iad searbh.
12
Agus shèid an ceathramh aingeal a thrombaid, agus chaidh an treas pàirt dhen ghrèin a bhualadh is an treas pàirt dhen ghealaich, is an treas pàirt dhe na rionnagan, gus an deach an treas pàirt dhiubh dorcha, agus nach nochdadh an treas pàirt dhen latha, agus dhen oidhche cuideachd.
13
Agus chunnaic mi, agus chuala mi aon iolair air sgèith ann am meadhan an adhair 's ag ràdh le guth àrd, “Is mairg, is mairg, is mairg dhaibhsan a tha a' còmhnaidh air an talamh, air sgàth na th' air fhàgail de sgalan na trombaid aig na trì ainglean a tha gus an sèideadh.”











Taisbeanadh 8:1
Taisbeanadh 8:2
Taisbeanadh 8:3
Taisbeanadh 8:4
Taisbeanadh 8:5
Taisbeanadh 8:6
Taisbeanadh 8:7
Taisbeanadh 8:8
Taisbeanadh 8:9
Taisbeanadh 8:10
Taisbeanadh 8:11
Taisbeanadh 8:12
Taisbeanadh 8:13






Taisbeanadh 1 / Tai 1
Taisbeanadh 2 / Tai 2
Taisbeanadh 3 / Tai 3
Taisbeanadh 4 / Tai 4
Taisbeanadh 5 / Tai 5
Taisbeanadh 6 / Tai 6
Taisbeanadh 7 / Tai 7
Taisbeanadh 8 / Tai 8
Taisbeanadh 9 / Tai 9
Taisbeanadh 10 / Tai 10
Taisbeanadh 11 / Tai 11
Taisbeanadh 12 / Tai 12
Taisbeanadh 13 / Tai 13
Taisbeanadh 14 / Tai 14
Taisbeanadh 15 / Tai 15
Taisbeanadh 16 / Tai 16
Taisbeanadh 17 / Tai 17
Taisbeanadh 18 / Tai 18
Taisbeanadh 19 / Tai 19
Taisbeanadh 20 / Tai 20
Taisbeanadh 21 / Tai 21
Taisbeanadh 22 / Tai 22