1 |
Agus thàinig aon dhe na seachd ainglean aig an robh na seachd bobhlaichean agus bhruidhinn e rium, ag ràdh, “Trobhad, is seallaidh mi dhut breitheanas na strìopaiche mòire a tha na suidhe air mòran uisgeachan, |
2 |
leis an d' rinn rìghrean na talmhainn strìopachais is leis an deachaidh iadsan a bha a' còmhnaidh air thalamh a chur air mhisg le fìon a strìopachais.” |
3 |
Agus ghiùlain e mi air falbh dhan fhàsaich san spiorad agus chunnaic mi boireannach na suidhe air biast sgàrlaid a bha làn de dh'ainmean toibheumach, 's air an robh seachd cinn is deich adhaircean. |
4 |
Agus bha am boireannach air a h‑èideadh ann am purpaidh 's ann an sgàrlaid, agus air a sgeadachadh le òr is clach phrìseil is neamhnaidean. Bha cupa òir aice na làimh a bha làn de ghràinealachdan is neòghlaine a strìopachais. |
5 |
Agus air clàr a bathais bha ainm sgrìobhte: DÌOMHAIREACHD, BÀBILON MHÒR, MÀTHAIR NAN STRÌOPACHEAN AGUS GRÀINEALACHDAN NA TALMHAINN. |
6 |
Agus chunnaic mi am boireannach air mhisg le fuil nan naomh agus le fuil luchd‑fianais Ìosa. Agus nuair a chunnaic mi i, bha iongnadh mòr orm. |
7 |
Agus thuirt an t‑aingeal rium, “Carson a ghabh thu iongnadh? Innsidh mise dhut dìomhaireachd a' bhoireannaich 's na bèiste a tha ga giùlan, air a bheil seachd cinn is deich adhaircean. |
8 |
A' bhiast a chunnaic thu, bha i ann 's chan eil i ann, agus tha i gus tighinn a‑nìos às an Àibheis agus gus a dhol gu sgrios. Agus bidh iadsan a tha a' còmhnaidh air an talamh — aig a bheil ainmean nach eil air an sgrìobhadh ann an leabhar na beatha o thoiseach an t‑saoghail — fo iongnadh, nuair a chì iad a' bhiast a bha ann agus nach eil ann agus a bhitheas ann. |
9 |
“Seo an inntinn aig a bheil gliocas; 's iad na seachd cinn seachd beanntan, air a bheil am boireannach na suidhe. Agus tha seachd rìghrean ann: |
10 |
thuit còignear dhiubh, tha aon ann agus aon nach tàinig fhathast, agus nuair a thig e feumaidh e fantainn beagan ùine. |
11 |
Agus a' bhiast a bha ann 's nach eil ann, is e seo an t‑ochdamh rìgh, agus tha esan dhen t‑seachd, agus thèid e gu sgrios. |
12 |
“Agus 's iad na deich adhaircean a chunnaic thu, deich rìghrean, nach eil air rìoghachd fhaighinn fhathast, ach gheibh iad ùghdarras mar rìghrean airson aon uair a thìde còmhla ris a' bhèist. |
13 |
Tha aon inntinn aca, agus tha iad a' toirt an cumhachd 's an t‑ùghdarras aca dhan bhèist. |
14 |
Nì iad seo cogadh an aghaidh an Uain, agus bheir an t‑Uan buaidh orra, oir is esan Tighearna nan tighearnan agus Rìgh nan rìghrean, agus tha iadsan a tha leis air an gairm, agus air an taghadh agus dìleas.” |
15 |
Agus thuirt e rium, “'S iad na h‑uisgeachan a chunnaic thu, far an robh an strìopach na suidhe, daoine is slòigh is nàiseanan is teangannan. |
16 |
Agus na deich adhaircean a chunnaic thu, agus a' bhiast, fuathaichidh iad an strìopach agus nì iad fàsail i, is rùisgte agus ithidh iad a feòil, is losgaidh iad i le teine. |
17 |
Oir chuir Dia nan cridheachan a thoil‑san a dhèanamh, agus nì iad i le aon inntinn agus bheir iad an rìoghachd dhan bhèist gus an tèid faclan Dhè a choileanadh. |
18 |
Agus am boireannach a chunnaic thu, is ise am baile mòr a tha a' riaghladh thairis air rìghrean na talmhainn.”
|
Gaelic Bible (Scottish) (ATN) 2017 |
© Scottish Bible Society 2017 |
|
|
|
|
|
|
|
|
|
|
Taisbeanadh 17:1 |
Taisbeanadh 17:2 |
Taisbeanadh 17:3 |
Taisbeanadh 17:4 |
Taisbeanadh 17:5 |
Taisbeanadh 17:6 |
Taisbeanadh 17:7 |
Taisbeanadh 17:8 |
Taisbeanadh 17:9 |
Taisbeanadh 17:10 |
Taisbeanadh 17:11 |
Taisbeanadh 17:12 |
Taisbeanadh 17:13 |
Taisbeanadh 17:14 |
Taisbeanadh 17:15 |
Taisbeanadh 17:16 |
Taisbeanadh 17:17 |
Taisbeanadh 17:18 |
|
|
|
|
|
|
Taisbeanadh 1 / Tai 1 |
Taisbeanadh 2 / Tai 2 |
Taisbeanadh 3 / Tai 3 |
Taisbeanadh 4 / Tai 4 |
Taisbeanadh 5 / Tai 5 |
Taisbeanadh 6 / Tai 6 |
Taisbeanadh 7 / Tai 7 |
Taisbeanadh 8 / Tai 8 |
Taisbeanadh 9 / Tai 9 |
Taisbeanadh 10 / Tai 10 |
Taisbeanadh 11 / Tai 11 |
Taisbeanadh 12 / Tai 12 |
Taisbeanadh 13 / Tai 13 |
Taisbeanadh 14 / Tai 14 |
Taisbeanadh 15 / Tai 15 |
Taisbeanadh 16 / Tai 16 |
Taisbeanadh 17 / Tai 17 |
Taisbeanadh 18 / Tai 18 |
Taisbeanadh 19 / Tai 19 |
Taisbeanadh 20 / Tai 20 |
Taisbeanadh 21 / Tai 21 |
Taisbeanadh 22 / Tai 22 |