1 |
Na biodh mòran agaibh nur luchd‑teagaisg, mo bhràithrean, 's fios agaibh gun tèid breith nas motha a thoirt oirnne. |
2 |
Oir tuislichidh sinn uile ann am mòran dhòighean. Mura h‑eil neach a' tuisleadh anns na chanas e, tha e na dhuine foirfe, comasach cuideachd air srian a chur air a bhodhaig gu lèir. |
3 |
Nise, ma chuireas sinn cabstairean ann am beòil nan each airson 's gum bi iad umhail dhuinn, stiùiridh sinn am bodhaig gu h‑iomlan cuideachd. |
4 |
Seallaibh air soithichean a tha cho mòr 's air an iomain air adhart le gaoithean làidir, tha iad air an stiùireadh le stiùir gu math beag ge b' e càit a bu mhiann leis an stiùireadair a dhol. |
5 |
Mar sin cuideachd tha an teanga na ball beag, ach a' bòstadh mu rudan mòra. Seall cho mòr 's a tha a' choille a th' air a cur na teine le lasadh beag. |
6 |
Agus is e teine a th' anns an teanga, saoghal neo‑fhìreantachd. Tha an teanga air a suidheachadh am measg ar ball, truailleadair na bodhaig gu lèir, 's a' lasadh cùrsa na beatha, agus air a lasadh le Ifrinn. |
7 |
'S urrainn dhan a h‑uile seòrsa beathach is eun, snàgair is beathach‑mara a bhith air an ceannsachadh, agus chaidh an ceannsachadh leis a' chinne‑daonna. |
8 |
Ach chan urrainn do neach sam bith an teanga a cheannsachadh. Tha i na h‑olc mì‑rianail, làn de phuinnsein mairbhteach. |
9 |
Leatha tha sinn a' beannachadh an Tighearna 's an t‑Athair agus leatha tha sinn a' mallachadh an fheadhainn a th' air an dèanamh ann an ìomhaigh Dhè, |
10 |
oir bhon aon bheul tha beannachadh is mallachadh a' tighinn. Mo bhràithrean, cha bu chòir sin a bhith. |
11 |
An dòirt fuaran a‑mach, às an aon fhosgladh, uisge milis agus searbh? |
12 |
Mo bhràithrean, an urrain do chraobh‑fhìge dearcan‑ola a chur a‑mach, no a' chraobh‑fhìona, fìgean? Cha mhotha a chuireas fuaran saillte uisge milis a‑mach. |
13 |
Cò a tha glic agus tuigseach nur measg? Sealladh e, tro a dheagh chaitheamh‑beatha, a chuid obraichean ann an ciùineas a' ghliocais. |
14 |
Ach, ma bhios eud searbh is fèinealachd nur cridheachan, na bithibh àrdanach 's ag innse bhreugan an aghaidh na fìrinne. |
15 |
Chan e sin an gliocas a tha a' tighinn a‑nuas o shuas, ach tha e talmhaidh, neo‑spioradail, diabhlaidh. |
16 |
Oir far a bheil eud is fèinealachd, an sin lorgaidh sibh mì‑rian is gach droch ghnìomh. |
17 |
Ach tha an gliocas a tha o shuas sa chiad dhol‑a‑mach fìorghlan, an uair sin sìtheil, caomh, furasta a chomhairleachadh, làn tròcaire is deagh thoraidhean, saor o chlaon‑bhreith 's o cheilg, |
18 |
agus tha toradh na fìreantachd air a chur ann an sìth le luchd‑dèanamh na sìthe.
|
Gaelic Bible (Scottish) (ATN) 2017 |
© Scottish Bible Society 2017 |
|
|
|
|
|
|
|
|
|
|
Seumas 3:1 |
Seumas 3:2 |
Seumas 3:3 |
Seumas 3:4 |
Seumas 3:5 |
Seumas 3:6 |
Seumas 3:7 |
Seumas 3:8 |
Seumas 3:9 |
Seumas 3:10 |
Seumas 3:11 |
Seumas 3:12 |
Seumas 3:13 |
Seumas 3:14 |
Seumas 3:15 |
Seumas 3:16 |
Seumas 3:17 |
Seumas 3:18 |
|
|
|
|
|
|
Seumas 1 / Seu 1 |
Seumas 2 / Seu 2 |
Seumas 3 / Seu 3 |
Seumas 4 / Seu 4 |
Seumas 5 / Seu 5 |