A A A A A
Facebook Instagram Twitter
Gaelic Bible (Scottish) (ATN) 2017

Seumas 1



1
Seumas, seirbheiseach Dhè agus an Tighearna Ìosa Crìosd, Chun an dà threubh dheug a th' air an sgapadh: Fàilte!
2
Measaibh e mar an uile aoibhneas, mo bhràithrean, nuair a choinnicheas sibh ri iomadh seòrsa deuchainn;
3
tha fios agaibh gun toir dearbhadh ur creideimh leanaltas gu buil.
4
Ach coileanadh leanaltas obair fhèin, airson 's gum bi sibh coileanta is iomlan, gun uireasbhaidh sam bith.
5
Ach ma tha dìth gliocais air neach sam bith agaibh, iarradh e air Dia e — esan a tha a' toirt gu fialaidh dhan a h‑uile neach gun dìmeas a dhèanamh — agus thèid a thoirt dha.
6
Ach faighnicheadh e ann an creideamh, gun teagamh, oir tha an teagmhaiche coltach ri tonn na mara, air a shèideadh leis a' ghaoith agus air a luasgadh a‑null 's a‑nall.
7
Oir na saoileadh an duine sin gum faigh e rud sam bith on Tighearna;
8
's e duine dà‑bharaileach a th' ann, neo‑sheasmhach na shlighean gu lèir.
9
Ach gum bòstadh am bràthair iriosal na inbhe àrd,
10
agus am fear beairteach na ìsleachadh a chionn 's — mar bhlàth an fheòir — gun tèid e seachad.
11
Oir dh'èirich a' ghrian le a teas loisgeach is shearg i am feur: thuit a bhlàth agus chaidh bòidhchead a choltais a sgrios. San aon dòigh seargaidh an duine beairteach na shlighean gu lèir.
12
Is beannaichte an duine a dh'fhuilingeas buaireadh, oir air a dhearbhadh, gheibh e crùn na beatha, a gheall Dia dhan fheadhainn aig a bheil gràdh dha.
13
Na canadh neach sam bith nuair a tha e air a bhuaireadh, “Tha mi air mo bhuaireadh le Dia,” air sgàth 's nach urrainn do Dhia a bhith air a bhuaireadh le olc agus nach buair e fhèin neach sam bith.
14
Ach tha gach neach air a bhuaireadh, nuair a tha e air a tharraing 's air a thàladh le a mhiann fhèin.
15
An uair sin, nuair a tha miann air fàs torrach, tha e a' toirt peacaidh gu breith; agus nuair a tha peacadh air a choileanadh, beiridh e bàs.
16
Na bithibh air ur mealladh, mo bhràithrean gràdhach.
17
Tha gach deagh ghibht is gach gibht coileanta o shuas, a' tighinn a‑nuas bho Athair nan solas, anns nach eil fiaradh no sgàil atharrachaidh.
18
Le a thoil fhèin ghin e sinn le facal na fìrinne, airson 's gum biodh sinne nar seòrsa de chiad‑toraidh de a chreutairean.
19
Tuigibh seo, mo bhràithrean gràdhach, biodh gach neach luath gu èisteachd, mall gu bruidhinn, mall gu fearg,
20
oir cha toir fearg duine fìreantachd Dhè gu buil.
21
Mar sin, às dèidh gach salchar‑mì‑mhoralta is lìonmhorachd uilc a chur gu aon taobh, sealbhaichibh le macantas am facal a tha suidhichte, a tha comasach air ur n‑anman a shàbhaladh.
22
Ach bithibh‑se nur luchd‑dèanamh an fhacail, 's chan ann nur luchd‑èisteachd a‑mhàin, gur mealladh fhèin.
23
Oir ma tha neach sam bith na fhear‑èisteachd an fhacail agus nach ann na fhear‑dèanamh, tha e coltach ris an neach a tha a' coimhead air aghaidh nàdarra fhèin ann an sgàthan;
24
oir, bheachdaich e air fhèin is dh'fhàlbh e, agus sa bhad dhìochuimhnich e dè an coltas a bh' air.
25
Ach an neach a tha a' beachdachadh gu mionaideach air an lagh choileanta, lagh na saorsa, agus a leanas ann, chan eil am fear seo na fhear‑èisteachd dìochuimhneach ach na fhear‑dèanamh na h‑obrach, 's bidh e beannaichte anns na tha e a' dèanamh.
26
Ma shaoileas neach sam bith gu bheil e cràbhach, agus nach cuir srian air a theangaidh, ach a tha a' mealladh a chridhe, tha diadhachd an duine sin dìomhain.
27
'S e seo cràbhadh fìorghlan is neo‑thruaillidh an làthair Dhè an t‑Athair: a bhith a' tadhal air dilleachdain 's air banntraichean nan trioblaid, agus neach a chumail gun smal on t‑saoghal.











Seumas 1:1
Seumas 1:2
Seumas 1:3
Seumas 1:4
Seumas 1:5
Seumas 1:6
Seumas 1:7
Seumas 1:8
Seumas 1:9
Seumas 1:10
Seumas 1:11
Seumas 1:12
Seumas 1:13
Seumas 1:14
Seumas 1:15
Seumas 1:16
Seumas 1:17
Seumas 1:18
Seumas 1:19
Seumas 1:20
Seumas 1:21
Seumas 1:22
Seumas 1:23
Seumas 1:24
Seumas 1:25
Seumas 1:26
Seumas 1:27






Seumas 1 / Seu 1
Seumas 2 / Seu 2
Seumas 3 / Seu 3
Seumas 4 / Seu 4
Seumas 5 / Seu 5