1 |
Ach abair thusa na rudan a tha freagarrach do theagasg fallain: |
2 |
na seann daoine a bhith measarra, stòlda, faiceallach, fallain sa chreideamh, ann an gràdh 's ann an leanaltas. |
3 |
San aon dòigh, teagaisg dha na seann bhoireannaich iad fhèin a ghiùlain mar a tha iomchaidh do naoimh, chan ann mar luchd‑càinidh, gun a bhith nan tràillean do dh'fhìon, 's nan luchd‑teagaisg air dè a tha ceart. |
4 |
Mar sin, ionnsaichidh iad do bhoireannaich òga a bhith gràdhach air am fir 's air an cuid chloinne, |
5 |
a bhith measarra, geamnaidh, a' fuireach aig an taigh, math is umhail dham fir fhèin airson 's nach tèid toibheum a thoirt do dh'fhacal Dhè. |
6 |
San aon dòigh, cuir ìmpidh air na daoine òga iad a bhith measarra, |
7 |
anns gach nì gan nochdadh fhèin mar shamhladh dheagh obraichean, ann an teagasg a' nochdadh treibhdhireachd, iomchaidheachd, |
8 |
cainnt fhallain a tha neo‑choireach, airson 's gum bi nàire air nàmhaid a chionn 's nach urrainn dha rud sam bith olc a ràdh mud dheidhinn. |
9 |
Comhairlich seirbheisich a bhith umhail dham maighstirean, gan toileachadh sa h‑uile sìon, gun bhruidhinn air ais, |
10 |
gun ghoid uapa, ach a' sealltainn gach deagh dhìlseachd dhaibh, airson 's gun dèan iad teagasg Dhè ar Slànaigheir maiseach sa h‑uile sìon. |
11 |
Oir nochd gràs an Dè a tha a' toirt sàbhalaidh do gach duine, |
12 |
gar teagasg cùl a chur ri mì‑dhiadhachd is ana‑miannan saoghalta, agus tighinn beò san t‑saoghal seo gu measarra is gu ceart is gu diadhaidh, |
13 |
an dùil ris an dòchas bheannaichte agus ri nochdadh glòir ar Dè mhòir 's ar Slànaigheir Ìosa Crìosd. |
14 |
Thug esan e fhèin seachad air ar son gus an saoradh e sinn o gach aingidheachd, agus gun glanadh e sluagh sònraichte dha fhèin, eudmhor mu dheagh obraichean. |
15 |
Can na rudan sin, agus earalaich is cronaich leis a h‑uile h‑ùghdarras. Na sealladh duine sam bith sìos ort.
|
Gaelic Bible (Scottish) (ATN) 2017 |
© Scottish Bible Society 2017 |
|
|
|
|
|
|
|
|
|
|
Tìtus 2:1 |
Tìtus 2:2 |
Tìtus 2:3 |
Tìtus 2:4 |
Tìtus 2:5 |
Tìtus 2:6 |
Tìtus 2:7 |
Tìtus 2:8 |
Tìtus 2:9 |
Tìtus 2:10 |
Tìtus 2:11 |
Tìtus 2:12 |
Tìtus 2:13 |
Tìtus 2:14 |
Tìtus 2:15 |
|
|
|
|
|
|
Tìtus 1 / Tìt 1 |
Tìtus 2 / Tìt 2 |
Tìtus 3 / Tìt 3 |