Instagram
English
A A A A A
Gaelic Bible (Scottish) (ATN) 2017
2 Timòteus 1
1
Pòl, abstol Chrìosd Ìosa, tro thoil Dhè, a rèir geallaidh na beatha a th' ann an Crìosd Ìosa.
2
Gu Timòteus, mo leanabh gràdhach: Gràs, tròcair is sìth o Dhia an t‑athair agus o Chrìosd Ìosa ar Tighearna.
3
Tha mi a' toirt taing do Dhia, dham bheil mi a' dèanamh seirbheis, mar a rinn mo shinnsirean, ann an cogais ghlan, gu bheil cuimhne agam ortsa gun sgur nam ùrnaighean, a dh'oidhche 's a latha,
4
le fadachd orm airson d' fhaicinn, 's mi a' cuimhneachadh air do dheòir, airson 's gum bithinn air mo lìonadh le aoibhneas.
5
Tha mi a' cuimhneachadh ort nad creideimh a tha gun cheilg, a ghabh còmhnaidh an toiseach nad sheanmhair, Lois, agus nad mhàthair, Eunice, agus a tha mi air dearbhadh fhaighinn a th' annadsa cuideachd.
6
Air an adhbhar sin tha mi a' cur nad chuimhne: dùisg suas tiodhlac Dhè, a th' annad trom làmhan a shìneadh ort.
7
Oir cha tug Dia dhuinn spiorad geilt, ach de chumhachd is de ghràdh is de dh'fhèin‑smachdachadh.
8
Mar sin na biodh nàire ort mu theisteanas ar Tighearna, no dhìomsa, a phrìosanach‑san, ach gabh compàirt leamsa ann am fulang airson an t‑soisgeil, a rèir cumhachd Dhè.
9
Esan a shàbhail sinn is a ghairm oirnn le gairm naomh, chan ann a rèir ar n‑obraichean, ach a rèir a rùin fhèin is a ghràis, a thug e dhuinne ann an Ìosa Crìosd, ro linn na tìm;
10
ach a‑nis, a chaidh fhoillseachadh tro thaisbeanadh ar Slànaigheir, Crìosd Ìosa, a chuir gu neoni am bàs, agus a thug gu solas is gu beatha is gu neo‑thruaillidheachd e, tron t‑soisgeul,
11
dhan deach m' òrdachadh mar shearmonaiche is mar abstol is mar neach‑teagaisg.
12
Air an adhbhar sin tha mi a' fulang na rudan seo, ach chan eil nàire orm, oir tha fios agam cò san do chreid mi, agus chaidh dearbhadh dhomh, gu bheil Esan comasach air an rud sin a dh'earb mise ris a ghleidheadh gus an Latha sin.
13
Cùm an eisimpleir de dh'fhaclan fallain a chuala tu uamsa, ann an creideamh 's ann an gràdh ann an Crìosd Ìosa.
14
Glèidh an rud math sin a dh'earb mise riut, tron Spiorad Naomh a tha a' còmhnaidh annainne.
15
'S aithne dhuibh seo, gun do thionndaidh iad uile air falbh uam ann an Àisia, nam measg‑san tha Phigelus is Hermogenes.
16
Gun toireadh an Tighearna tròcair do thaigh Onesiphorus, oir gu tric dh'ùraich e mi 's cha robh nàire air mum shèinichean.
17
Ach seach gu robh e san Ròimh, shir e mi gu dùrachdach agus lorg e mi.
18
Gun toireadh an Tighearna dhàsan gum faigheadh e tròcair on Tighearna san Latha sin, agus is math as aithne dhut na rinn e de sheirbheis ann an Ephesus.
2 Timòteus 1:1
2 Timòteus 1:2
2 Timòteus 1:3
2 Timòteus 1:4
2 Timòteus 1:5
2 Timòteus 1:6
2 Timòteus 1:7
2 Timòteus 1:8
2 Timòteus 1:9
2 Timòteus 1:10
2 Timòteus 1:11
2 Timòteus 1:12
2 Timòteus 1:13
2 Timòteus 1:14
2 Timòteus 1:15
2 Timòteus 1:16
2 Timòteus 1:17
2 Timòteus 1:18
2 Timòteus 1 / 2Tim 1
2 Timòteus 2 / 2Tim 2
2 Timòteus 3 / 2Tim 3
2 Timòteus 4 / 2Tim 4