A A A A A
Facebook Instagram Twitter
Gaelic Bible (Scottish) (ATN) 2017

Colosianach 1



1
Pòl, abstol Chrìosd Ìosa tro thoil Dhè, agus Timòteus am bràthair,
2
Gu na naoimh 's na bràithrean dìleas ann an Crìosd, a th' ann an Colose: Gràs dhuibh agus sìth o Dhia ar n‑Athair.
3
Tha sinn a' toirt taing do Dhia, Athair ar Tighearna Ìosa Crìosd, an‑còmhnaidh ag ùrnaigh air ur son,
4
o chuala sinn mur creideamh ann an Crìosd Ìosa agus mun ghràdh a th' agaibh dha na naoimh gu lèir,
5
air sgàth an dòchais a th' air a thasgadh air ur son air nèamh, mun cuala sibh iomradh roimhe ann am facal fìrinn an t‑soisgeil
6
a th' air tighinn thugaibh, dìreach mar a tha e a' toirt a‑mach toraidh 's a' fàs san t‑saoghal gu lèir, eadhon mar a tha e cuideachd a' dèanamh nur measg‑se, on latha san cuala sibh e 's a thuig sibh gràs Dhè ann am fìrinn;
7
dìreach mar a dh'ionnsaich sibh e o Epaphras, ar co‑sheirbheiseach gràdhach, a tha air ur son‑se gu lèir na mhinistear dìleas do Chrìosd,
8
agus a rinn aithnichte dhuinn ur gràdh‑se san Spiorad.
9
Air an adhbhar seo cuideachd, on latha a chuala sinn e, chan eil sinne air sgur a dhèanamh ùrnaigh air ur son‑se 's a' guidhe gum biodh sibh air ur lìonadh le eòlas a thoil‑san sa h‑uile gliocas is tuigse spioradail,
10
airson 's gun coisich sibh ann an dòigh a tha iomchaidh air an Tighearna, gus a thoileachadh sa h‑uile dòigh, a' toirt a‑mach toraidh sa h‑uile deagh obair 's a' fàs ann an eòlas Dhè,
11
air ur neartachadh leis a h‑uile neart, a rèir a chumhachd ghlòrmhor‑san, airson a h‑uile leanaltas is fad‑fhulangas, le gàirdeachas
12
a' toirt taing dhan Athair, a th' air ur dèanamh comasach a bhith nur luchd‑compàirt de dh'oighreachd nan naomh san t‑solas.
13
Tha e air ar saoradh o chumhachd an dorchadais agus air ur gluasad gu rìoghachd Mac a ghràidh‑san,
14
anns a bheil saorsa againn: mathanas nam peacaidhean.
15
Is esan ìomhaigh an Dè neo‑fhaicsinnich, ciad‑ghin a' chruthachaidh gu lèir.
16
Oir leis‑san chaidh a h‑uile sìon a chruthachadh, air nèamh 's air thalamh, faicsinneach is neo‑fhaicsinneach, ge b' e àrd‑chathraichean no tighearnasan no uachdaranachdan no ùghdarrasan: is ann troimheasan 's air a shon‑san a chaidh a h‑uile sìon a chruthachadh.
17
Agus tha esan ron a h‑uile sìon, agus annsan tha a h‑uile sìon a' co‑sheasamh.
18
Agus is esan ceann a' chuirp, an eaglais; is esan an toiseach, an ciad‑ghin o na mairbh, airson 's gum biodh am prìomh àite aigesan sa h‑uile sìon.
19
Oir bha Dia toilichte gun còmhnaicheadh an lànachd gu lèir annsan,
20
agus troimhesan gum biodh a h‑uile sìon air a dhèanamh rèidh ris fhèin, às dèidh dha sìth a dhèanamh tro fhuil a chroinn‑ceusaidh‑san; troimhesan, tha mi ag ràdh, ge b' iad rudan a th' air talamh no rudan a th' air nèamh.
21
Agus sibhse a bha aig aon àm nur coigrich is nàimhdeil nur n‑inntinn, a' dèanamh ghnìomhan olca,
22
a dh'aindeoin sin, tha e a‑nis air ur dèanamh rèidh ann an corp na feòla aige tro bhàs, airson sibhse a nochdadh ma choinneamh, naomh is neo‑choireach agus gun chionta —
23
ma dh'fhanas sibh dha‑rìribh sa chreideamh, stèidhichte is daingeann, agus gun a bhith air ur gluasad o dhòchas an t‑soisgeil a chuala sibh, a chaidh a shearmonachadh dhan chruthachadh gu lèir fo nèamh, air an deach mise, Pòl, mo dhèanamh nam mhinistear.
24
A‑nis tha mi a' dèanamh gàirdeachas nam fhulangasan air ur son‑se, agus nam fheòil tha mi a' coileanadh na tha a dhìth ann an àmhgharan Chrìosd air sgàth a chuirp‑san, is i an eaglais,
25
dhen deach mo dhèanamh nam mhinistear, a rèir na stiùbhardachd o Dhia a chaidh a bhuileachadh air ur son‑se, airson 's gun dèanainn facal Dhè làn‑aithnichte,
26
an dìomhaireachd a bha falaichte o na linntean agus o ghinealaich, ach a‑nis a th' air fhoillseachadh dha naoimh‑san,
27
dhan do rùnaich Dia a dhèanamh aithnichte am measg nan Cinneach dè a th' ann am beairteas glòir na dìomhaireachd seo, is e Crìosd annaibhse, dòchas na glòire.
28
Esan, tha sinne a' searmonachadh, a' toirt rabhaidh do gach duine agus a' teagasg gach duine leis a h‑uile gliocas, airson 's gun nochd sinn a h‑uile duine coileanta ann an Crìosd.
29
Airson an adhbhair seo cuideachd tha mi a' saothrachadh, a' dèanamh spàirn a rèir an obrachaidh aigesan a tha ag obrachadh annam le cumhachd.











Colosianach 1:1

Colosianach 1:2

Colosianach 1:3

Colosianach 1:4

Colosianach 1:5

Colosianach 1:6

Colosianach 1:7

Colosianach 1:8

Colosianach 1:9

Colosianach 1:10

Colosianach 1:11

Colosianach 1:12

Colosianach 1:13

Colosianach 1:14

Colosianach 1:15

Colosianach 1:16

Colosianach 1:17

Colosianach 1:18

Colosianach 1:19

Colosianach 1:20

Colosianach 1:21

Colosianach 1:22

Colosianach 1:23

Colosianach 1:24

Colosianach 1:25

Colosianach 1:26

Colosianach 1:27

Colosianach 1:28

Colosianach 1:29







Colosianach 1 / Col 1

Colosianach 2 / Col 2

Colosianach 3 / Col 3

Colosianach 4 / Col 4