A A A A A
Facebook Instagram Twitter
Gaelic Bible (Scottish) (ATN) 2017

Philipianach 4



1
Mar sin, mo bhràithrean, as gràdh leam 's as miann leam, m' aoibhneas is mo chrùn, seasaibh mar seo gu daingeann san Tighearna, a mhuinntir mo ghràidh.
2
Tha mi a' guidhe air Euodias 's tha mi a' guidhe air Sintiche, a bhith a dh'aon inntinn san Tighearna.
3
Seadh, tha mi ag iarraidh ortsa cuideachd, a chompanaich dhìleis, na boireannaich seo a rinn saothair còmhla riumsa san t‑soisgeul a chuideachadh, cuide ri Clemens 's an còrr dhem cho‑luchd‑obrach, aig a bheil an ainmean ann an leabhar na beatha.
4
Dèanaibh gàirdeachas san Tighearna an‑còmhnaidh, a‑rithist canaidh mi, dèanaibh gàirdeachas.
5
Biodh ur ciùineas follaiseach dhan a h‑uile neach. Tha an Tighearna faisg;
6
na biodh cùram oirbh mu nì sam bith, ach sa h‑uile sìon, le ùrnaigh is guidhe, cuide ri buidheachas, biodh ur n‑iarrtasan air an dèanamh aithnichte do Dhia.
7
Agus cumaidh sìth Dhè, a tha thar a h‑uile tuigse, ur cridheachan 's ur n‑inntinnean ann an Ìosa Crìosd.
8
Mu dheireadh, a bhràithrean, ge b' e rudan a tha fìor, ge b' e rudan a tha urramach, ge b' e rudan a tha fìreanta, ge b' e rudan a tha fìorghlan, ge b' e rudan a tha àlainn, ge b' e rudan a tha ionmholta; ma tha sàr‑mhathas no nì sam bith ann a tha airidh air moladh, smaoinichibh air na rudan sin.
9
Na rudan a dh'ionnsaich 's a fhuair sibh, 's a chuala 's a chunnaic sibh annamsa, dèanaibh iad, agus bidh Dia na sìthe còmhla ribh.
10
Ach rinn mi gàirdeachas gu mòr san Tighearna, air sgàth 's gu bheil sibh mu dheireadh air ur cùram dhòmhsa ath‑ùrachadh; dha‑rìribh bha cùram oirbh, ach cha robh cothrom agaibh.
11
Chan e gu bheil mi a' bruidhinn mu bhith ann an dìth, oir tha mi air ionnsachadh, ge b' e staid sa bheil mi, a bhith riaraichte.
12
Is aithne dhomh a bhith air m' irioslachadh, agus is aithne dhomh cuideachd pailteas; ann an suidheachadh sam bith 's anns a h‑uile suidheachadh, tha mi air an dìomhaireachd a thaobh a bhith sàsaichte agus acrach ionnsachadh, an dà chuid pailteas a shealbhachadh is dìth fhulang.
13
Is urrainn dhomh a h‑uile sìon a dhèanamh troimheasan a tha gam neartachadh.
14
A dh'aindeoin sin, is math a rinn sibh compàirteachadh leam nam thrioblaid.
15
Agus tha fios agaibhse cuideachd, Philipianacha, aig toiseach an t‑soisgeil, nuair a dh'fhàg mi Macedònia, nach do roinn eaglais sam bith riumsa a thaobh tabhairt is gabhail, ach sibhse a‑mhàin;
16
oir eadhon ann an Tesalonìca chuir sibh cuideachadh thugam aon uair 's uair eile airson m' fheumalachdan.
17
Chan e gu bheil mi ag iarraidh tiodhlaic, ach tha mi ag iarraidh an toraidh a dh'fhàsas pailt nur cunntas‑se.
18
Ach tha mise air a h‑uile sìon a shealbhachadh 's tha pailteas agam; chaidh mo lìonadh às dèidh dhomh faighinn — o Epaphrodìtus — na chuir sibhse thugam: fàileadh cùbhraidh, ìobairt iomchaidh, fìor thlachdmhor do Dhia.
19
Agus solaraichidh mo Dhia‑sa ur feumalachdan gu lèir a rèir a bheairteis ann an glòir ann an Crìosd Ìosa.
20
A‑nis dhar Dia is dhar n‑Athair gu robh glòir gu saoghal nan saoghal. Amen.
21
Cuiribh fàilte air a h‑uile naomh ann an Crìosd Ìosa. Tha na bràithrean a tha còmhla rium a' cur fàilte oirbh.
22
Tha na naoimh gu lèir a' cur fàilte oirbh, gu h‑àraidh iadsan a tha de theaghlach Chèasair.
23
Gràs ar Tighearna Ìosa Crìosd gu robh còmhla ri ur spiorad‑se.











Philipianach 4:1
Philipianach 4:2
Philipianach 4:3
Philipianach 4:4
Philipianach 4:5
Philipianach 4:6
Philipianach 4:7
Philipianach 4:8
Philipianach 4:9
Philipianach 4:10
Philipianach 4:11
Philipianach 4:12
Philipianach 4:13
Philipianach 4:14
Philipianach 4:15
Philipianach 4:16
Philipianach 4:17
Philipianach 4:18
Philipianach 4:19
Philipianach 4:20
Philipianach 4:21
Philipianach 4:22
Philipianach 4:23






Philipianach 1 / Phi 1
Philipianach 2 / Phi 2
Philipianach 3 / Phi 3
Philipianach 4 / Phi 4