A A A A A
Gaelic Bible (Scottish) (ATN) 2017

Philipianach 1



1
Pòl agus Timòteus, seirbheisich Chrìosd Ìosa, Gu na naoimh gu lèir ann an Crìosd Ìosa, a th' ann am Philipi, cuide ri na fir‑coimhid agus ris na dèaconan:
2
Gràs dhuibh agus sìth o Dhia ar n‑Athair agus on Tighearna Ìosa Crìosd.
3
Tha mi a' toirt taing dham Dhia nam uile chuimhneachadh oirbh,
4
an‑còmhnaidh nam uile ùrnaigh a' guidhe air ur son gu lèir le aoibhneas,
5
air sgàth ur co‑chomainn san t‑soisgeul, on chiad latha gus a‑nis.
6
Oir tha mi cinnteach às an nì seo fhèin, esan a thòisich deagh obair annaibh, gun coilean e i gu latha Ìosa Crìosd.
7
Oir tha e ceart dhòmhsa a bhith a' faireachdainn mar seo mur deidhinn gu lèir, a chionn 's gu bheil sibh agam nam chridhe, oir tha sibh uile nur luchd‑compàirt de ghràs còmhla rium, an dà chuid nam phrìosanachadh agus ann an dìon is dearbhadh an t‑soisgeil.
8
Oir 's e Dia m' fhianais, a thaobh mar a tha mi gur n‑ionndrainn uile le spèis Chrìosd Ìosa.
9
Agus is i seo m' ùrnaigh, gun tèid ur gràdh a mheudachadh barrachd is barrachd ann an eòlas is anns a h‑uile tuigse,
10
airson 's gun gabh sibh deagh bheachd air na rudan as fheàrr, gus am bi sibh fìorghlan agus neoichiontach gu latha Chrìosd,
11
air ur lìonadh le toradh na fìreantachd a tha tro Ìosa Crìosd, gu glòir is cliù Dhè.
12
Ach tha mi ag iarraidh gum bi fios agaibh, a bhràithrean, gu bheil na thachair dhòmhsa air tachairt airson barrachd adhartais an t‑soisgeil,
13
air chor 's gu bheil mo phrìosanachadh ann an Crìosd air fàs iomraiteach sa phrìomh‑àros gu lèir agus dhan a h‑uile duine eile,
14
agus gu bheil a' mhòr‑chuid dhe na bràithrean san Tighearna — a tha a' gabhail misneachd air sgàth mo phrìosanachaidh — tòrr nas dàine buileach am facal aithris gun eagal.
15
Tha cuid, dha‑rìribh, a' searmonachadh Chrìosd tro fharmad is tro strì, agus cuid eile tro dheagh thoil.
16
Tha iadsan dha‑rìribh ga dhèanamh air sgàth gràidh, is fios aca gu bheil mise air mo shuidheachadh airson dìon an t‑soisgeil.
17
Tha an fheadhainn eile a' searmonachadh Chrìosd tro chonnspaid, chan ann à rùn fìor‑ghlan, a' sùileachadh àmhghar a chur rim phrìosanachadh‑sa.
18
Dè ma‑thà? Dìreach — sa h‑uile dòigh, ge b' e ann an rùin brèige no fìor — gu bheil Crìosd air a shearmonachadh, agus airson sin tha mi a' dèanamh gàirdeachas. Agus nì mi tuilleadh gàirdeachais.
19
Oir tha fios agam gun obraich seo airson mo shaoraidh tro na h‑ùrnaighean agaibhse agus tro chuideachadh Spiorad Ìosa Crìosd,
20
a rèir mo ro‑dhùil 's mo dhòchais, nach tèid nàire a chur orm ann an nì sam bith, ach leis a h‑uile dànachd, gum bi Crìosd a‑nis, mar a tha e an‑còmhnaidh, air àrdachadh nam chorp‑sa, ge b' ann tro bheatha no tro bhàs.
21
Oir dhòmhsa a bhith beò is e sin Crìosd agus bàs fhaighinn is buannachd dhomh e.
22
Ach ma tha agam ri bhith beò san fheòil, bidh sin a' ciallachadh saothair thorrach dhomh, 's chan aithne dhomh cò dhiubh a thaghainn.
23
Tha mi air mo ghlacadh eadar na dhà: agus miann agam siubhal 's a bhith còmhla ri Crìosd, oir 's e seo as fheàrr,
24
ach tha fuireach san fheòil nas fheumaile air ur son‑se.
25
Agus cinnteach às a sin, tha fios agam gum fan mi 's gum fuirich mi leibh uile, airson ur n‑adhartais is ur gàirdeachais sa chreideamh,
26
airson 's gum bi ur bòstadh dham thaobh‑sa air a mheudachadh ann an Crìosd Ìosa, trom thighinn thugaibh a‑rithist.
27
A‑mhàin giùlainibh sib' fhèin ann am modh a tha airidh air soisgeul Chrìosd, ge b' e cuin a thig mi 's gu faic mi sibh, no gum bidh mi air falbh uaibh, gun cluinn mi mur deidhinn, gu bheil sibh a' seasamh gu daingeann ann an aon spiorad, le aon inntinn, a' strì còmhla airson creideamh an t‑soisgeil,
28
gun a bhith fo eagal o ur nàimhdean — a rud a tha na chomharra dhaibhsan air sgrios, ach dhuibhse air sàbhaladh, agus sin o Dhia.
29
Oir dhuibhse chaidh a cheadachadh, air sgàth Chrìosd, chan e a‑mhàin creidsinn ann, ach cuideachd fulang air a sgàth‑san,
30
leis an aon strì agaibh 's a chunnaic sibh annamsa agus a tha sibh a‑nis a' cluinntinn a tha annam.











Philipianach 1:1

Philipianach 1:2

Philipianach 1:3

Philipianach 1:4

Philipianach 1:5

Philipianach 1:6

Philipianach 1:7

Philipianach 1:8

Philipianach 1:9

Philipianach 1:10

Philipianach 1:11

Philipianach 1:12

Philipianach 1:13

Philipianach 1:14

Philipianach 1:15

Philipianach 1:16

Philipianach 1:17

Philipianach 1:18

Philipianach 1:19

Philipianach 1:20

Philipianach 1:21

Philipianach 1:22

Philipianach 1:23

Philipianach 1:24

Philipianach 1:25

Philipianach 1:26

Philipianach 1:27

Philipianach 1:28

Philipianach 1:29

Philipianach 1:30







Philipianach 1 / Fil 1

Philipianach 2 / Fil 2

Philipianach 3 / Fil 3

Philipianach 4 / Fil 4