A A A A A
Facebook Instagram Twitter
Gaelic Bible (Scottish) (ATN) 2017

Ephèsianach 5



1
Mar sin bithibh nur luchd‑leanmhainn air Dia, mar chloinn ghràdhach
2
agus coisichibh ann an gràdh, mar a ghràdhaich Crìosd sinne cuideachd 's a thug esan e fhèin air ar son, na thabhartas is na ìobairt chùbhraidh do Dhia.
3
Ach na biodh strìopachas no neòghlaine sam bith no sannt fiù 's air ainmeachadh nur measg, mar a tha freagarrach am measg nan naomh;
4
agus na biodh drabastachd is còmhradh amaideach, no cainnt shalach ann, nach eil iomchaidh, ach an àite sin buidheachas.
5
Oir tha fios agaibh air a seo, nach eil aig neach‑strìopachais sam bith, no aig neach‑neòghlan no aig neach‑sanntach (a tha na iodhal‑adhradair), oighreachd ann an rìoghachd Chrìosd is Dhè.
6
Na mealladh neach sam bith sibh le faclan falamh, oir air sgàth nan rudan sin tha fearg Dhè a' tighinn air cloinn na h‑eas‑ùmhlachd.
7
Mar sin na bithibh‑se nur luchd‑compàirt dhiubh.
8
Oir roimhe bha sibh nur dorchadas, ach a‑nis tha sibh nur solas san Tighearna. Coisichibh mar chloinn an t‑solais
9
(oir tha toradh an t‑solais ri lorg sa h‑uile mathas, is fìreantachd is fìrinn)
10
a' dearbhadh dè a tha tlachdmhor dhan Tighearna.
11
Na gabhaibh pàirt sam bith ann an obraichean neo‑thorach an dorchadais, ach an àite sin cronaichibh iad.
12
Oir tha e nàrach fiù 's bruidhinn air na rudan a th' air an dèanamh leotha ann an uaigneas.
13
Ach tha a h‑uile sìon air a chronachadh nuair a tha e air a thoirt am follais leis an t‑solas.
14
Oir a h‑uile sìon a thig am follais 's e solas a th' ann. Air an adhbhar seo tha e air a ràdh: “Dùisg, a neach cadail, agus èirich o na mairbh, is deàlraidh Crìosd ort.”
15
Mar sin bithibh faiceallach ciamar a choisicheas sibh — chan ann gu mì‑ghlic ach gu glic,
16
ag ath‑cheannach an ama, a chionn 's gu bheil na làithean olc.
17
Mar sin na bithibh amaideach ach tuigibh dè i toil an Tighearna.
18
Agus na bithibh air mhisg le fìon, oir is e pòitearachd a tha an sin, ach bithibh air ur lìonadh leis an Spiorad,
19
a' bruidhinn ri chèile ann an sailm is laoidhean is òrain spioradail, a' seinn agus a' dèanamh ceòl le ur cridhe dhan Tighearna,
20
an‑còmhnaidh a' toirt taing airson a h‑uile sìon do Dhia an t‑Athair, ann an ainm ar Tighearna Ìosa Crìosd,
21
a' gèilleadh dha chèile ann an eagal Chrìosd.
22
A mhnathan‑pòsta, gèillibh dhur fir‑pòsta fhèin, mar dhan Tighearna.
23
Oir is e am fear‑pòsta ceann na mnà‑pòsta, mar is e Crìosd cuideachd ceann na h‑eaglaise; is esan e fhèin slànaighear a' chuirp.
24
Ach mar a tha an eaglais umhail do Chrìosd, mar sin cuideachd biodh na mnathan‑pòsta umhail dham fir‑pòsta fhèin sa h‑uile sìon.
25
Fheara‑pòsta, gràdhaichibh ur mnathan‑pòsta, dìreach mar a ghràdhaich Crìosd cuideachd an eaglais, agus a thug e e fhèin suas air a son,
26
airson 's gum faodadh e a naomhachadh, às dèidh dha a nighe le glanadh an uisge tron fhacal,
27
airson 's gum faodadh e an eaglais a nochdadh glòrmhor dha fhèin, gun smal no roc no nì sam bith dhen leithidean sin, ach gum biodh i naomh agus gun lochd.
28
Is ann mar sin a bu chòir dha na fir‑pòsta am mnathan‑pòsta fhèin a ghràdhachadh mar an cuirp fhèin. Esan a ghràdhaicheas a bhean‑phòsta, tha e ga ghràdhachadh fhèin.
29
Oir cha do dh'fhuathaich duine riamh fheòil fhèin, ach beathaichidh e i 's gabhaidh e cùram dhi, eadhon mar a tha an Tighearna a' dèanamh dhan eaglais,
30
oir tha sinn nar buill dhen chorp aige,
31
“Air an adhbhar seo fàgaidh duine athair agus a mhàthair, agus bidh e air aonadh ri bhean, agus bidh an dithis nan aon fheòil.”
32
Tha an dìomhaireachd seo mòr, ach tha mi a' bruidhinn mu Chrìosd 's mun eaglais.
33
A dh'aindeoin sin, thoireadh gach aon fa leth nur measg gràdh dha bhean fhèin mar dha fhèin, agus gun toir a' bhean‑phòsta urram dha fear.











Ephèsianach 5:1

Ephèsianach 5:2

Ephèsianach 5:3

Ephèsianach 5:4

Ephèsianach 5:5

Ephèsianach 5:6

Ephèsianach 5:7

Ephèsianach 5:8

Ephèsianach 5:9

Ephèsianach 5:10

Ephèsianach 5:11

Ephèsianach 5:12

Ephèsianach 5:13

Ephèsianach 5:14

Ephèsianach 5:15

Ephèsianach 5:16

Ephèsianach 5:17

Ephèsianach 5:18

Ephèsianach 5:19

Ephèsianach 5:20

Ephèsianach 5:21

Ephèsianach 5:22

Ephèsianach 5:23

Ephèsianach 5:24

Ephèsianach 5:25

Ephèsianach 5:26

Ephèsianach 5:27

Ephèsianach 5:28

Ephèsianach 5:29

Ephèsianach 5:30

Ephèsianach 5:31

Ephèsianach 5:32

Ephèsianach 5:33







Ephèsianach 1 / Eph 1

Ephèsianach 2 / Eph 2

Ephèsianach 3 / Eph 3

Ephèsianach 4 / Eph 4

Ephèsianach 5 / Eph 5

Ephèsianach 6 / Eph 6