A A A A A
Gaelic Bible (Scottish) (ATN) 2017

Ephèsianach 4



1
Mar sin tha mise, prìosanach an Tighearna, a' guidhe oirbh gun coisich sibh ann an dòigh a tha iomchaidh dhan ghairm leis an deach ur gairm,
2
leis a h‑uile h‑irioslachd is ciùineas, le foighidinn, a' giùlain le chèile ann an gràdh,
3
a' dèanamh dìcheall air aonachd an Spioraid a ghleidheadh ann an ceangal na sìthe.
4
Tha aon bhodhaig agus aon Spiorad ann — dìreach cuideachd mar a chaidh ur gairm ann an aon dòchas ur gairme;
5
aon Tighearna, aon chreideamh, aon bhaisteadh —
6
aon Dia agus Athair nan uile, a tha os cionn nan uile agus tro na h‑uile, agus anns na h‑uile.
7
Ach do gach aon againn chaidh gràs a thoirt a rèir tomhas tiodhlaic Chrìosd.
8
Mar sin tha e ag ràdh: “Nuair a chaidh e suas dhan àirde, thug e braighdeanas ann am bruid agus thug e tiodhlacan do dhaoine.”
9
(A‑nis, dè a tha “chaidh e suas” a' ciallachadh ach gun robh e cuideachd air a dhol sìos do phàirtean ìochdarach na talmhainn?
10
Esan a chaidh sìos, is e sin fhèin cuideachd esan a chaidh suas fada os cionn nan nèamhan, airson 's gun lìonadh e a h‑uile sìon.)
11
Agus thug e cuid mar abstoil, agus cuid mar fhàidhean, agus cuid eile mar shoisgeulaichean agus cuid eile mar aoghairean is luchd‑teagaisg,
12
gus na naoimh uidheamachadh airson obair na ministrealachd, airson corp Chrìosd a thogail suas
13
gus an ruig sinn uile air aonachd a' chreideimh agus air eòlas mhic Dhè, gu duine iomlan, gu tomhas àirde lànachd Chrìosd.
14
Airson 's nach bi sinn tuilleadh nar leanabanan, air ar tonn‑luasgadh agus air ar giùlain mun cuairt leis a h‑uile gaoth teagaisg, le caran dhaoine, le seòltachd ann an innleachdan mheallta.
15
Ach a' bruidhinn na fìrinn ann an gràdh, gum fàs sinn suas sa h‑uile dòigh a‑steach annsan as e an ceann, Crìosd,
16
om bheil an corp gu lèir, air a cheangal 's air a chumail ri chèile le na tha gach alt a' buileachadh, a rèir obrachaidh ceart gach ball fa leth, ag adhbharachadh fàs cuirp airson e fhèin a thogail suas ann an gràdh.
17
Mar sin, tha mi ag ràdh seo, agus a' toirt fianais san Tighearna, nach coisich sibh tuilleadh dìreach mar a tha na Cinnich cuideachd a' coiseachd, ann an dìomhanas an inntinnean,
18
air an dorchnachadh nan tuigse, nan coimhich do bheatha Dhè air sgàth an aineolais a th' annta, air sgàth cruas an cridhe,
19
feadhainn, às dèidh dhaibh am faireachadh a chall, a thug iad fhèin thairis do dh'fheòlmhorachd, airson a h‑uile neòghlaine a chur an gnìomh le sannt.
20
Ach cha do dh'ionnsaich sibhse Crìosd san dòigh seo,
21
ma chuala sibh dha‑rìribh e is gun deach ur teagasg leis, mar a tha an fhìrinn ann an Ìosa,
22
gun cuir sibh gu aon taobh — a thaobh an dòigh beatha a b' àbhaist a bhith agaibh — an seann duine, a tha ga thruailleadh a rèir ana‑miannan na ceilge,
23
agus gum bi sibh air ur n‑ath‑nuadhachadh ann an spiorad ur n‑inntinn,
24
is gun cuir sibh oirbh an duine ùr, a th' air a chruthachadh ann an coltas Dhè ann am fìreantachd 's ann an naomhachd na fìrinne.
25
Mar sin, a' cur a' bhreug uaibh, bruidhneadh gach neach agaibh an fhìrinn ri choimhearsnach, oir tha sinn nar buill do chàch‑a‑chèile.
26
“Bithibh feargach 's na peacaichibh”, na leigibh leis a' ghrèin a dhol fodha air ur corraich,
27
agus na toiribh cothrom dhan diabhal.
28
Esan a tha a' goid, na goideadh e tuilleadh, ach an àite sin dèanadh e saothair, ag obrachadh an rud a tha math le a làmhan, airson 's gum bi rud aige ri bhuileachadh air an neach air a bheil dìth.
29
Na tigeadh cainnt thruaillidh sam bith a‑mach às ur beul, ach an nì sin a tha math airson togail suas, a rèir na tha a dhìth, airson 's gun toir e gràs dhaibhsan a chluinneas.
30
Agus na cuiribh doilgheas air Spiorad Naomh Dhè, leis an deach seula a chur oirbh gu latha na saorsa.
31
Biodh a h‑uile seirbhe is corraich is fearg is gleadhraich is toibheum air an togail uaibh, cuide ri gach mì‑rùn
32
agus bithibh coibhneil dha chèile, teò‑chridheach, a' toirt mathanas dha chèile, dìreach mar a thug Dia ann an Crìosd mathanas dhuibhse.











Ephèsianach 4:1

Ephèsianach 4:2

Ephèsianach 4:3

Ephèsianach 4:4

Ephèsianach 4:5

Ephèsianach 4:6

Ephèsianach 4:7

Ephèsianach 4:8

Ephèsianach 4:9

Ephèsianach 4:10

Ephèsianach 4:11

Ephèsianach 4:12

Ephèsianach 4:13

Ephèsianach 4:14

Ephèsianach 4:15

Ephèsianach 4:16

Ephèsianach 4:17

Ephèsianach 4:18

Ephèsianach 4:19

Ephèsianach 4:20

Ephèsianach 4:21

Ephèsianach 4:22

Ephèsianach 4:23

Ephèsianach 4:24

Ephèsianach 4:25

Ephèsianach 4:26

Ephèsianach 4:27

Ephèsianach 4:28

Ephèsianach 4:29

Ephèsianach 4:30

Ephèsianach 4:31

Ephèsianach 4:32







Ephèsianach 1 / Eph 1

Ephèsianach 2 / Eph 2

Ephèsianach 3 / Eph 3

Ephèsianach 4 / Eph 4

Ephèsianach 5 / Eph 5

Ephèsianach 6 / Eph 6