A A A A A
Facebook Instagram Twitter
Gaelic Bible (Scottish) (ATN) 2017

Galàtianach 6



1
A bhràithrean, ma thèid neach sam bith a ghlacadh ann an cionta sam bith, sibhse a tha spioradail, aisigibh a shamhail sin de dhuine ann an spiorad na ciùine; a' toirt aire dhut fhèin, nach tèid do bhuaireadh san aon dòigh.
2
Giùlainibh uallaichean a chèile, agus mar sin coileanaidh sibh lagh Chrìosd.
3
Oir ma shaoileas duine gur e rudeigin a th' ann fhèin, nuair nach eil ann ach neoni, tha e ga mhealladh fhèin.
4
Ach dearbhadh gach neach obair fhèin, agus an uair sin bidh adhbhar bòstaidh aige dha thaobh fhèin a‑mhàin, agus chan ann a thaobh neach eile.
5
Oir giùlainidh gach neach eallach fhèin.
6
Agus dèanadh gach neach a th' air a theagasg san fhacal, co‑roinn leis an neach a tha ga theagasg, sa h‑uile rud math.
7
Na bithibh air ur mealladh, cha tèid fanaid a dhèanamh air Dia, oir ge b' e dè a chuireas duine, buainidh e seo cuideachd.
8
Oir an neach a chuireas dha fheòil fhèin, buainidh e truaillidheachd on fheòil; ach an neach a chuireas dhan Spiorad, buainidh e a' bheatha shìorraidh on Spiorad.
9
Agus na cailleamaid misneachd a thaobh math a dhèanamh, oir ann an àm iomchaidh buainidh sinn, mura gèill sinn.
10
Mar sin, fhad 's a tha an cothrom againn, dèanamaid math dhan a h‑uile duine, agus gu h‑àraidh dhaibhsan a tha de theaghlach a' chreideimh.
11
Seallaibh cho mòr 's a tha na litrichean leis an do sgrìobh mi thugaibh lem làimh fhèin.
12
Tha iadsan a tha ag iarraidh taisbeanadh math a dhèanamh san fheòil gur n‑èigneachadh gus a bhith air ur timcheall‑ghearradh, dìreach gus nach tèid geur‑leanmhainn a dhèanamh orrasan airson crann‑ceusaidh Chrìosd.
13
Oir chan eil iadsan fhèin a th' air an timcheall‑ghearradh a' cumail an lagha, ach is miann leotha sibhse a bhith air ur timcheall‑ghearradh, airson 's gum bòstadh iad nur feòil‑se.
14
Ach na tachradh e gu bràth gum bòstainn‑sa, ach ann an crann‑ceusaidh ar Tighearna Ìosa Crìosd, 's ann troimhesan a tha an saoghal air a cheusadh dhòmhsa, agus mise dhan t‑saoghal.
15
Oir cha mhotha a tha timcheall‑ghearradh na shìon, no neo‑thimcheall ghearradh, ach cruthachadh ùr.
16
Agus na h‑uimhir 's a choisicheas a rèir na riaghailt seo, sìth is tròcair orra, agus air Israel Dhè.
17
À seo suas na cuireadh neach sam bith dragh orm, oir tha mi a' giùlain chomharraidhean Ìosa nam chorp.
18
Gu robh gràs ar Tighearna Ìosa Crìosd còmhla ri ur spiorad, a bhràithrean. Amen.











Galàtianach 6:1
Galàtianach 6:2
Galàtianach 6:3
Galàtianach 6:4
Galàtianach 6:5
Galàtianach 6:6
Galàtianach 6:7
Galàtianach 6:8
Galàtianach 6:9
Galàtianach 6:10
Galàtianach 6:11
Galàtianach 6:12
Galàtianach 6:13
Galàtianach 6:14
Galàtianach 6:15
Galàtianach 6:16
Galàtianach 6:17
Galàtianach 6:18






Galàtianach 1 / Gal 1
Galàtianach 2 / Gal 2
Galàtianach 3 / Gal 3
Galàtianach 4 / Gal 4
Galàtianach 5 / Gal 5
Galàtianach 6 / Gal 6