A A A A A
Facebook Instagram Twitter
Gaelic Bible (Scottish) (ATN) 2017

2 Corintianach 13



1
Is e seo an treas uair a tha mi a' tighinn thugaibh, “Ann am beul dithis no triùir fhianaisean feumaidh a h‑uile facal a bhith air a dhèanamh seasmhach.”
2
Dh'innis mi roimhe 's tha mi ga ràdh ro‑làimh — mar gum bithinn an làthair an dara h‑uair, agus a‑nis 's mi às ur làthair — ris an fheadhainn a pheacaich roimhe agus ris a' chòrr gu lèir — ma thig mi thugaibh a‑rithist — nach caomhain mi iad —
3
a chionn 's gu bheil sibh a' sireadh dearbhadh gu bheil Crìosd a' bruidhinn annamsa, esan dhur taobh‑se nach eil lag ach cumhachdach annaibh.
4
Oir bha esan gu dearbh air a cheusadh o laigse, ach tha e beò o chumhachd Dhè. Oir tha sinne gu dearbh lag annsan, ach bidh sinn beò leis‑san o chumhachd Dhè dhur taobh‑se.
5
Rannsaichibh sib' fhèin, a bheil sibh anns a' chreideamh, dearbhaibh sib' fhèin; no nach eil sib' fhèin ga ghabhail a‑steach gu bheil Ìosa Crìosd annaibh — mura h‑eil sibh dha‑rìribh neo‑dhearbhte?
6
Ach tha mi an dòchas gun aithnich sibh nach eil sinne neo‑dhearbhte!
7
Ach tha sinn ag ùrnaigh ri Dia nach dèan sibh olc sam bith, chan ann airson 's gum bi sinne air ar nochdadh dearbhte, ach airson 's gun dèanadh sibhse am maith, ged a dh'fhaodadh sinne a bhith mar mhuinntir neo‑dhearbhte.
8
Oir chan eil sinne an comas rud sam bith a dhèanamh an aghaidh na fìrinn, ach airson na fìrinn.
9
Oir tha sinne a' dèanamh gàirdeachas uair sam bith a bhiodh sinne lag, ach a bhiodh sibhse làidir; agus tha sinn ag ùrnaigh airson seo — sibhse a bhith coileanta.
10
'S ann air an adhbhar sin a sgrìobh mi na rudan seo às ur làthair, airson 's nuair a bhios mi an làthair nach dèan mi làimhseachadh garbh oirbh, a rèir an ùghdarrais a thug an Tighearna dhomh airson ur togail suas agus chan ann airson ur leagail sìos.
11
Mu dheireadh, a bhràithrean, dèanaibh gàirdeachas, bithibh air ur dèanamh coileanta, bithibh air ur misneachadh, smaoinichibh an aon rud, bithibh aig fois, agus bidh Dia a' ghràidh 's na sìthe còmhla ribh.
12
Cuiribh fàilte air càch‑a‑chèile le pòig naoimh.
13
Tha na naoimh uile a' cur fàilte oirbh.
14
Gràs an Tighearna Ìosa Crìosd agus gràdh Dhè, agus co‑chomann an Spioraid Naoimh gu robh còmhla ribh uile.











2 Corintianach 13:1
2 Corintianach 13:2
2 Corintianach 13:3
2 Corintianach 13:4
2 Corintianach 13:5
2 Corintianach 13:6
2 Corintianach 13:7
2 Corintianach 13:8
2 Corintianach 13:9
2 Corintianach 13:10
2 Corintianach 13:11
2 Corintianach 13:12
2 Corintianach 13:13
2 Corintianach 13:14






2 Corintianach 1 / 2Cor 1
2 Corintianach 2 / 2Cor 2
2 Corintianach 3 / 2Cor 3
2 Corintianach 4 / 2Cor 4
2 Corintianach 5 / 2Cor 5
2 Corintianach 6 / 2Cor 6
2 Corintianach 7 / 2Cor 7
2 Corintianach 8 / 2Cor 8
2 Corintianach 9 / 2Cor 9
2 Corintianach 10 / 2Cor 10
2 Corintianach 11 / 2Cor 11
2 Corintianach 12 / 2Cor 12
2 Corintianach 13 / 2Cor 13