1 |
A‑nis a thaobh an tionail airson nan naomh: mar a thug mi stiùireadh do dh'eaglaisean Ghalàtia, mar sin dèanaibh‑se cuideachd. |
2 |
Air a' chiad latha gach seachdain, cuireadh gach neach agaibh rud air leth mar a shoirbhicheas leis agus gleidheadh e e, airson 's nach bi tional ri dhèanamh nuair a thig mise. |
3 |
Agus nuair a thig mi, ge b' e cò a mholas sibh, cuiridh mise iadsan, le litrichean, a ghiùlain ur tiodhlaic gu Ierusalem; |
4 |
agus mas iomchaidh dhòmhsa a dhol ann cuideachd, thèid iadsan còmhla rium. |
5 |
Ach thig mi thugaibh‑se nuair a thèid mi tro Mhacedònia — oir tha mi a' dol tro Mhacedònia; |
6 |
agus 's dòcha gum fan mi còmhla ribh, no fiù 's gun cuir mi seachad an geamhradh còmhla ribh, airson 's gun cuir sibh air mo thuras mi, ge b' e dè an t‑àite dhan tèid mi. |
7 |
Oir chan eil mi ag iarraidh ur faicinn an‑dràsta san dol seachad; oir tha dùil agam fuireach còmhla ribh airson ùine bheag, ma cheadaicheas an Tighearna. |
8 |
Ach fuirichidh mi ann an Ephesus chun na Caingis, |
9 |
oir chaidh doras mòr agus èifeachdach fhosgladh dhomh, agus tha tòrr nàimhdean ann. |
10 |
A‑nis ma thig Timòteus, feuchaibh gum bi e gun eagal còmhla ribh, oir tha e a' dèanamh obair an Tighearna, mar a tha mise. |
11 |
Mar sin na dèanadh neach sam bith tàir air. Ach cuiribh air a shlighe ann an sìth e, airson 's gun till e thugamsa, oir tha mi ga fheitheamh còmhla ri na bràithrean. |
12 |
Ach a thaobh ar bràthair Apollos, dh'earalaich mi air a dhol thugaibh le na bràithrean, ach cha b' e a mhiann‑san idir tighinn an‑dràsta, ach thig e nuair a gheibh e cothrom. |
13 |
Dèanaibh faire, seasaibh gu daingeann sa chreideamh, bithibh fearail, bithibh làidir. |
14 |
Biodh a h‑uile sìon a nì sibh air a dhèanamh ann an gràdh. |
15 |
Is aithne dhuibh teaghlach Stephanuis, gum b' iad ciad‑thoradh Achaia, agus gu bheil iad air iad fhèin a choisrigeadh do fhrithealadh dha na naoimh. A‑nis tha mi gur n‑earalachadh, a bhràithrean, |
16 |
gum biodh sibh umhail dhan leithidean sin, agus dhan a h‑uile neach a chuidicheas san obair agus a nì saothair. |
17 |
Tha mi a' dèanaibh gàirdeachas mu thighinn Stephanuis is Fhortunatuis is Achaicuis, oir rinn iad suas na bha a dhìth oirbhse. |
18 |
Oir dh'ath‑ùraich iad mo spiorad‑sa agus ur spiorad‑se. Mar sin aithnichibh an leithidean sin. |
19 |
Tha eaglaisean na h‑Àisia a' cur fàilte oirbh. Tha Acuila is Prisca, cuide ris an eaglais a tha nan taigh, a' cur fàilte chridheil oirbh san Tighearna. |
20 |
Tha na bràithrean gu lèir a' cur fàilte oirbh. Cuiribh‑se fàilte air a chèile le pòig naoimh. |
21 |
Tha mise, Pòl, a' sgrìobhadh na fàilte seo lem làimh fhèin. |
22 |
Ma tha neach ann aig nach eil gràdh dhan Tighearna, biodh e mallaichte. Thig, a Thighearna. |
23 |
Gràs an Tighearna Ìosa gu robh leibh. |
24 |
Mo ghràdh‑sa gu robh leibh uile ann an Crìosd Ìosa. Amen.
|
Gaelic Bible (Scottish) (ATN) 2017 |
© Scottish Bible Society 2017 |
|
|
|
|
|
|
|
|
|
|
1 Corintianach 16:1 |
1 Corintianach 16:2 |
1 Corintianach 16:3 |
1 Corintianach 16:4 |
1 Corintianach 16:5 |
1 Corintianach 16:6 |
1 Corintianach 16:7 |
1 Corintianach 16:8 |
1 Corintianach 16:9 |
1 Corintianach 16:10 |
1 Corintianach 16:11 |
1 Corintianach 16:12 |
1 Corintianach 16:13 |
1 Corintianach 16:14 |
1 Corintianach 16:15 |
1 Corintianach 16:16 |
1 Corintianach 16:17 |
1 Corintianach 16:18 |
1 Corintianach 16:19 |
1 Corintianach 16:20 |
1 Corintianach 16:21 |
1 Corintianach 16:22 |
1 Corintianach 16:23 |
1 Corintianach 16:24 |
|
|
|
|
|
|
1 Corintianach 1 / 1Cor 1 |
1 Corintianach 2 / 1Cor 2 |
1 Corintianach 3 / 1Cor 3 |
1 Corintianach 4 / 1Cor 4 |
1 Corintianach 5 / 1Cor 5 |
1 Corintianach 6 / 1Cor 6 |
1 Corintianach 7 / 1Cor 7 |
1 Corintianach 8 / 1Cor 8 |
1 Corintianach 9 / 1Cor 9 |
1 Corintianach 10 / 1Cor 10 |
1 Corintianach 11 / 1Cor 11 |
1 Corintianach 12 / 1Cor 12 |
1 Corintianach 13 / 1Cor 13 |
1 Corintianach 14 / 1Cor 14 |
1 Corintianach 15 / 1Cor 15 |
1 Corintianach 16 / 1Cor 16 |