A A A A A
Facebook Instagram Twitter
Gaelic Bible (Scottish) (ATN) 2017

Ròmanaich 15



1
Bu chòir dhuinne a tha làidir laigsean na feadhna nach eil làidir a ghiùlain, agus chan e a bhith gar toileachadh fhèin.
2
Toilicheadh gach aon againn a choimhearsnach airson a mhaith, gus a thogail suas.
3
Oir cha do thoilich fiù 's Crìosd e fhèin, ach mar a tha e sgrìobhte, “Na dìmeasan acasan a thug dìmeas dhutsa, thuit iad ormsa.”
4
Oir, ge b' e dè a bha sgrìobhte roimhe, bha e air a sgrìobhadh airson ar teagasg‑ne, airson 's tro fhoighidinn is tro mhisneachd nan Sgriobtar gum biodh dòchas againn.
5
Gun toireadh Dia na foighidinn 's a' mhisneachaidh dhuibh a bhith a' smaoineachadh san aon dòigh nur measg fhèin, a rèir Ìosa Crìosd,
6
airson 's, a dh'aon inntinn, le aon ghuth, gun toireadh sibh glòir do Dhia is Athair ar Tighearna Ìosa Crìosd.
7
Mar sin gabhaibh ri chèile mar a ghabh Crìosd ribhse, gu glòir Dhè.
8
Oir tha mi ag innse dhuibh gun tàinig Crìosd gus a bhith na sheirbheiseach dhan timcheall‑ghearradh air sgàth fìrinn Dhè airson 's gun dearbhadh e na geallaidhean a chaidh a thoirt dha na h‑athraichean,
9
agus airson 's gun glòraicheadh na Cinnich Dia airson a thròcair. Mar a tha e sgrìobhte: “Mar sin molaidh mi thu am measg nan Cinneach, agus seinnidh mi dhad ainm.”
10
Agus a‑rithist tha e ag ràdh: “Dèanaibh aoibhneas, a Chinneacha, le a shluagh‑san.”
11
Agus a‑rithist: “Molaibh an Tighearna, a Chinneacha uile, agus thoireadh na slòigh gu lèir moladh dha.”
12
Agus a‑rithist tha Isaiah ag ràdh: “Bidh freumh Iese ann, agus an neach a dh'èireas airson na Cinnich a riaghladh; annsan cuiridh na Cinnich an dòchas.”
13
Gum biodh Dia an dòchais gur lìonadh leis a h‑uile h‑aoibhneas is sìth ann a bhith a' creidsinn, airson 's gum biodh sibh a' cur thairis le dòchas, tro chumhachd an Spioraid Naoimh.
14
Tha mise mi fhèin dearbhte mur deidhinn, mo bhràithrean, gu bheil sibhse sib' fhèin làn maith, air ur lìonadh leis a h‑uile h‑eòlas agus an comas càch‑a‑chèile earalachadh.
15
Ach ann am pàirt tha mi air sgrìobhadh thugaibh nas dàine gus an chuimhneachadh dhuibh, air sgàth a' ghràis a chaidh a thoirt dhòmhsa le Dia,
16
gus a bhith nam mhinisteir de Chrìosd Ìosa dha na Cinnich ann an seirbheis shagartail soisgeul Dhè, airson 's gum bi tabhartas nan Cinneach fìor‑iomchaidh, air a naomhachadh leis an Spiorad Naomh.
17
Mar sin, tha bòst agam ann an Crìosd Ìosa mu ghnothaichean Dhè.
18
Oir cha dùraiginn bruidhinn air rud sam bith ach na tha Crìosd air a thoirt gu buil tromham airson na Cinnich a thoirt gu ùmhlachd — tro fhacal is gnìomh,
19
le cumhachd chomharraidhean is mhìorbhailean, le cumhachd Spiorad Dhè — airson 's, o Ierusalem is fad na slighe timcheall gu Iliricum, gu bheil mi air ministrealachd soisgeul Chrìosd a choileanadh;
20
agus mar sin le àrd‑amas an soisgeul a shearmonachadh, chan ann far a bheil Crìosd air ainmeachadh, airson 's nach togainn air bunait chuideigin eile,
21
ach mar a tha e sgrìobhte: “Dhaibhsan dha nach deach innse ma dheidhinn, chì iad, agus iadsan nach cuala, tuigidh iad.”
22
Agus mar sin chaidh bacadh a chur orm gu tric on a bhith a' tighinn thugaibh.
23
Ach a‑nis, 's gun tuilleadh àite agam sna ceàrnaidhean seo, agus gu bheil miann air a bhith agam tighinn thugaibh airson mòran bhliadhnaichean,
24
tha mi an dòchas ur faicinn ge b' e cuin a shiùbhlas mi dhan Spàinn, agus a bhith air mo chuideachadh air mo shlighe an sin leibh, ma mhealas mi ur cuideachd airson greis an toiseach.
25
A‑nis, ge‑tà, tha mi a' dol a dh'Ierusalem a' frithealadh dha na naoimh.
26
Oir tha Macedònia is Achaia air a bhith toilichte tabhartas àraidh a thoirt airson nam bochd am measg nan naomh ann an Ierusalem.
27
Oir bha iad toilichte, agus tha iad fo fhiachan dhaibh. Oir ma thàinig na Cinnich gus a bhith a' faighinn roinn sna gnothaichean spioradail acasan, bu chòir dhaibh cuideachd a bhith a' frithealadh dhaibhsan ann an gnothaichean an t‑saoghail seo.
28
Mar sin, a' crìochnachadh seo agus a' seulachadh dhaibh an toradh seo, thèid mi dhan Spàinn, an taobh agaibhse.
29
Tha fios agam, nuair a thig mi thugaibh, gun tig mi ann an lànachd bheannachd Chrìosd.
30
Tha mi a' guidhe oirbh, a bhràithrean, tro ar Tighearna Ìosa Crìosd is tro ghràdh an Spioraid, strì a dhèanamh còmhla riumsa nur n‑ùrnaighean ri Dia air mo shon‑sa,
31
airson 's gum bithinn air mo shaoradh o na h‑ana‑creidmhich ann an Iudèa, is gum biodh mo fhrithealadh do dh'Ierusalem fìor‑iomchaidh dha na naoimh,
32
airson 's nuair a tha mi air tighinn thugaibh le aoibhneas tro thoil Dhè, gum bi mi air m' ùrachadh còmhla ribh.
33
Gum biodh Dia na sìthe còmhla ribh uile. Amen.











Ròmanaich 15:1
Ròmanaich 15:2
Ròmanaich 15:3
Ròmanaich 15:4
Ròmanaich 15:5
Ròmanaich 15:6
Ròmanaich 15:7
Ròmanaich 15:8
Ròmanaich 15:9
Ròmanaich 15:10
Ròmanaich 15:11
Ròmanaich 15:12
Ròmanaich 15:13
Ròmanaich 15:14
Ròmanaich 15:15
Ròmanaich 15:16
Ròmanaich 15:17
Ròmanaich 15:18
Ròmanaich 15:19
Ròmanaich 15:20
Ròmanaich 15:21
Ròmanaich 15:22
Ròmanaich 15:23
Ròmanaich 15:24
Ròmanaich 15:25
Ròmanaich 15:26
Ròmanaich 15:27
Ròmanaich 15:28
Ròmanaich 15:29
Ròmanaich 15:30
Ròmanaich 15:31
Ròmanaich 15:32
Ròmanaich 15:33






Ròmanaich 1 / Ròm 1
Ròmanaich 2 / Ròm 2
Ròmanaich 3 / Ròm 3
Ròmanaich 4 / Ròm 4
Ròmanaich 5 / Ròm 5
Ròmanaich 6 / Ròm 6
Ròmanaich 7 / Ròm 7
Ròmanaich 8 / Ròm 8
Ròmanaich 9 / Ròm 9
Ròmanaich 10 / Ròm 10
Ròmanaich 11 / Ròm 11
Ròmanaich 12 / Ròm 12
Ròmanaich 13 / Ròm 13
Ròmanaich 14 / Ròm 14
Ròmanaich 15 / Ròm 15
Ròmanaich 16 / Ròm 16