Instagram
English
A A A A A
Gaelic Bible (Scottish) (ATN) 2017
Eòin 8
1
Ach chaidh Ìosa gu Beinn nan Crann‑Ola.
2
Tràth anns a' mhadainn thàinig e a‑rithist a‑steach dhan teampall, agus chruinnich an sluagh uile timcheall air, agus shuidh e sìos agus theagaisg e iad.
3
Agus thug na sgrìobhaichean agus na Pharasaich boireannach thuige a chaidh a ghlacadh ann an adhaltranas. Thug iad oirre seasamh anns a' mheadhan
4
agus thuirt iad ris, “Fhir‑Teagaisg, chaidh am boireannach seo a ghlacadh anns an dearbh ghnìomh, a' dèanamh adhaltranas.
5
Ach dh'àithn lagh Mhaois dhuinn a leithid‑se a chlachadh. Dè a‑nis a tha thusa ag ràdh?”
6
Thuirt iad seo airson a dhearbhadh, airson 's gum biodh cùis‑chasaid aca na aghaidh. Ach chrom Ìosa sìos agus sgrìobh e le a chorraig air an talamh.
7
Nuair a chùm iad orra ga cheasnachadh sheas e suas agus thuirt e riutha, “An neach a tha gun pheacadh nur measg‑se, tilgeadh esan clach oirre an toiseach.”
8
Agus chrom e sìos a‑rithist agus sgrìobh e air an talamh.
9
Ach nuair a chuala iadsan seo, chaidh iad a‑mach aon às dèidh aoin, a' tòiseachadh leis an fheadhainn a bu shine, agus chaidh Ìosa fhàgail na aonar, agus am boireannach na seasamh anns a' mheadhan.
10
Sheas Ìosa suas agus dh'fhaighnich e dhi, “A bhoireannaich, càit a bheil iad? Nach do dhìt neach sam bith thu?”
11
Thuirt i, “Cha do dhìt neach sam bith, a Thighearna.” Agus thuirt Ìosa rithe, “Cha mhotha a tha mise gad dhìteadh; thalla, agus on àm seo na peacaich tuilleadh.”
12
Bhruidhinn Ìosa riutha a‑rithist, ag ràdh, “Is mise solas an t‑saoghail. An neach a leanas mise, cha choisich e ann an dorchadas, ach bidh solas na beatha aige.”
13
Thuirt na Pharasaich ris, “Tha thu a' toirt fianais mud dheidhinn fhèin; chan eil d' fhianais fìor.”
14
Fhreagair Ìosa, “Fiù 's ged a tha mi a' toirt fianais mum dheidhinn fhèin, a dh'aindeoin sin tha m' fhianais fìor, oir tha fios agam cò às a thàinig mi, agus càit a bheil mi a' dol. Ach chan eil fios agaibhse cò às a thàinig mi, no càit a bheil mi a' dol.
15
Tha sibhse a' toirt breith a rèir na feòla; chan eil mise a' toirt breith air neach sam bith.
16
Ach a dh'aindeoin sin, ma bheir mise breith, tha mo bhreith fìrinneach, oir cha mhise nam aonar a tha a' toirt breith, ach mise agus an t‑Athair a chuir a‑mach mi.
17
Anns an lagh agaibh fhèin tha e sgrìobhte gu bheil fianais dithis dhaoine fìor.
18
Is mise an t‑aon a tha a' dèanamh fianais mum thimcheall fhèin, agus tha an t‑Athair a chuir a‑mach mi a' dèanamh fianais mum thimcheall.”
19
Thuirt iad ris, “Càit a bheil d' athair?” Fhreagair Ìosa, “Chan aithne dhuibhse aon chuid mise no m' Athair; nam biodh eòlas agaibh ormsa, bhiodh eòlas agaibh air m' Athair cuideachd.”
20
Dh'aithris Ìosa na briathran seo ann an ionad an ionmhais, fhad 's a bha e a' teagasg anns an teampall. Ach cha do ghlac neach sam bith e, oir cha robh an uair aige fhathast air tighinn.
21
Bhruidhinn Ìosa riutha a‑rithist, “Tha mise a' falbh, agus bidh sibh gam shireadh, agus bàsaichidh sibh nur peacadh. Chan urrainn dhuibhse tighinn dhan àite far a bheil mise a' dol.”
22
Mar sin thuirt na h‑Iùdhaich, “Am marbh e e fhèin a chionn 's gun tuirt e, ‘Far a bheil mise a' dol, chan urrainn dhuibhse tighinn’?”
23
Agus lean e air, “Tha sibhse o shìos, tha mise o shuas. Is ann dhen t‑saoghal seo a tha sibhse; chan eil mise dhen t‑saoghal seo.
24
Dh'innis mi dhuibh gum bàsaicheadh sibh nur peacaidhean; oir mura creid sibh gur ‘mise E’, gheibh sibh bàs nur peacaidhean.”
25
Thuirt iadsan, “Cò thusa?” Thuirt Ìosa riutha, “An neach sin fhèin a thuirt mi ribh on toiseach.
26
Tha mòran agam ri ràdh agus ri bhreithneachadh mur deidhinn‑se. Ach tha an t‑aon a chuir a‑mach mi fìrinneach, agus tha mise ag innse dhan t‑saoghal na rudan a chuala mi uaithesan.”
27
Cha do thuig iad gum b' ann mun Athair a bhruidhinn e riutha.
28
Mar sin thuirt Ìosa riutha, “Nuair a tha sibh air Mac an Duine a thogail suas, an uair sin bidh fios agaibh gur mise e, agus nach eil mi a' dèanamh rud sam bith uam fhèin, ach gu bheil mi a' bruidhinn dìreach mar a theagaisg an t‑Athair dhomh.
29
Agus tha an t‑aon a chuir a‑mach mi còmhla rium; cha do dh'fhàg esan nam aonar mi, a chionn 's gu bheil mi an‑còmhnaidh a' dèanamh na rudan sin a tha ga thoileachadh.”
30
Fhad 's a bha e ag ràdh na rudan seo, chreid mòran ann.
31
Mar sin thuirt Ìosa ris na h‑Iùdhaich a chreid ann, “Ma dh'fhanas sibh dìleas dham theagasg‑sa, is sibh dha‑rìribh mo dheisciobail
32
agus bidh eòlas agaibh air an fhìrinn, agus nì an fhìrinn saor sibh.”
33
Fhreagair iad e, “Is sinne sliochd Abrahàim, agus cha robh sinn riamh nar tràillean aig duine sam bith. Carson a tha thusa ag ràdh, ‘Bidh sibh air ur dèanamh saor’?”
34
Fhreagair Ìosa, “Gu deimhinn, deimhinn tha mi ag ràdh ribh, ge b' e cò a nì peacadh, is e tràill dhan pheacadh a th' ann.
35
Chan eil an tràill a' fantainn anns an taigh gu bràth, ach tha am mac a' fantainn gu bràth.
36
Mar sin, ma nì am Mac saor sibh, bidh sibh saor dha‑rìribh.
37
Tha fios agam gur e sliochd Abrahàim a th' annaibh. Ach tha sibh a' feuchainn ri mise a mharbhadh a chionn 's nach eil àite aig m' fhacal annaibh.
38
Tha mise ag ràdh an rud sin a chunnaic mi aig an Athair, agus tha sibhse a' dèanamh an rud a chunnaic sibh aig ur n‑athair fhèin.”
39
Fhreagair iadsan, “Is e Abrahàm ar n‑athair‑ne.” Thuirt Ìosa riutha, “Nam biodh sibh nur cloinn do dh'Abrahàm, dhèanadh sibh na h‑obraichean aig Abrahàm.
40
Ach a‑nis tha sibh a' feuchainn ri mise a mharbhadh, duine a dh'innis an fhìrinn dhuibh a chuala mi o Dhia. Cha do rinn Abrahàm seo.
41
Tha sibhse a' dèanamh obraichean ur n‑athar fhèin.” Thuirt iad ris, “Cha do rugadh sinne o strìopachas, tha aon Athair againn — eadhon Dia.”
42
Thuirt Ìosa riutha, “Nam b' e Dia ur n‑athair, ghràdhaicheadh sibh mise, oir chaidh mise a‑mach agus thàinig mi o Dhia. Cha tàinig mi uam fhèin, ach chuir esan a‑mach mi.
43
Carson nach eil sibh a' tuigsinn na tha mi ag ràdh? Is ann a chionn 's nach urrainn dhuibh èisteachd rim theagasg a tha e.
44
Tha sibhse o ur n‑athair an diabhal agus is iad miannan ur n‑athar as toigh leibh a dhèanamh. Bha esan na mhurtair on toiseach, agus cha sheas e anns an fhìrinn, a chionn 's nach eil fìrinn ann. Nuair a dh'innseas e breug, is ann uaithe fhèin a tha e a' bruidhinn, oir is e breugaire a th' ann agus is esan athair na brèige.
45
Ach a chionn 's gu bheil mise ag innse na fìrinn, chan eil sibh gam chreidsinn!
46
Cò agaibhse a dhearbhas gu bheil mise ciontach dhen pheacadh? Ma tha mi ag innse na fìrinn, carson nach eil sibh gam chreidsinn?
47
An neach a tha o Dhia, èistidh e ri briathran Dhè. Is e an t‑adhbhar nach eil sibh gan cluinntinn nach ann o Dhia a tha sibh.”
48
Fhreagair na h‑Iùdhaich Ìosa, “Nach math a tha sinn ag ràdh gur e Samaritanach a th' annad agus gu bheil deamhan annad.”
49
Fhreagair e, “Chan eil deamhan annam: tha urram agamsa dham Athair, ach tha eas‑urram agaibhse dhòmhsa.
50
Ach chan eil mi ag iarraidh mo ghlòir fhèin: tha aon ann a tha ga sireadh, agus is esan am britheamh.
51
Gu deimhinn, deimhinn tha mi ag ràdh ribh, ma chumas neach m' fhacal‑sa, chan fhaic e bàs gu bràth.”
52
An uair sin thuirt na h‑Iùdhaich ris, “A‑nis tha fios againn gu bheil deamhan annad. Fhuair Abrahàm bàs, fhuair agus na fàidhean, ach tha thusa ag ràdh, ‘Ma chumas neach m' fhacal‑sa, cha bhlais e bàs gu bràth.’
53
Chan eil thusa nas motha na ar n‑athair Abrahàm, a fhuair bàs, a bheil? Fhuair na fàidhean bàs cuideachd! Cò a tha thu a' dèanamh dhìot fhèin?”
54
Fhreagair Ìosa, “Ma tha mi a' toirt glòir dhomh fhèin, chan eil nam ghlòir ach neoni. Is e m' Athair, a tha sibhse ag ràdh gur e ur Dia, a tha a' toirt glòir dhomh.
55
Ach chan eil sibh air eòlas a chur air. Tha eòlas agamsa air, agus nan canainn nach aithne dhomh e, bhithinn nam bhreugaire coltach ribhse, ach is aithne dhomh e agus tha mi a' cumail an fhacail aigesan.
56
Rinn Abrahàm ur n‑athair‑se aoibhneas gum faiceadh e mo latha‑sa; chunnaic e e, agus bha e aoibhneach.”
57
Mar sin thuirt na h‑Iùdhaich ris, “Chan eil thu fhathast caogad bliadhna a dh'aois, agus a bheil thu air Abrahàm fhaicinn?”
58
Thuirt Ìosa riutha, “Gu deimhinn, deimhinn tha mi ag ràdh ribh, mun robh Abrahàm ann, ‘Is mi.’”
59
Mar sin thog iadsan clachan airson an tilgeil air Ìosa, ach dh'fhalaich e e fhèin agus chaidh e a‑mach às an teampall.
Eòin 8:1
Eòin 8:2
Eòin 8:3
Eòin 8:4
Eòin 8:5
Eòin 8:6
Eòin 8:7
Eòin 8:8
Eòin 8:9
Eòin 8:10
Eòin 8:11
Eòin 8:12
Eòin 8:13
Eòin 8:14
Eòin 8:15
Eòin 8:16
Eòin 8:17
Eòin 8:18
Eòin 8:19
Eòin 8:20
Eòin 8:21
Eòin 8:22
Eòin 8:23
Eòin 8:24
Eòin 8:25
Eòin 8:26
Eòin 8:27
Eòin 8:28
Eòin 8:29
Eòin 8:30
Eòin 8:31
Eòin 8:32
Eòin 8:33
Eòin 8:34
Eòin 8:35
Eòin 8:36
Eòin 8:37
Eòin 8:38
Eòin 8:39
Eòin 8:40
Eòin 8:41
Eòin 8:42
Eòin 8:43
Eòin 8:44
Eòin 8:45
Eòin 8:46
Eòin 8:47
Eòin 8:48
Eòin 8:49
Eòin 8:50
Eòin 8:51
Eòin 8:52
Eòin 8:53
Eòin 8:54
Eòin 8:55
Eòin 8:56
Eòin 8:57
Eòin 8:58
Eòin 8:59
Eòin 1 / Eòi 1
Eòin 2 / Eòi 2
Eòin 3 / Eòi 3
Eòin 4 / Eòi 4
Eòin 5 / Eòi 5
Eòin 6 / Eòi 6
Eòin 7 / Eòi 7
Eòin 8 / Eòi 8
Eòin 9 / Иоан 9
Eòin 10 / Иоан 10
Eòin 11 / Иоан 11
Eòin 12 / Иоан 12
Eòin 13 / Иоан 13
Eòin 14 / Иоан 14
Eòin 15 / Иоан 15
Eòin 16 / Иоан 16
Eòin 17 / Иоан 17
Eòin 18 / Иоан 18
Eòin 19 / Иоан 19
Eòin 20 / Иоан 20
Eòin 21 / Иоан 21