A A A A A
Facebook Instagram Twitter
Gaelic Bible (Scottish) (ATN) 2017

Eòin 4



1
Nuair a thuig Ìosa gun cuala na Pharasaich gun robh e a' dèanamh agus a' baisteadh barrachd dheisciobal na Eòin
2
(ged nach b' e Ìosa fhèin a bhaist, ach na deisciobail aige),
3
dh'fhàg e Iudèa agus dh'fhalbh e air ais a Ghalile.
4
Ach bha aige ri dhol tro Shamaria.
5
Mar sin thàinig e gu baile ann an Samaria ris an canar Sichar, faisg air an fhearann a thug Iàcob dha mhac Iòsaph.
6
Bha tobar Iàcoib an sin, agus shuidh Ìosa, sgìth mar a bha e on turas aige, ri taobh an tobair. Bha e mu mheadhan‑latha.
7
Thàinig boireannach o Shamaria airson uisge a tharraing. Thuirt Ìosa rithe, “Thoir dhomh deoch.”
8
(Oir bha a dheisciobail air a dhol dhan bhaile airson biadh a cheannach.)
9
Thuirt am boireannach o Shamaria ris, “Ciamar as urrainn dhutsa a tha nad Iùdhach deoch iarraidh ormsa a tha nam bhoireannach Samaritanach?” (Oir chan eil comann aig Iùdhaich ri Samaritanaich.)
10
Fhreagair Ìosa i, “Nam b' aithne dhut tiodhlac Dhè agus cò e a tha ag ràdh riut, ‘Thoir dhomh deoch,’ bhiodh tu air iarraidh airsan agus bhiodh e air uisge beò a thoirt dhut.”
11
“A Thighearna,” thuirt am boireannach, “chan eil soitheach‑tarraing agad, agus tha an tobar domhainn. Cò às an tig an t‑uisge beò sin agad?
12
Chan eil thusa nas motha na ar n‑athair Iàcob, a bheil? Thug esan dhuinne an tobar seo, agus dh'òl e às e fhèin, mar a rinn a chlann agus a sprèidh cuideachd.”
13
Fhreagair Ìosa i, “Neach sam bith a dh'òlas dhen uisge seo, bidh pathadh air a‑rithist,
14
ach ge b' e a dh'òlas dhen uisge a bheir mise dha, cha bhi pathadh gu bràth tuilleadh air. Ach an t‑uisge a bheir mise dha, bidh e na fhuaran uisge ann, ag èirigh suas chun na beatha sìorraidh.”
15
Thuirt am boireannach ris, “A Thighearna, thoir dhomh an t‑uisge seo gus nach bi pathadh orm agus nach fheum mi tighinn an seo a tharraing uisge.”
16
Thuirt Ìosa rithe, “Thalla 's gairm air d' fhear agus till an seo.”
17
“Chan eil fear‑pòsta agam,” fhreagair am boireannach. Thuirt Ìosa rithe, “Tha thu ceart nuair a tha thu ag ràdh, ‘Chan eil fear‑pòsta agam,’
18
oir tha còignear fhear‑pòsta air a bhith agad, agus am fear a tha agad an‑dràsta, chan e d' fhear‑pòsta fhèin a th' ann. Tha an rud a thubhairt thu fìor.”
19
Thuirt am boireannach ris, “A Thighearna, tha mi a' faicinn gur e fàidh a th' annad.
20
Rinn ar n‑athraichean adhradh air a' bheinn seo, ach tha sibhse ag ràdh gur e Ierusalem an t‑àite far am bu chòir adhradh a bhith air a dhèanamh.”
21
Thuirt Ìosa rithe, “A bhoireannaich, creid mise, tha an uair a' tighinn nuair nach ann air a' bheinn seo no ann an Ierusalem a nì sibh adhradh dhan Athair.
22
Tha sibhse a' dèanamh adhradh dhan rud nach aithne dhuibh, tha sinne a' dèanamh adhradh dhan rud as aithne dhuinn, oir is ann o na h‑Iùdhaich a tha saoradh.
23
Ach tha an uair a' tighinn, agus tha e a‑nis ann, nuair a nì am fìor luchd‑adhraidh adhradh dhan Athair ann an spiorad agus ann am fìrinn, oir is iad a leithid seo de luchd‑adhraidh a tha an t‑Athair a' sireadh.
24
Is e spiorad a th' ann an Dia, agus feumaidh an luchd‑adhraidh aige adhradh a dhèanamh dha ann an spiorad agus ann am fìrinn.”
25
Thuirt am boireannach ris, “Tha fios agam gu bheil am Mesiah (ris an canar Crìosd) a' tighinn. Nuair a thig esan, innsidh e a h‑uile rud dhuinn.”
26
Thuirt Ìosa rithe, “Is mise esan a tha a' bruidhinn riut.”
27
Dìreach an uair sin thill a dheisciobail agus chuir e iongnadh orra gun robh e a' còmhradh ri boireannach. Ach cha do dh'fhaighnich aon neach, “Dè a tha thu a' sireadh?” no “Carson a tha thu a' còmhradh rithe?”
28
Mar sin, a' fàgail a soitheach‑uisge, dh'fhalbh am boireannach dhan bhaile agus thuirt i ris na daoine,
29
“Thigibh 's faicibh duine a dh'innis dhòmhsa a h‑uile rud a rinn mi riamh. Nach e seo an Crìosd?”
30
Chaidh iad a‑mach às a' bhaile agus thàinig iad thuigesan.
31
Aig a' cheart àm dh'iarr a dheisciobail air, “A Rabaidh, ith rudeigin.”
32
Ach thuirt esan riutha, “Tha biadh agamsa ri ithe air nach eil fios agaibhse.”
33
Mar sin thuirt na deisciobail ri chèile, “Cha tug neach sam bith rudeigin thuige ri ithe, an tug?”
34
Thuirt Ìosa riutha, “Is e mo bhiadh‑sa toil an aoin a chuir a‑mach mi a dhèanamh, agus an obair aigesan a chrìochnachadh.
35
Nach bi sibhse ag ràdh, ‘Tha ceithir mìosan ann fhathast gus an tig am foghar’? Seallaibh, tha mise ag ràdh ribh, togaibh suas ur sùilean agus faicibh na h‑achaidhean, oir tha iad geal gu fogharadh.
36
Mu thràth tha an t‑aon a bhuaineas a' faighinn tuarastail, agus a' cruinneachadh toraidh airson na beatha sìorraidh, airson 's gun dèan an t‑aon a chuireas agus an t‑aon a bhuaineas aoibhneas le chèile.
37
Oir an seo tha an abairt fìor, ‘Tha aon neach a' cur agus neach eile a' buain.’
38
Chuir mise sibhse a bhuain rud nach do shaothraich sibh air a shon. Tha feadhainn eile air saothrachadh, agus tha sibhse air buannachd fhaighinn o an saothair‑san.”
39
Chreid mòran Shamaritanach on bhaile sin annsan — air sgàth facal fianais a' bhoireannaich, “Dh'innis e dhomh a h‑uile rud a rinn mi riamh.”
40
Mar sin, nuair a thàinig na Samaritanaich thuige, dh'iarr iad air fantainn còmhla riutha, agus dh'fhuirich e an sin dà latha.
41
Agus chreid mòran a bharrachd air sgàth an fhacail aige.
42
Thuirt iad ris a' bhoireannach, “Chan ann air sgàth na thuirt thusa a tha sinn a' creidsinn tuilleadh; oir chuala sinn fhèin e, agus tha fios againn gur esan dha‑rìribh Slànaighear an t‑saoghail.”
43
Às dèidh an dà latha sin dh'fhalbh e, agus chaidh e às a sin a Ghalile.
44
(Oir bha Ìosa fhèin air fianais a thoirt nach eil urram aig fàidh na thìr fhèin.)
45
Nuair a thàinig e gu Galile, ghabh na Galilèaich ris. Bha iad air a h‑uile rud a rinn e ann an Ierusalem aig an Fhèill fhaicinn, oir chaidh iadsan cuideachd chun na Fèille.
46
Thàinig Ìosa a‑rithist gu Càna Ghalile far an do rinn e uisge na fhìon. Agus bha oifigeach rìoghail àraidh ann aig an robh mac a bha tinn ann an Capernàum.
47
Nuair a chuala an duine seo gun robh Ìosa air tighinn a‑nuas à Iudèa gu Galile, chaidh e thuige agus dh'iarr e air tighinn a‑nuas agus a mhac a shlànachadh, oir bha e gus bàsachadh.
48
Mar sin thuirt Ìosa ris, “Mura faic sibh comharraidhean mìorbhaileach agus iongantasan cha chreid sibh.”
49
Thuirt an t‑oifigeach rìoghail, “A Thighearna, thig a‑nuas mus bàsaich mo leanabh.”
50
Fhreagair Ìosa, “Thalla, tha do mhac beò.” Chreid an duine am facal a thuirt Ìosa ris agus dh'fhalbh e.
51
Fhad 's a bha e a' dol sìos, choinnich a sheirbheisich ris, leis an naidheachd gun robh a mhac beò.
52
Mar sin dh'fhaighnich e dhaibh cuin a dh'fhàs e na b' fheàrr, agus thuirt iad ris, “Dh'fhàg am fiabhras e an‑dè aig uair feasgar.”
53
Mar sin thuig an t‑athair gum b' e sin an dearbh uair nuair a thuirt Ìosa ris, “Tha do mhac beò.” Agus chreid e fhèin agus a theaghlach uile.
54
B' e seo a‑nis an dara comharra mìorbhaileach a rinn Ìosa, nuair a bha e air tighinn à Iudèa gu Galile.











Eòin 4:1
Eòin 4:2
Eòin 4:3
Eòin 4:4
Eòin 4:5
Eòin 4:6
Eòin 4:7
Eòin 4:8
Eòin 4:9
Eòin 4:10
Eòin 4:11
Eòin 4:12
Eòin 4:13
Eòin 4:14
Eòin 4:15
Eòin 4:16
Eòin 4:17
Eòin 4:18
Eòin 4:19
Eòin 4:20
Eòin 4:21
Eòin 4:22
Eòin 4:23
Eòin 4:24
Eòin 4:25
Eòin 4:26
Eòin 4:27
Eòin 4:28
Eòin 4:29
Eòin 4:30
Eòin 4:31
Eòin 4:32
Eòin 4:33
Eòin 4:34
Eòin 4:35
Eòin 4:36
Eòin 4:37
Eòin 4:38
Eòin 4:39
Eòin 4:40
Eòin 4:41
Eòin 4:42
Eòin 4:43
Eòin 4:44
Eòin 4:45
Eòin 4:46
Eòin 4:47
Eòin 4:48
Eòin 4:49
Eòin 4:50
Eòin 4:51
Eòin 4:52
Eòin 4:53
Eòin 4:54






Eòin 1 / Eòi 1
Eòin 2 / Eòi 2
Eòin 3 / Eòi 3
Eòin 4 / Eòi 4
Eòin 5 / Eòi 5
Eòin 6 / Eòi 6
Eòin 7 / Eòi 7
Eòin 8 / Eòi 8
Eòin 9 / Eòi 9
Eòin 10 / Eòi 10
Eòin 11 / Eòi 11
Eòin 12 / Eòi 12
Eòin 13 / Eòi 13
Eòin 14 / Eòi 14
Eòin 15 / Eòi 15
Eòin 16 / Eòi 16
Eòin 17 / Eòi 17
Eòin 18 / Eòi 18
Eòin 19 / Eòi 19
Eòin 20 / Eòi 20
Eòin 21 / Eòi 21