A A A A A
Facebook Instagram Twitter
Gaelic Bible (Scottish) (ATN) 2017

Eòin 13



1
A‑nis ro Fhèill na Càisge, nuair a b' aithne do dh'Ìosa gun robh an uair aige air tighinn airson a dhol às an t‑saoghal seo chun an Athar, às dèidh dha a mhuinntir fhèin a bh' anns an t‑saoghal a ghràdhachadh, ghràdhaich e chun an deiridh iad.
2
Agus fhad 's a bha iad aig suipear, bha an diabhal mu thràth air a chur ann an cridhe Iùdais Iscariot, mac Shìmoin, esan a bhrath.
3
Bha fios aig Ìosa gun tug an t‑Athair a h‑uile rud dha na làmhan, agus gur ann o Dhia a thàinig e, agus gur ann gu Dia a bha e a' dol.
4
Dh'èirich Ìosa on t‑suipeir, agus chuir e dheth an t‑aodach‑uachdair aige, agus a' gabhail grèim air searbhadair, shuain e mun cuairt air fhèin e.
5
An uair sin, dhòirt e uisge ann an soitheach‑nighe, agus thòisich e air casan nan deisciobal a nighe agus an tiormachadh leis an t‑searbhadair a bha suainte mun cuairt air fhèin.
6
Thàinig e gu Sìmon Peadar, a thuirt ris, “A Thighearna, a bheil thusa a' dol a nighe mo chasan‑sa?”
7
Fhreagair Ìosa, “An rud seo a tha mi a' dèanamh cha tuig thusa an‑dràsta, ach tuigidh tu às dèidh seo.”
8
Thuirt Peadar ris, “Cha nigh thu mo chasan‑sa gu bràth.” Fhreagair Ìosa e, “Mura nigh mi thu, chan eil pàirt agad còmhla rium.”
9
Thuirt Sìmon Peadar ris, “A Thighearna, chan iad mo chasan a‑mhàin, ach cuideachd mo làmhan agus mo cheann!”
10
Fhreagair Ìosa, “An neach a th' air a nighe, chan eil feum aige ach air a chasan a ghlanadh agus tha e gu h‑iomlan glan. Agus tha sibhse glan, ach chan eil a h‑uile h‑aon agaibh glan.”
11
Oir bha fios aige cò a bha a' dol ga bhrathadh; b' ann air an adhbhar sin a thuirt e, “Chan eil a h‑uile h‑aon agaibh glan.”
12
Mar sin, às dèidh dha an casan a nighe, agus a chuid aodaich uachdair a chur air, shuidh e air ais na àite fhèin, agus thuirt e riutha, “A bheil sibh a' tuigsinn dè a rinn mi dhuibh?
13
Tha sibh a' gabhail Fear‑Teagaisg agus Tighearna ormsa, agus tha sibh ceart, oir is e sin a th' annam.
14
Mar sin, ma nigh mise — ur Tighearna agus ur Fear‑Teagaisg — ur casan‑se, bu chòir dhuibhse cuideachd casan a chèile a nighe.
15
Oir thug mi eisimpleir dhuibh, airson 's gun dèanadh sibhse cuideachd mar a rinn mise dhuibhse.
16
Gu deimhinn, deimhinn tha mi ag ràdh ribh, chan eil seirbheiseach nas motha na a mhaighstir, agus chan eil teachdaire nas motha na an neach a chuir a‑mach e.
17
Mas aithne dhuibh na rudan seo, is beannaichte a tha sibh ma nì sibh iad.”
18
“Chan eil mi a' bruidhinn mur deidhinn uile; is aithne dhomh cò iad a thagh mi. Ach feumaidh an Sgriobtar a bhith air a choileanadh: ‘An neach a tha ag ithe m' aran‑sa, thog e a shàil nam aghaidh.’
19
“Tha mi ag innse seo dhuibh a‑nis mus tachair e, airson 's nuair a thachras e, gun creid sibh gur mise esan.
20
Gu deimhinn, deimhinn tha mi ag ràdh ribh, ge b' e cò a ghabhas ri neach sam bith a chuireas mise a‑mach, tha e a' gabhail riumsa, agus ge b' e cò a ghabhas riumsa, tha e a' gabhail ris an aon a chuir a‑mach mi.”
21
Às dèidh do dh'Ìosa na rudan seo a ràdh, bha e fo dhragh mòr na spiorad, agus thug e fianais, “Gu deimhinn, deimhinn tha mi ag ràdh ribh gum brath aon agaibh mise.”
22
Sheall na deisciobail ri chèile agus iad mì‑chinnteach a thaobh cò ma dheidhinn a bha e a' bruidhinn.
23
Bha aon dhe na deisciobail aige, am fear a bu ghràdhach le Ìosa, na shìneadh air com Ìosa.
24
Mar sin smèid Sìmon Peadar ris‑san, airson 's gum faighnicheadh e do dh'Ìosa cò mu dheidhinn a bhruidhinn e.
25
A' sìneadh air ais mar sin air com Ìosa, thuirt e ris, “A Thighearna, cò e?”
26
Fhreagair Ìosa, “Is esan an neach sin dhan toir mise an grèim arain seo, às dèidh dhomh a bhogadh.” Agus nuair a bhog e an grèim, thug e do dh'Iùdas, mac Shìmoin Iscariot, e.
27
An uair sin, às dèidh dha an grèim a ghabhail, chaidh an Sàtan a‑steach ann. Mar sin thuirt Ìosa ris, “An rud a tha thu a' dol a dhèanamh, dèan gu luath e.”
28
Ach cha do thuig aon dhiubhsan a bha aig a' bhòrd carson a thuirt e seo ris.
29
Shaoil cuid dhiubh, a chionn 's gun robh an sporan aig Iùdas, gun robh Ìosa ag ràdh ris, “Ceannaich na rudan a tha a dhìth oirnn airson na Fèille,” no gum bu chòir dha rudeigin a thoirt dha na bochdan.
30
Mar sin, às dèidh dhàsan an grèim a ghabhail, chaidh e a‑mach anns a' bhad; agus bha an oidhche ann.
31
Nuair a bha esan air a dhol a‑mach, thuirt Ìosa, “A‑nis tha Mac an Duine air a ghlòrachadh, agus tha Dia air a ghlòrachadh annsan.
32
Ma tha Dia air a ghlòrachadh annsan, glòraichidh Dia esan cuideachd ann fhèin, agus glòraichidh e anns a' bhad e.
33
“A chlann bheag, bidh mise còmhla ribh dìreach ùine bheag fhathast. Siridh sibh mi, agus dìreach mar a thuirt mi ri na h‑Iùdhaich, tha mi a‑nis ag ràdh ribhse, ‘Far a bheil mise a' dol, chan urrainn dhuibhse tighinn’.
34
“Àithne ùr tha mi a' toirt dhuibh, gun gràdhaich sibh a chèile. Dìreach mar a ghràdhaich mise sibhse, feumaidh sibh fhèin a chèile a ghràdhachadh cuideachd.
35
Le seo aithnichidh na h‑uile gur sibh mo dheisciobail‑sa, ma bhios gràdh agaibh dha chèile.”
36
Thuirt Sìmon Peadar ris, “A Thighearna, càit a bheil thu a' dol?” Fhreagair Ìosa e, “Far a bheil mise a' dol, chan urrainn dhutsa mo leantainn an‑dràsta, ach leanaidh tu mi às dèidh seo.”
37
Thuirt Peadar ris, “A Thighearna, carson nach urrainn dhomh do leantainn an‑dràsta? Leigidh mise sìos mo bheatha air do shon.”
38
Fhreagair Ìosa, “An leig thusa do bheatha sìos air mo shon‑sa? Gu deimhinn, deimhinn tha mi ag ràdh riut nach gairm an coileach gus an àich thu mi trì tursan.”











Eòin 13:1

Eòin 13:2

Eòin 13:3

Eòin 13:4

Eòin 13:5

Eòin 13:6

Eòin 13:7

Eòin 13:8

Eòin 13:9

Eòin 13:10

Eòin 13:11

Eòin 13:12

Eòin 13:13

Eòin 13:14

Eòin 13:15

Eòin 13:16

Eòin 13:17

Eòin 13:18

Eòin 13:19

Eòin 13:20

Eòin 13:21

Eòin 13:22

Eòin 13:23

Eòin 13:24

Eòin 13:25

Eòin 13:26

Eòin 13:27

Eòin 13:28

Eòin 13:29

Eòin 13:30

Eòin 13:31

Eòin 13:32

Eòin 13:33

Eòin 13:34

Eòin 13:35

Eòin 13:36

Eòin 13:37

Eòin 13:38







Eòin 1 / Eòi 1

Eòin 2 / Eòi 2

Eòin 3 / Eòi 3

Eòin 4 / Eòi 4

Eòin 5 / Eòi 5

Eòin 6 / Eòi 6

Eòin 7 / Eòi 7

Eòin 8 / Eòi 8

Eòin 9 / Eòi 9

Eòin 10 / Eòi 10

Eòin 11 / Eòi 11

Eòin 12 / Eòi 12

Eòin 13 / Eòi 13

Eòin 14 / Eòi 14

Eòin 15 / Eòi 15

Eòin 16 / Eòi 16

Eòin 17 / Eòi 17

Eòin 18 / Eòi 18

Eòin 19 / Eòi 19

Eòin 20 / Eòi 20

Eòin 21 / Eòi 21