1 |
An uair sin dh'èirich a' chuideachd gu lèir agus thug iad gu Pìlat e. |
2 |
Agus thòisich iad air casaidean a chur air, ag ràdh, “Fhuair sinn am fear seo a' cur ar nàisean air seachran agus gar bacadh o chìs a thoirt do Chèasar, ag ràdh gur e fhèin Crìosd, a tha na rìgh.” |
3 |
Dh'fhaighnich Pìlat dha, “An tusa Rìgh nan Iùdhach?” Agus fhreagair esan e, “Tha thu ga ràdh.” |
4 |
An uair sin thuirt Pìlat ris na h‑àrd‑shagartan agus ris an t‑sluagh, “Chan eil mi a' faighinn coire sam bith anns an duine seo.” |
5 |
Ach chùm iadsan orra, ag ràdh, “Tha e a' brosnachadh an t‑sluaigh, a' teagasg tro Iudèa uile, o Ghalile far an do thòisich e eadhon thuige seo.” |
6 |
Nuair a chuala Pìlat seo, dh'fhaighnich e am b' e Galilèach a bh' anns an duine. |
7 |
Agus nuair a fhuair e a‑mach gum b' ann fo uachdaranas Heroid a bha e, chuir e gu Herod e, a bha e fhèin ann an Ierusalem aig an àm sin. |
8 |
Nuair a chunnaic Herod Ìosa bha e fìor thoilichte, oir bha e a' miannachadh fhaicinn airson ùine mhòir air sgàth 's na chuala e ma dheidhinn agus bha e an dòchas fhaicinn‑san a' dèanamh comharra air choreigin. |
9 |
Mar sin cheasnaich e le mòran cheistean e, ach cha tug esan freagairt sam bith dha. |
10 |
Sheas na h‑àrd‑shagartan agus na sgrìobhaichean a' cur chasaidean air gu cruaidh. |
11 |
An uair sin chuir Herod agus a shaighdearan ann an suarachas e agus rinn iad magadh air. Agus às dèidh a sgeadachadh ann an aodach àlainn, chuir e air ais gu Pìlat e. |
12 |
Thàinig Herod agus Pìlat gus a bhith nan caraidean air an latha sin, oir roimhe sin bha iad nàimhdeil ri chèile. |
13 |
Ghairm Pìlat an uair sin còmhla na h‑àrd‑shagartan, na riaghladairean agus an sluagh, |
14 |
agus thuirt e riutha, “Thug sibh thugamsa an duine seo, mar neach a tha a' tionndadh an t‑sluaigh a thaobh. Tha mi air a cheasnachadh nur làthair agus cha d' fhuair mi coire sam bith san duine seo a thaobh nan casaidean a tha sibh a' dèanamh na aghaidh. |
15 |
Cha mhotha a fhuair Herod, oir chuir e air ais thugainn e. Mar sin cha deach rud sam bith a dhèanamh leis a tha airidh air bàs. |
16 |
Mar sin peanasaichidh mise e agus leigidh mi mu sgaoil e.” |
17 |
[A‑nis dh'fheumadh e aon phrìosanach a leigeil mu sgaoil dhaibh aig an Fhèill. ] |
18 |
Agus dh'èigh iad uile a‑mach, ag ràdh, “Air falbh leis an fhear seo! Leig Barabas mu sgaoil dhuinn!” |
19 |
Fear a chaidh a thilgeil dhan phrìosan airson ceannairc àraidh a thòisich anns a' bhaile, agus airson murt. |
20 |
Bhruidhinn Pìlat riutha a‑rithist, ag iarraidh a leigeil ma sgaoil. |
21 |
Ach chùm iad orra ag èigheach, “Ceus e! Ceus e!” |
22 |
Ach an treas uair thuirt e riutha, “Carson, dè an t‑olc a rinn e? Cha d' fhuair mise ciont sam bith ann a tha airidh air bàs. Mar sin, peanasaichidh mi e agus leigidh mi mu sgaoil e.” |
23 |
Ach le èighean mhòra, ge‑tà, dh'iarr iad gum biodh esan air a cheusadh, agus bhuadhaich an guthan‑san. |
24 |
Mar sin roghnaich Pìlat gun deigheadh na dh'iarr iad a dhèanamh. |
25 |
Leig e mu sgaoil an duine a bha air a bhith air a thilgeil dhan phrìosan airson ceannairc agus murt, an neach a dh'iarr iad, ach thug e thairis Ìosa dhan toil‑san. |
26 |
Fhad 's a threòraich iad air falbh e, rug iad air fear Sìmon o Chìrene, a bha a' tighinn a‑steach on dùthaich; agus chuir iad an crann‑ceusaidh air, airson a ghiùlain às dèidh Ìosa. |
27 |
Agus lean buidheann mhòr e dhen t‑sluagh agus de bhoireannaich a bha cuideachd ri bròn agus a' caoineadh air a shon. |
28 |
Ach a' tionndadh thuca, thuirt Ìosa, “A nigheanan Ierusaleim, na caoinibh air mo shon‑sa, ach caoinibh air ur son fhèin agus airson ur cloinne. |
29 |
Oir seall, tha na làithean a' tighinn anns an can iad, ‘Is beannaichte na boireannaich neo‑thorrach, agus na bronnan nach do ghiùlain clann, agus na cìochan nach tug bainne!’ |
30 |
An uair sin, “‘tòisichidh iad air cantainn ris na beanntan, “Tuitibh oirnn!” Agus ri na cnuic, “Falaichibh sinn!”’ |
31 |
“Oir ma nì iad na rudan seo nuair a tha am fiodh uaine, dè a thachras nuair a bhios e tioram?” |
32 |
Chaidh dithis eile cuideachd, a bha nan eucoraich, a threòrachadh air falbh gus a bhith air an ceusadh còmhla ris. |
33 |
Nuair a thàinig iad chun an àite ris an canar An Claigeann, an sin cheus iad e, agus na h‑eucoraich — fear dhiubh air a làimh dheis agus am fear eile air a làimh chlì. |
34 |
Agus thuirt Ìosa, “Athair, thoir mathanas dhaibh, oir chan aithne dhaibh dè tha iad a' dèanamh.” Agus airson a chuid aodaich a roinn thilg iad croinn. |
35 |
Agus sheas an sluagh a' coimhead, agus rinn na riaghladairean magadh air, ag ràdh, “Shàbhail e daoine eile; sàbhaileadh e e fhèin, mas e seo Crìosd Dhè, am Fear Taghte.” |
36 |
Agus rinn na saighdearan cuideachd magadh air, a' tighinn suas thuige agus a' tairgsinn fìon‑geur dha |
37 |
agus ag ràdh, “Mas tu Rìgh nan Iùdhach, sàbhail thu fhèin.” |
38 |
Agus bha sgrìobhadh cuideachd os a chionn: “IS E SEO RÌGH NAN IÙDHACH.” |
39 |
A‑nis thug aon dhe na h‑eucoraich a chaidh a chrochadh toibheum dha, ag ràdh, “Nach tusa an Crìosd? Saor thu fhèin agus sinne!” |
40 |
Ach chronaich am fear eile e, ag ràdh, “Nach eil eagal Dhè idir ort, on a tha thu fon aon dìteadh? |
41 |
Oir tha sinne ga fhaighinn ann an ceartas, dìoladh iomchaidh airson ar gnìomhan. Ach cha do rinn an duine seo cron sam bith.” |
42 |
Agus thuirt e, “Ìosa, cuimhnich ormsa nuair a thig thu a‑steach dhad rìoghachd.” |
43 |
Agus thuirt esan, “Gu deimhinn tha mi ag ràdh riut, an‑diugh bidh thu còmhla riumsa ann am Pàrras.” |
44 |
Bha e a‑nis mu mheadhan‑latha agus thàinig dorchadas thairis air an tìr gu lèir gu trì uairean feasgar, |
45 |
oir chaidh solas na grèine fhalach. Agus chaidh cùirtear an teampaill a shracadh na mheadhan. |
46 |
An uair sin dh'èigh Ìosa le guth àrd, “Athair, a‑steach dhad làmhan‑sa tha mi ag earbsa mo spioraid!” Agus nuair a thuirt e seo, thug e suas an deò. |
47 |
A‑nis, nuair a chunnaic an ceannard‑ceud an rud a chaidh a dhèanamh, thug e glòir do Dhia, ag ràdh, “Gu cinnteach bha an duine seo ionraic.” |
48 |
Nuair a chunnaic an sluagh uile a bh' air cruinneachadh airson an t‑seallaidh sin na rudan a chaidh a dhèanamh, thill iad air ais dhachaigh a' bualadh an cuim. |
49 |
Agus sheas a luchd‑eòlais uile, agus na boireannaich a lean e o Ghalile, fad às, a' coimhead air na rudan sin. |
50 |
A‑nis bha duine ann air an robh an t‑ainm Iòsaph, ball dhen chomhairle, a bha na dhuine math agus na fhìrean, |
51 |
nach robh air aontachadh len co‑dhùnadh no len gnìomh. B' ann o Arimatèa, baile Iùdhach, a bha e agus bha e a' feitheamh air rìoghachd Dhè. |
52 |
Chaidh an duine seo gu Pìlat agus dh'iarr e corp Ìosa. |
53 |
An uair sin thug e a‑nuas e, shuain e ann an anart e agus chuir e ann an tuam a chaidh a ghearradh à creig e, anns nach deach duine a chur riamh. |
54 |
B' e Latha an Ullachaidh a bh' ann, agus bha an t‑Sàbaid a' tòiseachadh. |
55 |
Lean na boireannaich a bh' air tighinn còmhla ri Ìosa o Ghalile, agus chunnaic iad an tuam agus mar a chaidh a chorp a chur na shìneadh ann. |
56 |
An uair sin thill iad agus dh'ullaich iad spìosraidhean agus olaichean‑cùbhraidh. Agus ghabh iad fois air latha na Sàbaid, a rèir na h‑àithne.
|
Gaelic Bible (Scottish) (ATN) 2017 |
© Scottish Bible Society 2017 |
|
|
|
|
|
|
|
|
|
|
Lùcas 23:1 |
Lùcas 23:2 |
Lùcas 23:3 |
Lùcas 23:4 |
Lùcas 23:5 |
Lùcas 23:6 |
Lùcas 23:7 |
Lùcas 23:8 |
Lùcas 23:9 |
Lùcas 23:10 |
Lùcas 23:11 |
Lùcas 23:12 |
Lùcas 23:13 |
Lùcas 23:14 |
Lùcas 23:15 |
Lùcas 23:16 |
Lùcas 23:17 |
Lùcas 23:18 |
Lùcas 23:19 |
Lùcas 23:20 |
Lùcas 23:21 |
Lùcas 23:22 |
Lùcas 23:23 |
Lùcas 23:24 |
Lùcas 23:25 |
Lùcas 23:26 |
Lùcas 23:27 |
Lùcas 23:28 |
Lùcas 23:29 |
Lùcas 23:30 |
Lùcas 23:31 |
Lùcas 23:32 |
Lùcas 23:33 |
Lùcas 23:34 |
Lùcas 23:35 |
Lùcas 23:36 |
Lùcas 23:37 |
Lùcas 23:38 |
Lùcas 23:39 |
Lùcas 23:40 |
Lùcas 23:41 |
Lùcas 23:42 |
Lùcas 23:43 |
Lùcas 23:44 |
Lùcas 23:45 |
Lùcas 23:46 |
Lùcas 23:47 |
Lùcas 23:48 |
Lùcas 23:49 |
Lùcas 23:50 |
Lùcas 23:51 |
Lùcas 23:52 |
Lùcas 23:53 |
Lùcas 23:54 |
Lùcas 23:55 |
Lùcas 23:56 |
|
|
|
|
|
|
Lùcas 1 / Lùc 1 |
Lùcas 2 / Lùc 2 |
Lùcas 3 / Lùc 3 |
Lùcas 4 / Lùc 4 |
Lùcas 5 / Lùc 5 |
Lùcas 6 / Lùc 6 |
Lùcas 7 / Lùc 7 |
Lùcas 8 / Lùc 8 |
Lùcas 9 / Lùc 9 |
Lùcas 10 / Lùc 10 |
Lùcas 11 / Lùc 11 |
Lùcas 12 / Lùc 12 |
Lùcas 13 / Lùc 13 |
Lùcas 14 / Lùc 14 |
Lùcas 15 / Lùc 15 |
Lùcas 16 / Lùc 16 |
Lùcas 17 / Lùc 17 |
Lùcas 18 / Lùc 18 |
Lùcas 19 / Lùc 19 |
Lùcas 20 / Lùc 20 |
Lùcas 21 / Lùc 21 |
Lùcas 22 / Lùc 22 |
Lùcas 23 / Lùc 23 |
Lùcas 24 / Lùc 24 |