A A A A A
Gaelic Bible (Scottish) (ATN) 2017

Lùcas 12



1
Aig a' cheart àm, nuair a bha sluagh de mhìltean air cruinneachadh ann an dòigh 's gun robh iad a' stampadh air a chèile, thòisich Ìosa air a ràdh ri a dheisciobail fhèin, “Thoiribh an aire oirbh fhèin o thaois nam Pharasach, is e sin breug‑chràbhachd.
2
Chan eil rud sam bith air a chòmhdach nach bi air fhoillseachadh, no falaichte nach tèid a dhèanamh aithnichte.
3
Mar sin, ge b' e dè a thuirt sibh anns an dorchadas, thèid a chluinntinn anns an t‑solas, agus an rud a chagair sibh sa chluais ann an seòmraichean uaigneach, thèid èigheach air mullach nan taighean.
4
“Tha mi ag ràdh ribhse, mo chàirdean, na biodh eagal oirbh on fheadhainn sin a mharbhas an corp, agus às dèidh sin aig nach eil an còrr aca a nì iad.
5
Ach seallaidh mi dhuibh cò e rom bu chòir eagal a bhith oirbh: biodh eagal an Aoin sin oirbh aig a bheil ùghdarras, às dèidh dha marbhadh, tilgeil do dh'Ifrinn. Seadh, biodh eagal an Aoin seo oirbh.
6
Nach eil còig gealbhoinn air an reic air dà sgillinn? Ach chan eil aon aca air a dhìochuimhneachadh mu choinneamh Dhè.
7
Dha‑rìribh tha eadhon fuiltean ur cinn uile air an àireamh. Na biodh eagal oirbh: tha sibhse nas luachmhoire na mòran ghealbhonn.
8
“Agus tha mise ag innse dhuibh, a h‑uile neach a dh'aidicheas mise mu choinneamh dhaoine, aidichidh Mac an Duine esan cuideachd an làthair ainglean Dhè.
9
Ach ge b' e neach a dh'àicheas mise mu choinneamh dhaoine, thèid esan àicheadh mu choinneamh ainglean Dhè.
10
Agus a h‑uile neach a chanas facal an aghaidh Mhic an Duine, thèid a mhathadh dha, ach dhan neach a chanas toibheum an aghaidh an Spioraid Naoimh cha tèid mathanas a thoirt dha.
11
“Nuair a bheir iad sibh mu choinneamh nan sionagogan agus nan riaghladairean agus nan ùghdarrasan, na bithibh fo chùram a thaobh ciamar a dhìonas sibh sib' fhèin, no dè a chanas sibh,
12
oir teagaisgidh an Spiorad Naomh dhuibh anns an uair sin fhèin dè a bu chòir dhuibh a ràdh.”
13
Thuirt cuideigin dhen t‑sluagh ris, “Fhir‑Teagaisg, can rim bhràthair an oighreachd a roinn leam.”
14
Ach thuirt e ris, “A dhuine, cò a chuir mise nam bhritheamh no nam fhear‑roinn os ur cionn?”
15
An uair sin thuirt e ris, “Thoiribh an aire, agus gleidhibh sib' fhèin an aghaidh a h‑uile seòrsa sannt, oir chan ann ann am pailteas a sheilbh a tha beatha neach sam bith.”
16
Agus dh'innis e cosamhlachd dhaibh: “Bhuilich talamh duine beairteach pailteas toraidh,
17
agus smaoinich e ris fhèin, ‘Dè a nì mi a chionn 's nach eil àite agam anns an cruinnich mi mo thoradh?’
18
“Agus thuirt e, ‘Is e seo a nì mi: leagaidh mi sìos mo shaibhlean is togaidh mi saibhlean nas motha, agus cruinnichidh mi annta sin mo ghràn gu lèir agus mo mhaoin.
19
Agus canaidh mi rim anam, “Anaim, tha mòran de rudan matha agad air an tasgadh airson mòran bhliadhnaichean. Gabh fois, ith, òl, agus bi aighearach.”’
20
“Ach thuirt Dia ris, ‘Amadain! An oidhche seo fhèin thèid d' anam iarraidh uat. Agus na rudan sin a dh'ullaich thu, cò leis a bhitheas iad?’
21
“Is ann mar sin a bhitheas dhan neach a thaisgeas ionmhas dha fhèin, ach nach eil beairteach a thaobh Dhè.”
22
Agus thuirt Ìosa ri a dheisciobail, “Mar sin, tha mise ag ràdh ribh, na bithibh fo chùram mur beatha, dè a dh'itheas sibh, no mur cuirp, dè a chuireas sibh oirbh.
23
Oir is motha a' bheatha na am biadh, agus an corp na an t‑aodach.
24
Smaoinichibh mu na fithich: chan eil iadsan a' cur no a' buain, chan eil taigh‑stòir no sabhal aca; agus fhathast tha Dia gam beathachadh. Nach eil sibhse tòrr mòr nas luachmhoire na na h‑eòin!
25
Agus cò agaibh tro bhith fo chùram as urrainn barrachd ùine a chur ri a bheatha?
26
Mura h‑eil sibh an comas an rud as lugha seo a dhèanamh, carson a tha sibh fo chùram mun chòrr?
27
“Smaoinichibh mu na lilidhean, mar a tha iad a' fàs. Chan eil iad a' saothrachadh no a' snìomh. Ach tha mi ag ràdh ribh nach robh fiù 's Solamh fhèin na uile ghlòir air a sgeadachadh mar aon dhiubh seo.
28
Ma tha Dia mar sin a' sgeadachadh an fheòir, a tha beò anns an achadh an‑diugh, agus a‑màireach air th' air a thilgeil dhan àmhainn, nach mòr nas motha a sgeadaicheas e sibhse, O dhaoine air bheag creideimh?
29
Agus na siribh dè a tha sibh a' dol a dh'ithe, agus dè a tha sibh a' dol a dh'òl, agus na bithibh fo chùram.
30
Oir tha uile nàiseanan an t‑saoghail a' sireadh na rudan seo, ach is aithne dha ur n‑Athair gu bheil feum agaibh orra.
31
An àite sin siribh‑se a rìoghachd‑san agus bidh na rudan seo air an cuir ribh.
32
“Na biodh eagal oirbh, a threud bhig, oir is e deagh thoil ur n‑Athar an rìoghachd a thoirt dhuibh.
33
Reicibh ur seilbh agus thugaibh dèirc. Dèanaibh dhuib' fhèin sporain nach fàs sean, le ionmhas nach teirig anns na nèamhan, far nach tig mèirleach faisg agus nach sgrios an leòmann.
34
Oir far a bheil ur n‑ionmhas, an sin bidh ur cridhe cuideachd.
35
“Bithibh air ur n‑èideadh deiseil airson gnìomhachadh is cumaibh ur lampaichean laiste,
36
agus bithibh‑se mar dhaoine a tha a' feitheamh airson àm‑tillidh am maighstir o fhèist na bainnse, airson 's gum faod iad an doras fhosgladh dha sa bhad nuair a thig e 's a ghnogas e.
37
Is beannaichte na seirbheisich sin a lorgas am maighstir nan dùisg nuair a thig e. Gu deimhinn tha mi ag ràdh ribh gun cuir e èideadh air fhèin airson frithealadh, agus gun cuir e nan suidhe iad aig bòrd, agus gun dèan e frithealadh dhaibh.
38
Ma thig e anns an dara faire, no anns an treas tè, agus gum faigh e mar sin iad, is beannaichte na seirbheisich sin!
39
Ach tuigibh seo: nan robh fios aig maighstir an taighe mun uair anns an robh am mèirleach a' tighinn, cha bhiodh e air a thaigh fhàgail airson 's gun deigheadh briseadh a‑steach ann.
40
Feumaidh sibhse cuideachd a bhith deiseil, oir tha Mac an Duine a' tighinn aig uair nach sùilich sibh.
41
Thuirt Peadar, “A Thighearna, a bheil thu ag innse na cosamhlachd seo dhuinne, no dha na h‑uile?”
42
Agus thuirt an Tighearna, “Cò e mar sin an stiùbhard dìleas is glic sin a chuireas a mhaighstir os cionn a theaghlaich, airson an roinn bìdh a thoirt dhaibh aig an àm cheart?
43
Is beannaichte an seirbheiseach sin a lorgas a mhaighstir a' dèanamh mar seo nuair a thig e.
44
Gu fìrinneach tha mi ag ràdh ribh gun cuir e os cionn a sheilbh gu lèir e.
45
Ach ma chanas an seirbheiseach sin na chridhe, ‘Tha mo mhaighstir a' cur dàil na thilleadh,’ agus gun tòisich e air na seirbheisich is na bana‑sheirbheisich a bhualadh agus a bhith ag ithe, ag òl is a bhith air mhisg,
46
thig maighstir an t‑seirbheisich sin air latha nach eil sùil aige ris, agus aig uair air nach eil fios aige, agus gearraidh e na phìosan e agus bheir e àite dha còmhla ri na mì‑dhìleis.
47
“Agus an seirbheiseach sin dham b' aithne toil a mhaighstir agus nach do rinn deiseil no nach do rinn a thoil, thèid a bhualadh le mòran bhuillean.
48
Ach an neach dha nach b' aithne, agus a rinn rudan a bha airidh air buillean, thèid esan a bhualadh le beagan bhuillean. Oir gach neach dhan deach mòran a thoirt, thèid mòran iarraidh uaithe, agus ge b' e ris an deach mòran earbsa, thèid tuilleadh iarraidh air.
49
“Thàinig mise a thoirt teine chun na talmhainn, agus, Ò, mar a bu toigh leam gun robh e mu thràth laiste!
50
Tha baisteadh agamsa leis am feum mi a bhith air mo bhaisteadh, agus nach mòr m' àmhghar gus an tèid a choileanadh!
51
A bheil sibh a' saoilsinn gun tàinig mise airson sìth a thoirt air an talamh? Cha tàinig, tha mi ag ràdh ribh, ach a dhèanamh sgaradh.
52
Oir o seo suas bidh còignear ann an aon taigh air an sgaradh, triùir an aghaidh dithis agus dithis an aghaidh triùir.
53
Bidh iad air an sgaradh, athair an aghaidh mac agus mac an aghaidh athar, màthair an aghaidh nighinne agus nighean an aghaidh màthar, mhàthair‑cèile an aghaidh bean a mic agus bean a mic an aghaidh màthar‑cèile.”
54
Agus thuirt Ìosa cuideachd ris an t‑sluagh, “Nuair a chì sibh sgòth ag èirigh anns an àird an iar, anns a' bhad canaidh sibh, ‘Tha dòrtadh a' tighinn,’ agus 's ann mar sin a tha a' tachairt.
55
Agus nuair a shèideas a' ghaoth a deas, canaidh sibh, ‘Bidh teas ann,’ agus tha e a' tachairt.
56
A bhreug‑chràbhaichean! Is aithne dhuibh ciamar a dh'eadar‑mhìnicheas sibh dreach na talmhainn is nan speur; ach ciamar nach eil sibh ag eadar‑mhìneachadh an ama seo fhèin?
57
“Agus carson nach toir sibh breith air ur son fhèin a thaobh dè a tha ceart?
58
Fhad 's a bhios tu a' dol led neach‑casaid chun an ùghdarrais, dèan dìcheall rèite a dhèanamh leis air an t‑slighe air eagal 's gun dragh e chun a' bhritheimh thu agus gun toir am britheamh thairis dhan oifigear thu agus gun tilg an t‑oifigear dhan phrìosan thu.
59
Tha mi ag ràdh riut nach fhaigh thu a‑mach gus am pàigh thu an sgillinn mu dheireadh.”











Lùcas 12:1

Lùcas 12:2

Lùcas 12:3

Lùcas 12:4

Lùcas 12:5

Lùcas 12:6

Lùcas 12:7

Lùcas 12:8

Lùcas 12:9

Lùcas 12:10

Lùcas 12:11

Lùcas 12:12

Lùcas 12:13

Lùcas 12:14

Lùcas 12:15

Lùcas 12:16

Lùcas 12:17

Lùcas 12:18

Lùcas 12:19

Lùcas 12:20

Lùcas 12:21

Lùcas 12:22

Lùcas 12:23

Lùcas 12:24

Lùcas 12:25

Lùcas 12:26

Lùcas 12:27

Lùcas 12:28

Lùcas 12:29

Lùcas 12:30

Lùcas 12:31

Lùcas 12:32

Lùcas 12:33

Lùcas 12:34

Lùcas 12:35

Lùcas 12:36

Lùcas 12:37

Lùcas 12:38

Lùcas 12:39

Lùcas 12:40

Lùcas 12:41

Lùcas 12:42

Lùcas 12:43

Lùcas 12:44

Lùcas 12:45

Lùcas 12:46

Lùcas 12:47

Lùcas 12:48

Lùcas 12:49

Lùcas 12:50

Lùcas 12:51

Lùcas 12:52

Lùcas 12:53

Lùcas 12:54

Lùcas 12:55

Lùcas 12:56

Lùcas 12:57

Lùcas 12:58

Lùcas 12:59







Lùcas 1 / Lùc 1

Lùcas 2 / Lùc 2

Lùcas 3 / Lùc 3

Lùcas 4 / Lùc 4

Lùcas 5 / Lùc 5

Lùcas 6 / Lùc 6

Lùcas 7 / Lùc 7

Lùcas 8 / Lùc 8

Lùcas 9 / Lùc 9

Lùcas 10 / Lùc 10

Lùcas 11 / Lùc 11

Lùcas 12 / Lùc 12

Lùcas 13 / Lùc 13

Lùcas 14 / Lùc 14

Lùcas 15 / Lùc 15

Lùcas 16 / Lùc 16

Lùcas 17 / Lùc 17

Lùcas 18 / Lùc 18

Lùcas 19 / Lùc 19

Lùcas 20 / Lùc 20

Lùcas 21 / Lùc 21

Lùcas 22 / Lùc 22

Lùcas 23 / Lùc 23

Lùcas 24 / Lùc 24