1 |
Aig a' cheart àm, nuair a bha sluagh de mhìltean air cruinneachadh ann an dòigh 's gun robh iad a' stampadh air a chèile, thòisich Ìosa air a ràdh ri a dheisciobail fhèin, “Thoiribh an aire oirbh fhèin o thaois nam Pharasach, is e sin breug‑chràbhachd. |
2 |
Chan eil rud sam bith air a chòmhdach nach bi air fhoillseachadh, no falaichte nach tèid a dhèanamh aithnichte. |
3 |
Mar sin, ge b' e dè a thuirt sibh anns an dorchadas, thèid a chluinntinn anns an t‑solas, agus an rud a chagair sibh sa chluais ann an seòmraichean uaigneach, thèid èigheach air mullach nan taighean. |
4 |
“Tha mi ag ràdh ribhse, mo chàirdean, na biodh eagal oirbh on fheadhainn sin a mharbhas an corp, agus às dèidh sin aig nach eil an còrr aca a nì iad. |
5 |
Ach seallaidh mi dhuibh cò e rom bu chòir eagal a bhith oirbh: biodh eagal an Aoin sin oirbh aig a bheil ùghdarras, às dèidh dha marbhadh, tilgeil do dh'Ifrinn. Seadh, biodh eagal an Aoin seo oirbh. |
6 |
Nach eil còig gealbhoinn air an reic air dà sgillinn? Ach chan eil aon aca air a dhìochuimhneachadh mu choinneamh Dhè. |
7 |
Dha‑rìribh tha eadhon fuiltean ur cinn uile air an àireamh. Na biodh eagal oirbh: tha sibhse nas luachmhoire na mòran ghealbhonn. |
8 |
“Agus tha mise ag innse dhuibh, a h‑uile neach a dh'aidicheas mise mu choinneamh dhaoine, aidichidh Mac an Duine esan cuideachd an làthair ainglean Dhè. |
9 |
Ach ge b' e neach a dh'àicheas mise mu choinneamh dhaoine, thèid esan àicheadh mu choinneamh ainglean Dhè. |
10 |
Agus a h‑uile neach a chanas facal an aghaidh Mhic an Duine, thèid a mhathadh dha, ach dhan neach a chanas toibheum an aghaidh an Spioraid Naoimh cha tèid mathanas a thoirt dha. |
11 |
“Nuair a bheir iad sibh mu choinneamh nan sionagogan agus nan riaghladairean agus nan ùghdarrasan, na bithibh fo chùram a thaobh ciamar a dhìonas sibh sib' fhèin, no dè a chanas sibh, |
12 |
oir teagaisgidh an Spiorad Naomh dhuibh anns an uair sin fhèin dè a bu chòir dhuibh a ràdh.” |
13 |
Thuirt cuideigin dhen t‑sluagh ris, “Fhir‑Teagaisg, can rim bhràthair an oighreachd a roinn leam.” |
14 |
Ach thuirt e ris, “A dhuine, cò a chuir mise nam bhritheamh no nam fhear‑roinn os ur cionn?” |
15 |
An uair sin thuirt e ris, “Thoiribh an aire, agus gleidhibh sib' fhèin an aghaidh a h‑uile seòrsa sannt, oir chan ann ann am pailteas a sheilbh a tha beatha neach sam bith.” |
16 |
Agus dh'innis e cosamhlachd dhaibh: “Bhuilich talamh duine beairteach pailteas toraidh, |
17 |
agus smaoinich e ris fhèin, ‘Dè a nì mi a chionn 's nach eil àite agam anns an cruinnich mi mo thoradh?’ |
18 |
“Agus thuirt e, ‘Is e seo a nì mi: leagaidh mi sìos mo shaibhlean is togaidh mi saibhlean nas motha, agus cruinnichidh mi annta sin mo ghràn gu lèir agus mo mhaoin. |
19 |
Agus canaidh mi rim anam, “Anaim, tha mòran de rudan matha agad air an tasgadh airson mòran bhliadhnaichean. Gabh fois, ith, òl, agus bi aighearach.”’ |
20 |
“Ach thuirt Dia ris, ‘Amadain! An oidhche seo fhèin thèid d' anam iarraidh uat. Agus na rudan sin a dh'ullaich thu, cò leis a bhitheas iad?’ |
21 |
“Is ann mar sin a bhitheas dhan neach a thaisgeas ionmhas dha fhèin, ach nach eil beairteach a thaobh Dhè.” |
22 |
Agus thuirt Ìosa ri a dheisciobail, “Mar sin, tha mise ag ràdh ribh, na bithibh fo chùram mur beatha, dè a dh'itheas sibh, no mur cuirp, dè a chuireas sibh oirbh. |
23 |
Oir is motha a' bheatha na am biadh, agus an corp na an t‑aodach. |
24 |
Smaoinichibh mu na fithich: chan eil iadsan a' cur no a' buain, chan eil taigh‑stòir no sabhal aca; agus fhathast tha Dia gam beathachadh. Nach eil sibhse tòrr mòr nas luachmhoire na na h‑eòin! |
25 |
Agus cò agaibh tro bhith fo chùram as urrainn barrachd ùine a chur ri a bheatha? |
26 |
Mura h‑eil sibh an comas an rud as lugha seo a dhèanamh, carson a tha sibh fo chùram mun chòrr? |
27 |
“Smaoinichibh mu na lilidhean, mar a tha iad a' fàs. Chan eil iad a' saothrachadh no a' snìomh. Ach tha mi ag ràdh ribh nach robh fiù 's Solamh fhèin na uile ghlòir air a sgeadachadh mar aon dhiubh seo. |
28 |
Ma tha Dia mar sin a' sgeadachadh an fheòir, a tha beò anns an achadh an‑diugh, agus a‑màireach air th' air a thilgeil dhan àmhainn, nach mòr nas motha a sgeadaicheas e sibhse, O dhaoine air bheag creideimh? |
29 |
Agus na siribh dè a tha sibh a' dol a dh'ithe, agus dè a tha sibh a' dol a dh'òl, agus na bithibh fo chùram. |
30 |
Oir tha uile nàiseanan an t‑saoghail a' sireadh na rudan seo, ach is aithne dha ur n‑Athair gu bheil feum agaibh orra. |
31 |
An àite sin siribh‑se a rìoghachd‑san agus bidh na rudan seo air an cuir ribh. |
32 |
“Na biodh eagal oirbh, a threud bhig, oir is e deagh thoil ur n‑Athar an rìoghachd a thoirt dhuibh. |
33 |
Reicibh ur seilbh agus thugaibh dèirc. Dèanaibh dhuib' fhèin sporain nach fàs sean, le ionmhas nach teirig anns na nèamhan, far nach tig mèirleach faisg agus nach sgrios an leòmann. |
34 |
Oir far a bheil ur n‑ionmhas, an sin bidh ur cridhe cuideachd. |
35 |
“Bithibh air ur n‑èideadh deiseil airson gnìomhachadh is cumaibh ur lampaichean laiste, |
36 |
agus bithibh‑se mar dhaoine a tha a' feitheamh airson àm‑tillidh am maighstir o fhèist na bainnse, airson 's gum faod iad an doras fhosgladh dha sa bhad nuair a thig e 's a ghnogas e. |
37 |
Is beannaichte na seirbheisich sin a lorgas am maighstir nan dùisg nuair a thig e. Gu deimhinn tha mi ag ràdh ribh gun cuir e èideadh air fhèin airson frithealadh, agus gun cuir e nan suidhe iad aig bòrd, agus gun dèan e frithealadh dhaibh. |
38 |
Ma thig e anns an dara faire, no anns an treas tè, agus gum faigh e mar sin iad, is beannaichte na seirbheisich sin! |
39 |
Ach tuigibh seo: nan robh fios aig maighstir an taighe mun uair anns an robh am mèirleach a' tighinn, cha bhiodh e air a thaigh fhàgail airson 's gun deigheadh briseadh a‑steach ann. |
40 |
Feumaidh sibhse cuideachd a bhith deiseil, oir tha Mac an Duine a' tighinn aig uair nach sùilich sibh. |
41 |
Thuirt Peadar, “A Thighearna, a bheil thu ag innse na cosamhlachd seo dhuinne, no dha na h‑uile?” |
42 |
Agus thuirt an Tighearna, “Cò e mar sin an stiùbhard dìleas is glic sin a chuireas a mhaighstir os cionn a theaghlaich, airson an roinn bìdh a thoirt dhaibh aig an àm cheart? |
43 |
Is beannaichte an seirbheiseach sin a lorgas a mhaighstir a' dèanamh mar seo nuair a thig e. |
44 |
Gu fìrinneach tha mi ag ràdh ribh gun cuir e os cionn a sheilbh gu lèir e. |
45 |
Ach ma chanas an seirbheiseach sin na chridhe, ‘Tha mo mhaighstir a' cur dàil na thilleadh,’ agus gun tòisich e air na seirbheisich is na bana‑sheirbheisich a bhualadh agus a bhith ag ithe, ag òl is a bhith air mhisg, |
46 |
thig maighstir an t‑seirbheisich sin air latha nach eil sùil aige ris, agus aig uair air nach eil fios aige, agus gearraidh e na phìosan e agus bheir e àite dha còmhla ri na mì‑dhìleis. |
47 |
“Agus an seirbheiseach sin dham b' aithne toil a mhaighstir agus nach do rinn deiseil no nach do rinn a thoil, thèid a bhualadh le mòran bhuillean. |
48 |
Ach an neach dha nach b' aithne, agus a rinn rudan a bha airidh air buillean, thèid esan a bhualadh le beagan bhuillean. Oir gach neach dhan deach mòran a thoirt, thèid mòran iarraidh uaithe, agus ge b' e ris an deach mòran earbsa, thèid tuilleadh iarraidh air. |
49 |
“Thàinig mise a thoirt teine chun na talmhainn, agus, Ò, mar a bu toigh leam gun robh e mu thràth laiste! |
50 |
Tha baisteadh agamsa leis am feum mi a bhith air mo bhaisteadh, agus nach mòr m' àmhghar gus an tèid a choileanadh! |
51 |
A bheil sibh a' saoilsinn gun tàinig mise airson sìth a thoirt air an talamh? Cha tàinig, tha mi ag ràdh ribh, ach a dhèanamh sgaradh. |
52 |
Oir o seo suas bidh còignear ann an aon taigh air an sgaradh, triùir an aghaidh dithis agus dithis an aghaidh triùir. |
53 |
Bidh iad air an sgaradh, athair an aghaidh mac agus mac an aghaidh athar, màthair an aghaidh nighinne agus nighean an aghaidh màthar, mhàthair‑cèile an aghaidh bean a mic agus bean a mic an aghaidh màthar‑cèile.” |
54 |
Agus thuirt Ìosa cuideachd ris an t‑sluagh, “Nuair a chì sibh sgòth ag èirigh anns an àird an iar, anns a' bhad canaidh sibh, ‘Tha dòrtadh a' tighinn,’ agus 's ann mar sin a tha a' tachairt. |
55 |
Agus nuair a shèideas a' ghaoth a deas, canaidh sibh, ‘Bidh teas ann,’ agus tha e a' tachairt. |
56 |
A bhreug‑chràbhaichean! Is aithne dhuibh ciamar a dh'eadar‑mhìnicheas sibh dreach na talmhainn is nan speur; ach ciamar nach eil sibh ag eadar‑mhìneachadh an ama seo fhèin? |
57 |
“Agus carson nach toir sibh breith air ur son fhèin a thaobh dè a tha ceart? |
58 |
Fhad 's a bhios tu a' dol led neach‑casaid chun an ùghdarrais, dèan dìcheall rèite a dhèanamh leis air an t‑slighe air eagal 's gun dragh e chun a' bhritheimh thu agus gun toir am britheamh thairis dhan oifigear thu agus gun tilg an t‑oifigear dhan phrìosan thu. |
59 |
Tha mi ag ràdh riut nach fhaigh thu a‑mach gus am pàigh thu an sgillinn mu dheireadh.”
|
Gaelic Bible (Scottish) (ATN) 2017 |
© Scottish Bible Society 2017 |
|
|
|
|
|
|
|
|
|
|
Lùcas 12:1 |
Lùcas 12:2 |
Lùcas 12:3 |
Lùcas 12:4 |
Lùcas 12:5 |
Lùcas 12:6 |
Lùcas 12:7 |
Lùcas 12:8 |
Lùcas 12:9 |
Lùcas 12:10 |
Lùcas 12:11 |
Lùcas 12:12 |
Lùcas 12:13 |
Lùcas 12:14 |
Lùcas 12:15 |
Lùcas 12:16 |
Lùcas 12:17 |
Lùcas 12:18 |
Lùcas 12:19 |
Lùcas 12:20 |
Lùcas 12:21 |
Lùcas 12:22 |
Lùcas 12:23 |
Lùcas 12:24 |
Lùcas 12:25 |
Lùcas 12:26 |
Lùcas 12:27 |
Lùcas 12:28 |
Lùcas 12:29 |
Lùcas 12:30 |
Lùcas 12:31 |
Lùcas 12:32 |
Lùcas 12:33 |
Lùcas 12:34 |
Lùcas 12:35 |
Lùcas 12:36 |
Lùcas 12:37 |
Lùcas 12:38 |
Lùcas 12:39 |
Lùcas 12:40 |
Lùcas 12:41 |
Lùcas 12:42 |
Lùcas 12:43 |
Lùcas 12:44 |
Lùcas 12:45 |
Lùcas 12:46 |
Lùcas 12:47 |
Lùcas 12:48 |
Lùcas 12:49 |
Lùcas 12:50 |
Lùcas 12:51 |
Lùcas 12:52 |
Lùcas 12:53 |
Lùcas 12:54 |
Lùcas 12:55 |
Lùcas 12:56 |
Lùcas 12:57 |
Lùcas 12:58 |
Lùcas 12:59 |
|
|
|
|
|
|
Lùcas 1 / Lùc 1 |
Lùcas 2 / Lùc 2 |
Lùcas 3 / Lùc 3 |
Lùcas 4 / Lùc 4 |
Lùcas 5 / Lùc 5 |
Lùcas 6 / Lùc 6 |
Lùcas 7 / Lùc 7 |
Lùcas 8 / Lùc 8 |
Lùcas 9 / Lùc 9 |
Lùcas 10 / Lùc 10 |
Lùcas 11 / Lùc 11 |
Lùcas 12 / Lùc 12 |
Lùcas 13 / Lùc 13 |
Lùcas 14 / Lùc 14 |
Lùcas 15 / Lùc 15 |
Lùcas 16 / Lùc 16 |
Lùcas 17 / Lùc 17 |
Lùcas 18 / Lùc 18 |
Lùcas 19 / Lùc 19 |
Lùcas 20 / Lùc 20 |
Lùcas 21 / Lùc 21 |
Lùcas 22 / Lùc 22 |
Lùcas 23 / Lùc 23 |
Lùcas 24 / Lùc 24 |