A A A A A
Facebook Instagram Twitter
Gaelic Bible (Scottish) (ATN) 2017

Mata 22



1
Agus bhruidhinn Ìosa riutha a‑rithist ann an cosamhlachdan, ag ràdh,
2
“Faodaidh rìoghachd nèimh a bhith air a samhlachadh ri rìgh a rinn fèist‑bainnse dha mhac.
3
Agus chuir e a sheirbheisich a ghairm air an fheadhainn a fhuair cuireadh gu fèist na bainnse. Ach cha robh iad deònach tighinn.
4
“A‑rithist, chuir e a‑mach seirbheisich eile, ag ràdh, ‘Canaibh‑se riuthasan a fhuair cuireadh, “Seall, dheasaich mi mo dhìnnear, chaidh mo dhaimh is mo chrodh bhiadhte am marbhadh, agus tha a h‑uile sìon deiseil. Thigibh chun na bainnse.”’
5
“Ach cha do ghabh iad feairt dha agus rinn iad às, fear dhiubh chun an achaidh aige, agus fear eile chun na h‑obrach mhalairt aige,
6
agus rug an còrr dhiubh air a sheirbheisich, agus làimhsich iad gu maslach iad agus mharbh iad iad.
7
Ach ghabh an rìgh an fhearg, agus chuir e na h‑armailtean aige a‑mach agus sgrios e na murtairean sin, agus loisg e am baile aca.
8
“An uair sin thuirt e ri a sheirbheisich, ‘Tha a' bhanais ullaichte, ach chan eil an fheadhainn a fhuair cuireadh airidh.
9
Thallaibh, ma‑thà, gu na prìomh rathaidean, agus na h‑uimhir 's a lorgas sibh, thoiribh cuireadh dhaibh chun na bainnse.’
10
Agus chaidh na seirbheisich sin a‑mach air na rathaidean agus chruinnich iad a h‑uile neach a lorg iad, an dà chuid olc is math, agus chaidh talla na bainnse a lìonadh le aoighean.
11
“Ach nuair a thàinig an rìgh a‑steach a dh'fhaicinn nan aoighean, chunnaic e an sin duine air nach robh aodach bainnse.
12
Agus thuirt e ris, ‘A charaid, ciamar a fhuair thusa a‑steach an seo, gun aodach bainnse ort?’ Agus bha an duine sàmhach.
13
An uair sin thuirt an rìgh ri na seirbheisich, ‘Ceanglaibh e làmh is cas agus tilgibh dhan dorchadas às fhaide a‑muigh e; san àite sin bidh caoineadh is gìosgan fhiacal.’
14
“Oir tha mòran air an gairm, ach beagan air an taghadh.”
15
An uair sin dh'fhalbh na Pharasaich agus ghabh iad comhairle còmhla a thaobh ciamar a dh'fhaodadh iad esan a ghlacadh na chainnt.
16
Agus chuir iad an deisciobail thuige, cuide ri na Heròdianaich, ag ràdh, “Fhir‑Teagaisg, tha fios againn gu bheil thusa fìrinneach, agus gu bheil thu a' teagasg slighe Dhè ann am fìrinn, agus nach eil dragh ort mu bheachd neach sam bith, oir chan eil thu a' gabhail suim de choltas dhaoine.
17
Innis dhuinn, ma‑thà, dè do bheachd? A bheil e laghail cìs a thoirt do Chèasar no nach eil?”
18
Ach, mothachail air am mì‑rùn, thuirt Ìosa, “Carson a tha sibh gam bhuaireadh, a chealgairean?
19
Seallaibh dhòmhsa bonn na cìse.” Agus thug iad bonn airgid thuige.
20
Agus thuirt Ìosa riutha, “Cò leis a tha an coltas agus an sgrìobhadh seo?”
21
Thuirt iadsan ris, “Le Cèasar.” An uair sin thuirt esan riutha, “Mar sin, thugaibh do Chèasar na rudan a tha le Cèasar, agus do Dhia na rudan a tha le Dia.”
22
Agus nuair a chuala iad seo, ghabh iad iongnadh. Agus dh'fhàg iad e, agus dh'fhalbh iad.
23
Air an latha sin fhèin thàinig Sadusaich thuige, a chanas nach eil aiseirigh ann, agus cheasnaich iad e,
24
ag ràdh, “Fhir‑Teagaisg, thuirt Maois, ‘Ma chaochaileas duine gun chlann aige, feumaidh a bhràthair‑san a' bhean a phòsadh agus sliochd a thogail dha bhràthair.’
25
A‑nis bha seachdnar bhràithrean nar measg‑ne. Phòs a' chiad fhear agus chaochail e, agus a chionn 's nach robh sliochd aige, dh'fhàg e a bhean dha bhràthair.
26
Mar sin cuideachd an dara 's an treas, gu ruig an seachdamh fear.
27
Agus mu dheireadh chaochail a' bhean.
28
Anns an aiseirigh, ma‑thà, cò dhen t‑seachdnar leis am bi i mar bhean? Oir bha i aca uile?”
29
Ach fhreagair Ìosa iad, “Tha sibh ceàrr, a chionn 's nach aithne dhuibh na Sgriobtaran no cumhachd Dhè.
30
Oir san aiseirigh cha phòs iad, 's cha mhotha a thèid an toirt ann am pòsadh, ach tha iad mar ainglean air nèamh.
31
Ach a‑thaobh aiseirigh nam marbh, nach do leugh sibh an rud sin a chaidh a ràdh ribh le Dia,
32
‘Is mise Dia Abrahàim, agus Dia Ìsaaic, agus Dia Iàcoib.’ Chan esan Dia nam marbh, ach nam beò.”
33
Agus nuair a chuala an sluagh seo, ghabh iad iongnadh ma theagasg‑san.
34
Ach nuair a chuala na Pharasaich gun robh Ìosa air na Sadusaich a chur nan tost, chruinnich iad còmhla.
35
Agus chuir aon dhiubh, fear‑lagha, ceist air airson a dhearbhadh:
36
“Fhir‑Teagaisg, cò i an àithne as motha san lagh?”
37
Thuirt e ris, “‘Gràdhaichidh tu an Tighearna do Dhia led uile chridhe, agus led uile anam agus led uile inntinn.’
38
Is i seo an àithne as motha agus am prìomh thè.
39
Agus tha an dara tè coltach rithe seo: ‘Gràdhaichidh tu do choimhearsnach mar thu fhèin.’
40
Air an dà àithne seo tha an Lagh gu lèir agus na Fàidhean a' crochadh.”
41
A‑nis fhad 's a bha na Pharasaich air an cruinneachadh còmhla, dh'fhaighnich Ìosa ceist dhaibh,
42
ag ràdh, “Dè ur beachd‑se mu Chrìosd? Cò dha a tha e na mhac?” Thuirt iadsan, “Do Dhaibhidh.”
43
Thuirt esan riutha, “Ciamar mar sin a ghabhas Daibhidh, san spiorad, ‘a Thighearna’ air? Ag ràdh:
44
“‘Thuirt an Tighearna rim Thighearna: “Suidh aig mo dheas‑làimh gus an cuir mi do nàimhdean fod chasan.”’
45
“Ma ghabhas Daibhidh, mar sin, a Thighearna air, ciamar a tha e na mhac dha?”
46
Agus cha robh neach sam bith an comas facal freagairt a thoirt dha; cha mhotha a bu dùraig do neach sam bith, on latha sin suas, an còrr cheistean fhaighneachd dha.











Mata 22:1
Mata 22:2
Mata 22:3
Mata 22:4
Mata 22:5
Mata 22:6
Mata 22:7
Mata 22:8
Mata 22:9
Mata 22:10
Mata 22:11
Mata 22:12
Mata 22:13
Mata 22:14
Mata 22:15
Mata 22:16
Mata 22:17
Mata 22:18
Mata 22:19
Mata 22:20
Mata 22:21
Mata 22:22
Mata 22:23
Mata 22:24
Mata 22:25
Mata 22:26
Mata 22:27
Mata 22:28
Mata 22:29
Mata 22:30
Mata 22:31
Mata 22:32
Mata 22:33
Mata 22:34
Mata 22:35
Mata 22:36
Mata 22:37
Mata 22:38
Mata 22:39
Mata 22:40
Mata 22:41
Mata 22:42
Mata 22:43
Mata 22:44
Mata 22:45
Mata 22:46






Mata 1 / Mat 1
Mata 2 / Mat 2
Mata 3 / Mat 3
Mata 4 / Mat 4
Mata 5 / Mat 5
Mata 6 / Mat 6
Mata 7 / Mat 7
Mata 8 / Mat 8
Mata 9 / Mat 9
Mata 10 / Mat 10
Mata 11 / Mat 11
Mata 12 / Mat 12
Mata 13 / Mat 13
Mata 14 / Mat 14
Mata 15 / Mat 15
Mata 16 / Mat 16
Mata 17 / Mat 17
Mata 18 / Mat 18
Mata 19 / Mat 19
Mata 20 / Mat 20
Mata 21 / Mat 21
Mata 22 / Mat 22
Mata 23 / Mat 23
Mata 24 / Mat 24
Mata 25 / Mat 25
Mata 26 / Mat 26
Mata 27 / Mat 27
Mata 28 / Mat 28