A A A A A
Facebook Instagram Twitter
Gaelic Bible (Scottish) (ATN) 2017

Mata 12



1
Aig an àm sin chaidh Ìosa tro na h‑achaidhean arbhair air an t‑Sàbaid. Bha acras air a dheisciobail, agus thòisich iad air diasan arbhair a spìonadh agus an ithe.
2
Ach nuair a chunnaic na Pharasaich seo, thuirt iad ris, “Seall, tha do dheisciobail a' dèanamh rud nach eil laghail a dhèanamh air latha na Sàbaid.”
3
Agus thuirt e riutha, “Nach do leugh sibh mar a rinn Daibhidh nuair a bha acras air fhèin 's air an fheadhainn a bha còmhla ris,
4
mar a chaidh e a‑steach do thaigh Dhè agus a dh'ith e an t‑aran coisrigte, nach robh laghail dha fhèin ithe no dhaibhsan a bha còmhla ris, ach dha na sagartan a‑mhàin?
5
No nach do leugh sibh anns an Lagh mar a tha na sagartan anns an teampall air an t‑Sàbaid a' briseadh na Sàbaid, agus iad neoichiontach?
6
Ach tha mise ag ràdh ribh gu bheil rudeigin nas motha na an teampall an seo.
7
Agus nan robh fios air a bhith agaibh mu dè as ciall dha seo: ‘Tròcair is miann leam, agus chan e ìobairt,’ cha bhiodh sibh air an fheadhainn a tha neoichiontach a dhìteadh.
8
Oir is e Mac an Duine Tighearna na Sàbaid.”
9
A' dol air adhart às a sin, chaidh e a‑steach dhan t‑sionagog aca,
10
agus seall, bha duine an sin aig an robh làmh sheargte. Agus dh'fhaighnich iad dha, “A bheil e laghail leigheas a dhèanamh air an t‑Sàbaid?” — airson 's gum b' urrainn dhaibh cùis‑dhìtidh a thoirt na aghaidh.
11
Thuirt esan riutha, “Cò an duine o ur measg aig am bi caora, agus ma thuiteas i a‑steach do tholl air an t‑Sàbaid, nach beir oirre agus nach tog às i?
12
Nach mòr nas luachmhoire, ma‑thà, a tha duine na caora! Mar sin tha e laghail math a dhèanamh air an t‑Sàbaid.”
13
An uair sin thuirt e ris an duine, “Sìn a‑mach do làmh.” Agus shìn e a‑mach i, agus bha i air a h‑aiseag slàn mar an tèile.
14
Ach chaidh na Pharasaich a‑mach agus ghabh iad comhairle le chèile na aghaidh‑san, a thaobh mar a sgriosadh iad e.
15
Ach, mothachail mun seo, tharraing Ìosa air ais à sin. Lean mòran e agus leighis e iad uile,
16
agus thug e rabhadh dhaibh gun innse cò a bh' ann,
17
airson 's gun deigheadh an rud a choileanadh a chaidh a chantainn tro Isaiah am fàidh:
18
“Seall, mo sheirbheiseach a thagh mi, m' aon ghràdhaichte leis a bheil m' anam fìor thoilichte; cuiridh mi mo Spiorad air, agus aithrisidh e ceartas dha na Cinnich.
19
Cha dèan e aimhreit agus cha ghlaodh e; cha mhotha a chluinneas neach sam bith a ghuth air na sràidean.
20
Cha bhris e a' chuilc bhrùite, agus an t‑siobhag chnàmh‑loisgte cha chuir e às, gus an treòraich e ceartas gu buaidh.
21
Agus na ainm‑san cuiridh na Cinnich an dòchas.”
22
An uair sin chaidh duine a thoirt thuige anns an robh deamhan, dall agus balbh, agus shlànaich Ìosa e, leis a' bhuil gun do bhruidhinn an duine balbh is gum faca e.
23
Agus ghabh an sluagh uile iongnadh, agus bha iad ag ràdh, “An urrainn gur e seo Mac Dhaibhidh?”
24
Ach nuair a chuala na Pharasaich seo, thuirt iad, “Chan eil am fear seo a' tilgeil a‑mach dheamhan ach tro Bheelsebul, uachdaran nan deamhan.”
25
Eòlach air an smuaintean, thuirt Ìosa riutha, “Gach uile rìoghachd a tha roinnte na h‑aghaidh fhèin, thèid a dèanamh na fàsach, agus a h‑uile baile no taigh a tha roinnte na aghaidh fhèin, cha sheas e.
26
Agus ma thilgeas an Sàtan a‑mach an Sàtan, tha e roinnte na aghaidh fhèin. Ciamar, mar sin, a sheasas a rìoghachd?
27
Mas ann tro Bheelsebul a tha mise a' tilgeil a‑mach dheamhan, cò troimhe a tha ur clann‑se gan tilgeil a‑mach? Mar sin bidh iadsan nam britheamhan oirbh.
28
Ach mas ann le Spiorad Dhè a tha mise a' tilgeil a‑mach dheamhan, mar sin tha rìoghachd Dhè air tighinn oirbhse.
29
“No ciamar as urrainn do chuideigin a dhol a‑steach do thaigh dhuine làidir agus a chuid a chreachadh, mura ceangail e an toiseach an duine làidir? Agus an uair sin is urrainn dha a thaigh a chreachadh.
30
“Ge b' e nach eil leam, tha e nam aghaidh, agus ge b' e nach cruinnich leam, tha e a' sgapadh.
31
Mar sin, tha mi ag ràdh ribh gum bi a h‑uile peacadh agus toibheum air am mathadh do dhaoine, ach cha bhi toibheum an aghaidh an Spioraid air a mhathadh.
32
Ge b' e cò a bhruidhneas facal an aghaidh Mac an Duine, thèid a mhathadh dha, ach ge b' e cò a bhruidhneas an aghaidh an Spioraid Naoimh, cha tèid a mhathadh dha, an dara cuid anns an t‑saoghal seo no anns an t‑saoghal a tha ri thighinn.
33
“An dara cuid dèanaibh a' chraobh math agus a toradh math, no dèanaibh a' chraobh truaillidh agus a toradh truaillidh, oir is ann air a toradh a dh'aithnichear a' chraobh.
34
A shìol nan nathraichean‑nimhe! Ciamar as urrainn dhuibh rudan matha a ràdh, agus sib' fhèin olc? Oir a‑mach à pailteas a' chridhe bruidhinnidh am beul.
35
Bheir duine math rudan matha a‑mach às a dheagh ionmhas, agus bheir an duine olc rudan olc a‑mach às a dhroch ionmhas.
36
Ach tha mi ag ràdh ribh gun toir daoine cunntas airson gach facal mhì‑chùramaich a chanas iad, air latha a' bhreitheanais.
37
Oir led fhacail thèid d' fhìreanachadh, agus led fhacail thèid do dhìteadh.”
38
An uair sin fhreagair cuid dhe na sgrìobhaichean agus dhe na Pharasaich e, ag ràdh, “Fhir‑Teagaisg, tha sinn ag iarraidh comharra fhaicinn uat.”
39
Ach fhreagair esan, ag ràdh, “Tha ginealach olc is adhaltranach a' sireadh comharraidh, ach cha tèid comharra sam bith a thoirt dhaibh ach comharra an fhàidh Iònah.
40
Oir dìreach mar a bha Iònah trì latha is trì oidhcheannan ann am broinn a' chreutair‑mara mhòir, 's ann mar sin a bhios Mac an Duine trì latha is trì oidhcheannan ann an cridhe na talmhainn.
41
Èiridh muinntir Ninebheh anns a' bhreitheanas còmhla ris a ghinealach seo, agus dìtidh iad e, oir rinn iadsan aithreachas aig searmon Iònah agus, seall, tha nas motha na Iònah an seo.
42
Èiridh banrigh na h‑àird a deas anns a' bhreitheanas còmhla ris a ghinealach seo, agus dìtidh i e, oir thàinig i o chrìochan na talmhainn a chluinntinn gliocas Sholaimh, agus, seall, tha nas motha na Solamh an seo.
43
“Nuair a tha an spiorad neòghlan air a dhol a‑mach à duine, thèid e tro àiteachan gun uisge a' sireadh fois, agus chan fhaigh e i.
44
An uair sin canaidh e, ‘Tillidh mi dham thaigh às an tàinig mi.’ Agus nuair a thig e, gheibh e falamh e, air a sguabadh 's air a chur an òrdugh.
45
An uair sin falbhaidh e agus bheir e leis seachd spioradan eile nas uilce na e fhèin, is thèid iad a‑steach agus fanaidh iad an sin, is bidh staid dheireannach an duine sin nas miosa na a chiad staid. Is ann mar sin cuideachd a bhitheas leis a' ghinealach olc seo.”
46
Fhad 's a bha e fhathast a' bruidhinn ris an t‑sluagh, seall, sheas a mhàthair agus a bhràithrean a‑muigh, ag iarraidh bruidhinn ris.
47
Thuirt cuideigin ris, “Seall, tha do mhàthair agus do bhràithrean nan seasamh a‑muigh ag iarraidh bruidhinn riut.”
48
Ach fhreagair esan an duine a dh'innis seo dha, “Cò i mo mhàthair, agus cò iad mo bhràithrean?”
49
Agus a' sìneadh a‑mach a làimh gu a dheisciobail, thuirt e, “Seall, mo mhàthair agus mo bhràithrean!
50
Oir ge b' e cò a nì toil m' Athar‑sa a th' air nèamh, 's e sin fhèin mo bhràthair agus mo phiuthar agus mo mhàthair.”











Mata 12:1
Mata 12:2
Mata 12:3
Mata 12:4
Mata 12:5
Mata 12:6
Mata 12:7
Mata 12:8
Mata 12:9
Mata 12:10
Mata 12:11
Mata 12:12
Mata 12:13
Mata 12:14
Mata 12:15
Mata 12:16
Mata 12:17
Mata 12:18
Mata 12:19
Mata 12:20
Mata 12:21
Mata 12:22
Mata 12:23
Mata 12:24
Mata 12:25
Mata 12:26
Mata 12:27
Mata 12:28
Mata 12:29
Mata 12:30
Mata 12:31
Mata 12:32
Mata 12:33
Mata 12:34
Mata 12:35
Mata 12:36
Mata 12:37
Mata 12:38
Mata 12:39
Mata 12:40
Mata 12:41
Mata 12:42
Mata 12:43
Mata 12:44
Mata 12:45
Mata 12:46
Mata 12:47
Mata 12:48
Mata 12:49
Mata 12:50






Mata 1 / Mat 1
Mata 2 / Mat 2
Mata 3 / Mat 3
Mata 4 / Mat 4
Mata 5 / Mat 5
Mata 6 / Mat 6
Mata 7 / Mat 7
Mata 8 / Mat 8
Mata 9 / Mat 9
Mata 10 / Mat 10
Mata 11 / Mat 11
Mata 12 / Mat 12
Mata 13 / Mat 13
Mata 14 / Mat 14
Mata 15 / Mat 15
Mata 16 / Mat 16
Mata 17 / Mat 17
Mata 18 / Mat 18
Mata 19 / Mat 19
Mata 20 / Mat 20
Mata 21 / Mat 21
Mata 22 / Mat 22
Mata 23 / Mat 23
Mata 24 / Mat 24
Mata 25 / Mat 25
Mata 26 / Mat 26
Mata 27 / Mat 27
Mata 28 / Mat 28