A A A A A
Facebook Instagram Twitter
Gaelic Bible (Scottish) (ABG) 1992

1 Samuel 9



1
Agus bha duine de Bheniàmin dom b’ainm Cis, mac Abieil, mhic Sheroir, mhic Bhechorait, mhic Aphiah, Beniàmineach, duine treun ann an neart.
2
Agus bha mac aige dom b’ainm Saul, rogha òigfhir, agus e tlachdmhor; agus cha robh am measg chloinn Israeil fear a bu tlachdmhoire na e: o a ghuaillean agus o sin suas b’àirde e na an sluagh uile.
3
Agus chailleadh asail Chis, athair Shauil; agus thubhairt Cis ra mhac, Saul, Thoir leat a‑nis aon de na h‑òganaich, agus èirich, falbh, iarr na h‑asail.
4
Agus chaidh e tro mhonadh Ephraim, agus chaidh e tro thìr Shalisa, ach cha d’fhuair iad iad: an sin chaidh e tro thìr Shalaim, agus cha robh iad an sin: agus chaidh e tro thìr nam Beniàmineach, ach cha d’fhuair iad iad.
5
Agus nuair a thàinig iad gu tìr Shuph, thubhairt Saul ra òganach a bha maille ris, Thig agus tilleamaid, air eagal gun leig m’athair dheth a chùram mu na h‑asail, agus gum bi smuairean air mar timcheall-ne.
6
Agus thubhairt esan ris, Feuch a‑nis, tha duine le Dia anns a’ bhaile seo, agus is duine urramach e; thig gach nì a their e gu cinnteach gu crìch: a‑nis matà rachamaid an sin; theagamh gun innis e dhuinn ar slighe air an còir dhuinn gluasad.
7
An sin thubhairt Saul ra òganach, Ach, feuch, ma thèid sinn, ciod a bheir sinn a dh’ionnsaigh òglach Dhè? Oir chaitheadh an t‑aran nar soithichean, agus chan eil tìodhlac ann gu a thoirt a dh’ionnsaigh òglach Dhè: ciod matà a nì sinn?
8
Agus fhreagair an t‑òganach Saul a‑rìs, agus thubhairt e, Feuch, tha agam an seo am làimh an ceathramh cuid de shecel airgid: sin bheir mi do òglach Dhè, agus innsidh e dhuinn ar slighe.
9
(O shean ann an Israel, nuair a rachadh duine a dh’fhiosrachadh de Dhia, mar seo labhradh e: Thigibh, agus rachamaid a dh’ionnsaigh an fhir-sheallaidh; oir esan ris an abrar a‑nis fàidh, o shean theirte fear-seallaidh ris.)
10
An sin thubhairt Saul ra òganach, Is math a labhair thu; thig, imicheamaid: agus dh’imich iad don bhaile, far an robh òglach Dhè.
11
Agus nuair a chaidh iad suas uchdach a’ bhaile, fhuair iad gruagaichean a’ dol a‑mach a tharraing uisge, agus thubhairt iad riu, A bheil am fear-seallaidh an seo?
12
Agus fhreagair iadsan iad, agus thubhairt iad, Tha; feuch, tha e romhaibh: dèanaibh cabhag a‑nis, oir an‑diugh tha e air teachd don bhaile, oir tha ìobairt aig an t‑sluagh an‑diugh anns an ionad àrd.
13
Nuair a thèid sibh a‑steach don bhaile, air ball gheibh sibh e, mun tèid e suas don ionad àrd a dh’ithe: oir chan ith an sluagh gus an tig e, a chionn gum beannaich e an ìobairt, agus an dèidh sin ithidh iadsan a chuireadh. A‑nis uime sin rachaibh suas, oir mun àm seo gheibh sibh e.
14
Agus chaidh iad suas don bhaile: agus nuair a bha iad a’ dol a‑steach gu meadhon a’ bhaile, feuch, thàinig Samuel a‑mach nan coinneamh, gu dol suas don ionad àrd.
15
A‑nis dh’innis an Tighearna ann an cluais Shamueil là mun tàinig Saul, ag ràdh,
16
Mun àm seo a‑màireach cuiridh mi ad ionnsaigh duine à tìr Bheniàmin, agus ungaidh tu e na cheannard air mo shluagh Israel, agus saoraidh e mo shluagh à làimh nam Philisteach; oir dh’amhairc mi air mo shluagh, a chionn gun tàinig an glaodh am ionnsaigh.
17
Agus nuair a chunnaic Samuel Saul, thubhairt an Tighearna ris, Feuch an duine mun do labhair mi riut: rìoghaichidh esan os cionn mo shluaigh.
18
An sin thàinig Saul am fagas do Shamuel anns a’ gheata, agus thubhairt e, Innis dhomh, guidheam ort, càit a bheil taigh an fhir-sheallaidh?
19
Agus fhreagair Samuel Saul, agus thubhairt e, Is mise am fear-seallaidh: gabh suas romham don ionad àrd, agus ithidh sibh maille riumsa an‑diugh; agus leigidh mi leat falbh anns a’ mhadainn, agus gach nì a tha ann ad chridhe innsidh mi dhut.
20
Agus a‑thaobh nan asal agad a chailleadh o chionn trì làithean, na suidhich d’inntinn orra, oir fhuaireadh iad: agus cò air a bheil uile dhèigh Israeil? Nach ann ortsa, agus air uile thaigh d’athar?
21
Agus fhreagair Saul agus thubhairt e, Nach Beniàmineach mise den treubh as lugha ann an Israel? Agus nach e mo theaghlach as lugha de uile theaghlaichean treubh Bheniàmin? Carson uime sin a tha thu a’ labhairt riumsa air an dòigh seo?
22
Agus ghabh Samuel Saul agus a òganach, agus thug e a‑steach iad don t‑seòmar-chuirm, agus thug e àite-suidhe dhaibh aig ceann-toisich nan daoine a chaidh a chuireadh, agus iad mu thimcheall deich-fir-fhichead.
23
Agus thubhairt Samuel ris a’ chòcaire, Thoir dhomh a’ chuibhreann a thug mi dhut mun dubhairt mi riut, Cuir làimh riut i.
24
Agus thog an còcaire an slinnean, agus an nì a bha air, agus chuir e fa chomhair Shauil e, agus thubhairt Samuel, Feuch, cuir an nì sin a dh’fhàgadh air do bheulaibh, agus ith: oir a dh’ionnsaigh an àma seo ghleidheadh dhut e, o thubhairt mi, Thug mi cuireadh don t‑sluagh. Agus dh’ith Saul maille ri Samuel air an là sin.
25
Agus nuair a thàinig iad a‑nuas on ionad àrd don bhaile, labhair Samuel ri Saul air mullach an taighe.
26
Agus dh’èirich iad gu moch: agus mu bhriseadh na fàire, ghairm Samuel air Saul gu mullach an taighe, ag ràdh, Eirich, a‑chum gun leig mi air falbh thu. Agus dh’èirich Saul, agus chaidh iad a‑mach le chèile, e fhèin agus Samuel.
27
Agus nuair a bha iad a’ dol sìos gu iomall a’ bhaile, thubhairt Samuel ri Saul, Abair ris an òganach dol air aghaidh romhainn, (agus chaidh e air aghaidh,) ach seas thusa tamall, agus cuiridh mi an cèill dhut facal Dhè.











1 Samuel 9:1
1 Samuel 9:2
1 Samuel 9:3
1 Samuel 9:4
1 Samuel 9:5
1 Samuel 9:6
1 Samuel 9:7
1 Samuel 9:8
1 Samuel 9:9
1 Samuel 9:10
1 Samuel 9:11
1 Samuel 9:12
1 Samuel 9:13
1 Samuel 9:14
1 Samuel 9:15
1 Samuel 9:16
1 Samuel 9:17
1 Samuel 9:18
1 Samuel 9:19
1 Samuel 9:20
1 Samuel 9:21
1 Samuel 9:22
1 Samuel 9:23
1 Samuel 9:24
1 Samuel 9:25
1 Samuel 9:26
1 Samuel 9:27






1 Samuel 1 / 1Sam 1
1 Samuel 2 / 1Sam 2
1 Samuel 3 / 1Sam 3
1 Samuel 4 / 1Sam 4
1 Samuel 5 / 1Sam 5
1 Samuel 6 / 1Sam 6
1 Samuel 7 / 1Sam 7
1 Samuel 8 / 1Sam 8
1 Samuel 9 / 1Sam 9
1 Samuel 10 / 1Sam 10
1 Samuel 11 / 1Sam 11
1 Samuel 12 / 1Sam 12
1 Samuel 13 / 1Sam 13
1 Samuel 14 / 1Sam 14
1 Samuel 15 / 1Sam 15
1 Samuel 16 / 1Sam 16
1 Samuel 17 / 1Sam 17
1 Samuel 18 / 1Sam 18
1 Samuel 19 / 1Sam 19
1 Samuel 20 / 1Sam 20
1 Samuel 21 / 1Sam 21
1 Samuel 22 / 1Sam 22
1 Samuel 23 / 1Sam 23
1 Samuel 24 / 1Sam 24
1 Samuel 25 / 1Sam 25
1 Samuel 26 / 1Sam 26
1 Samuel 27 / 1Sam 27
1 Samuel 28 / 1Sam 28
1 Samuel 29 / 1Sam 29
1 Samuel 30 / 1Sam 30
1 Samuel 31 / 1Sam 31