Instagram
English
A A A A A
Gaelic Bible (Scottish) (ABG) 1992
1 Samuel 8
1
A‑nis nuair a bha Samuel aosda, chuir e a mhic nam britheamhan os cionn Israeil.
2
Agus b’e ainm a chiad-ghin mic Ioel, agus ainm a dhara mic Abiah: bha iad nam britheamhan ann am Beer-sèba.
3
Agus cha do ghluais a mhic na shlighean-san, ach chlaon iad an dèidh buannachd, agus ghabh iad duais, agus dh’fhiar iad breitheanas.
4
An sin chruinnich uile sheanairean Israeil iad fhèin an ceann a chèile, agus thàinig iad a dh’ionnsaigh Shamueil gu Ramah.
5
Agus thubhairt iad ris, Feuch, tha thusa air fàs aosda, agus chan eil do mhic a’ gluasad ann ad shlighean: a‑nis matà dèan dhuinne rìgh gu breith a thoirt oirnn, mar na cinnich uile.
6
Ach mhì-thaitinn an nì ri Samuel, nuair a thubhairt iad, Thoir dhuinn rìgh gu breith a thoirt oirnn: agus rinn Samuel ùrnaigh ris an Tighearna.
7
Agus thubhairt an Tighearna ri Samuel, Eisd ri guth an t‑sluaigh anns gach nì a their iad riut: oir riutsa cha do chuir iad cùl, ach riumsa chuir iad cùl, a‑chum nach rìoghaichinn os an cionn.
8
A rèir nan uile obraichean a rinn iad on là anns an tug mi a‑nìos iad as an Eiphit gu ruig an là‑an‑diugh, leis an do thrèig iad mi, agus an do rinn iad seirbhis do dhiathan eile, mar seo tha iad a’ dèanamh mar an ceudna riutsa.
9
A‑nis uime sin èisd rin guth: gidheadh bheir thu gu cinnteach fianais nan aghaidh, agus cuiridh tu an cèill dhaibh lagh an rìgh a rìoghaicheas os an cionn.
10
Agus dh’innis Samuel uile bhriathran an Tighearna don t‑sluagh, a bha ag iarraidh rìgh air.
11
Agus thubhairt e, Seo mar a bhios lagh an rìgh a rìoghaicheas os ur cionn: Gabhaidh e ur mic, agus òrdaichidh e dha fhèin iad a‑chum a charbad, agus gu bhith nam marcaichean aige, agus gu ruith ro a charbadan;
12
Agus gan cur nan ceannardan dha fhèin air mhìltean, agus nan ceannardan air lethcheudan, agus a threabhadh a fhearainn, agus a bhuain a fhoghair, agus a dhèanamh innealan-cogaidh air a shon, agus innealan airson a charbad.
13
Agus gabhaidh e ur nigheanan a dhèanamh ola-ungaidh cùbhraidh, agus gu bhith nam ban-chòcairean, agus nam ban-fhuineadairean.
14
Agus gabhaidh e ur n‑achaidhean agus ur fìonliosan, agus ur liosan-ola, eadhon a’ chuid as fheàrr dhiubh, agus bheir e iad da òglaich.
15
Agus gabhaidh e an deicheamh de ur sìol, agus de ur fìonliosan, agus bheir e da luchd-dreuchd e, agus da òglaich.
16
Agus gabhaidh e ur n‑òglaich-se agus ur banoglaich, agus na h‑òganaich as fheàrr agaibh, agus ur n‑asail, agus cuiridh e a‑chum a obrach fhèin iad.
17
Gabhaidh e an deicheamh de ur caoraich: agus bidh sibh nur seirbhisich aige.
18
Agus glaodhaidh sibh a‑mach anns an là sin o làthair ur rìgh a thagh sibh dhuibh fhèin; agus chan èisd an Tighearna ribh anns an là sin.
19
Gidheadh, dhiùlt an sluagh èisdeachd ri guth Shamueil, agus thubhairt iad, Chan eadh; ach bidh rìgh againne os ar cionn:
20
Agus bidh sinne mar an ceudna mar na cinnich uile, agus bheir ar rìgh breith oirnn, agus thèid e a‑mach romhainn, agus cuiridh e ar cathan.
21
Agus chuala Samuel uile bhriathran an t‑sluaigh, agus dh’aithris e iad ann an cluasan an Tighearna.
22
Agus thubhairt an Tighearna ri Samuel, Eisd rin guth, agus dèan rìgh dhaibh. Agus thubhairt Samuel ri fir Israeil, Rachaibh, gach duine dhibh, da bhaile fhèin.
1 Samuel 8:1
1 Samuel 8:2
1 Samuel 8:3
1 Samuel 8:4
1 Samuel 8:5
1 Samuel 8:6
1 Samuel 8:7
1 Samuel 8:8
1 Samuel 8:9
1 Samuel 8:10
1 Samuel 8:11
1 Samuel 8:12
1 Samuel 8:13
1 Samuel 8:14
1 Samuel 8:15
1 Samuel 8:16
1 Samuel 8:17
1 Samuel 8:18
1 Samuel 8:19
1 Samuel 8:20
1 Samuel 8:21
1 Samuel 8:22
1 Samuel 1 / 1Sam 1
1 Samuel 2 / 1Sam 2
1 Samuel 3 / 1Sam 3
1 Samuel 4 / 1Sam 4
1 Samuel 5 / 1Sam 5
1 Samuel 6 / 1Sam 6
1 Samuel 7 / 1Sam 7
1 Samuel 8 / 1Sam 8
1 Samuel 9 / 1Sam 9
1 Samuel 10 / 1Sam 10
1 Samuel 11 / 1Sam 11
1 Samuel 12 / 1Sam 12
1 Samuel 13 / 1Sam 13
1 Samuel 14 / 1Sam 14
1 Samuel 15 / 1Sam 15
1 Samuel 16 / 1Sam 16
1 Samuel 17 / 1Sam 17
1 Samuel 18 / 1Sam 18
1 Samuel 19 / 1Sam 19
1 Samuel 20 / 1Sam 20
1 Samuel 21 / 1Sam 21
1 Samuel 22 / 1Sam 22
1 Samuel 23 / 1Sam 23
1 Samuel 24 / 1Sam 24
1 Samuel 25 / 1Sam 25
1 Samuel 26 / 1Sam 26
1 Samuel 27 / 1Sam 27
1 Samuel 28 / 1Sam 28
1 Samuel 29 / 1Sam 29
1 Samuel 30 / 1Sam 30
1 Samuel 31 / 1Sam 31