Instagram
English
A A A A A
Gaelic Bible (Scottish) (ABG) 1992
1 Samuel 25
1
Agus fhuair Samuel bàs: agus chruinnich na h‑Israelich uile an ceann a chèile, agus rinn iad caoidh air a shon, agus dh’adhlaic iad e na thaigh ann an Ramah. Agus dh’èirich Daibhidh, agus chaidh e sìos gu fàsach Pharain.
2
Agus bha duine ann am Maon aig an robh a shealbh ann an Carmel; agus bha an duine ro‑mhòr, agus bha trì mìle caora aige, agus mìle gobhar: agus bha e a’ lomairt a chaorach ann an Carmel.
3
A‑nis b’e ainm an duine Nàbel, agus ainm a mhnà Abigail; agus bha i na mnaoi aig an robh deagh-thuigse, agus maiseach na dealbh; ach bha an duine iargalta agus olc na ghnìomharan; agus bha e de thaigh Chàleib.
4
Agus chuala Daibhidh anns an fhàsach gu robh Nàbel a’ lomairt a chaorach.
5
Agus chuir Daibhidh uaithe deichnear òganach; agus thubhairt Daibhidh ris na h‑òganaich, Gabhaibh suas gu Carmel, agus rachaibh a dh’ionnsaigh Nàbeil, agus cuiribh fàilte air am ainm-sa.
6
Agus mar seo their sibh, Slàn gu robh thu: agus sìth gu robh dhut fhèin, agus sìth dod thaigh, agus sìth do gach nì a tha agad.
7
Agus a‑nis chuala mi gu bheil luchd-lomairt chaorach agad: a‑nis do bhuachaillean-sa, a bha maille rinn, cha do rinn sinn cron orra, cha mhò a dh’ionndrainneadh nì sam bith leo rè na h‑aimsir a bha iad ann an Carmel.
8
Feòraich ded òganaich, agus innsidh iad dhut: faigheadh, matà, na h‑òganaich deagh-ghean ad shùilean, oir air là math thàinig sinn: thoir, guidheam ort, dod sheirbhisich agus dod mhac Daibhidh ge bè nì a thig a dh’ionnsaigh do làimhe.
9
Agus nuair a thàinig òganaich Dhaibhidh, labhair iad ri Nàbel a rèir nam briathran sin uile ann an ainm Dhaibhidh, agus bha iad nan tosd.
10
Agus fhreagair Nàbel seirbhisich Dhaibhidh, agus thubhairt e, Cò e Daibhidh, agus cò e mac Iese? Is lìonmhor seirbhisich anns na làithean seo a tha a’ briseadh air falbh, gach duine dhiubh, o a mhaighistir.
11
An gabh mise matà m’aran, agus m’uisge, agus m’fheòil a mharbh mi airson mo luchd-lomairt, agus an tabhair mi e do dhaoine nach aithne dhomh cia as a tha iad?
12
Uime sin thionndaidh òganaich Dhaibhidh air an slighe, agus thill iad, agus thàinig iad agus dh’innis iad dha a rèir nam briathran sin uile.
13
Agus thubhairt Daibhidh ra dhaoine, Cuiribh gach duine a chlaidheamh air. Agus chuir gach duine dhiubh a chlaidheamh air: agus chuir Daibhidh mar an ceudna a chlaidheamh air: agus chaidh suas an dèidh Dhaibhidh mu thimcheall ceithir cheud fear, agus dh’fhan dà cheud maille ris an àirneis.
14
Ach dh’innis fear de na h‑òganaich do Abigail bean Nàbeil, ag ràdh, feuch, chuir Daibhidh teachdairean as an fhàsach a chur fàilte air ar maighistir, agus thug e ana-cainnt dhaibh.
15
Ach bha na daoine ro‑mhath dhuinn, agus cha do rinneadh cron oirnn, cha mhò a dh’ionndrainn sinn nì sam bith rè na h‑aimsir a bha sinn maille riu, nuair a bha sinn anns an fhearann.
16
Bha iad nam balla dhuinn araon a dh’oidhche agus a là, rè na h‑aimsir a bha sinn maille riu ag ionaltradh nan caorach.
17
A‑nis, air an adhbhar sin biodh fhios agad agus smaoinich ciod a nì thu; oir shònraicheadh olc an aghaidh ar maighistir, agus an aghaidh a thaighe uile: agus is mac do Bhelial esan, air chor is nach faod neach labhairt ris.
18
An sin rinn Abigail cabhag, agus ghabh i dà cheud buileann arain, agus dà shearraig fhìona, agus còig caoraich air an deasachadh, agus còig tomhaisean de shìol cruadhaichte, agus ceud bagaid de fhìondhearcan tiormaichte, agus dà cheud meall de fhìgean; agus chuir i air asail iad.
19
Agus thubhairt i ra h‑òganaich, Rachaibh air ur n‑aghaidh romham: feuch, tha mi a’ teachd nur dèidh: ach cha d’innis i sin da fear Nàbel.
20
Agus nuair a bha i a’ marcachd air an asail, agus a’ teachd a‑nuas ann am fasgadh an t‑slèibh, feuch, thàinig Daibhidh agus a dhaoine a‑nuas na còmhdhail; agus choinnich i iad.
21
A‑nis thubhairt Daibhidh, Gu cinnteach is ann gu dìomhain a ghlèidh mise gach nì a bha aig an fhear seo anns an fhàsach, air chor is nach d’ionndrainneadh nì air bith de gach nì a bhuineadh dha; oir dhìol esan olc dhòmhsa an èirig maith.
22
Gun dèanadh Dia mar sin ri naimhdean Dhaibhidh, agus tuilleadh mar an ceudna, ma dh’fhàgas mise dhiubhsan uile a tha aige gu ruig a’ mhadainn, aon air bith a nì uisge ri balla.
23
Agus nuair a chunnaic Abigail Daibhidh, rinn i cabhag agus theirinn i bhàrr na h‑asail, agus thuit i sìos air a h‑aghaidh am fianais Dhaibhidh, agus chrom i i fhèin gu làr,
24
Agus thuit i aig a chasan, agus thubhairt i, Ormsa, eadhon ormsa, mo thighearna, biodh an cionta seo, agus labhradh, guidheam ort, do bhanoglach ann ad èisdeachd, agus cluinn briathran do bhanoglaich.
25
Na tugadh mo thighearna, guidheam ort, fa‑near an duine seo le Belial, eadhon Nàbel; oir a rèir a ainme, mar sin tha e: is e Nàbel a ainm, agus tha amaideachd maille ris: ach chan fhaca mise, do bhanoglach, òganaich mo thighearna, a chuir thu uat.
26
A‑nis uime sin, mo thighearna, mar as beò an Tighearna, agus mar as beò d’anam, a chionn gun do chùm an Tighearna thusa o theachd a dhòrtadh fala, agus o thu fhèin a dhìoladh led làimh fhèin; a‑nis uime sin mar Nàbel biodh do naimhdean, agus iadsan a dh’iarras olc dom thighearna.
27
Agus a‑nis am beannachadh seo, a thug do bhanoglach a dh’ionnsaigh mo thighearna, thugar e eadhon do na h‑òganaich a tha a’ siubhal an cois mo thighearna.
28
Maith, guidheam ort, cionta do bhanoglaich; oir nì an Tighearna gu cinnteach taigh seasmhach dom thighearna, do bhrìgh gu bheil mo thighearna a’ cur chathan an Tighearna, agus nach d’fhuaireadh olc annad o thùs do làithean.
29
Gidheadh dh’èirich duine gu dol air do thòir, agus a dh’iarraidh d’anama: ach bidh anam mo thighearna air a cheangal suas ann an ceanglachan na beatha aig an Tighearna do Dhia; agus anaman do naimhdean, iadsan tilgidh e a‑mach, mar à meadhon croinn-tabhaill.
30
Agus nuair a nì an Tighearna dom thighearna a rèir gach maith a labhair e mud thimcheall, agus a dh’òrdaicheas e thu ad uachdaran os cionn Israeil,
31
Cha bhi seo a‑chum doilgheis dhut, no a‑chum oilbheum cridhe dom thighearna, gun do dhòirt thu fuil gun adhbhar, agus gun do dhìol mo thighearna e fhèin: ach nuair a bhuineas an Tighearna gu math rim thighearna, an sin cuimhnich air do bhanoglaich.
32
Agus thubhairt Daibhidh ri Abigail, Beannaichte gu robh an Tighearna, Dia Israeil, a chuir thusa an‑diugh am choinneamh-sa:
33
Agus beannaichte gu robh do chomhairle, agus beannaichte gu robh thu fhèin, a chùm mise an‑diugh o theachd a dhòrtadh fala, agus o mi fhèin a dhìoladh lem làimh fhèin.
34
Oir gu deimhinn, mar as beò an Tighearna Dia Israeil, a chùm mise o chron a dhèanamh ort, mura biodh tu air dèanamh cabhaig, agus air teachd am choinneamh, gu cinnteach chan fhàgte do Nàbel gu solas na maidne neach sam bith a nì uisge ri balla.
35
Uime sin ghabh Daibhidh as a làimh na thug i da ionnsaigh, agus thubhairt e rithe, Gabh suas ann an sìth a dh’ionnsaigh do thaighe: faic, dh’èisd mi rid ghuth, agus ghabh mi rid ghnùis.
36
Agus thàinig Abigail a dh’ionnsaigh Nàbeil; agus, feuch, bha cuirm aige na thaigh mar chuirm rìgh; agus bha cridhe Nàbeil subhach an taobh a‑staigh dheth, oir bha e gu mòr air mhisg: uime sin cha d’innis i dha a’ bheag no a’ mhòr gu solas na maidne.
37
Ach anns a’ mhadainn, nuair a chaidh am fìon à Nàbel, agus a dh’innis a bhean dha na nithean sin, bhàsaich a chridhe an taobh a‑staigh dheth, agus bha e mar chloich.
38
Agus mu thimcheall deich làithean na dhèidh sin bhuail an Tighearna Nàbel, agus fhuair e bàs.
39
Agus nuair a chuala Daibhidh gun d’fhuair Nàbel bàs, thubhairt e, Beannaichte gu robh an Tighearna a thagair cùis mo mhaslaidh o làimh Nàbeil agus a chùm a sheirbhiseach o olc: oir thionndaidh an Tighearna aingidheachd Nàbeil air a cheann fhèin. Agus chuir Daibhidh teachdairean uaithe, agus labhair e ri Abigail, a‑chum a gabhail dha fhèin na mnaoi.
40
Agus nuair a thàinig seirbhisich Dhaibhidh a dh’ionnsaigh Abigail gu Carmel, labhair iad rithe, ag ràdh, Chuir Daibhidh sinn ad ionnsaigh a‑chum do ghabhail thuige ad mhnaoi.
41
Agus dh’èirich i, agus chrom i i fhèin air a h‑aghaidh a dh’ionnsaigh na talmhainn, agus thubhairt i, Feuch, biodh do bhanoglach na h‑innilt a nighe casan seirbhisich mo thighearna.
42
Agus rinn Abigail cabhag, agus dh’èirich i, agus mharcaich i air asail, agus còignear ghruagach aice ag imeachd na dèidh; agus lean i teachdairean Dhaibhidh, agus bha i na mnaoi aige.
43
Ghabh Daibhidh cuideachd Ahinoam o Iesreel; agus bha iad mar an ceudna le chèile nam mnathan aige.
44
Oir thug Saul a nighean Michal, bean Dhaibhidh, do Phalti mac Lais, a bha de Ghalim.
1 Samuel 25:1
1 Samuel 25:2
1 Samuel 25:3
1 Samuel 25:4
1 Samuel 25:5
1 Samuel 25:6
1 Samuel 25:7
1 Samuel 25:8
1 Samuel 25:9
1 Samuel 25:10
1 Samuel 25:11
1 Samuel 25:12
1 Samuel 25:13
1 Samuel 25:14
1 Samuel 25:15
1 Samuel 25:16
1 Samuel 25:17
1 Samuel 25:18
1 Samuel 25:19
1 Samuel 25:20
1 Samuel 25:21
1 Samuel 25:22
1 Samuel 25:23
1 Samuel 25:24
1 Samuel 25:25
1 Samuel 25:26
1 Samuel 25:27
1 Samuel 25:28
1 Samuel 25:29
1 Samuel 25:30
1 Samuel 25:31
1 Samuel 25:32
1 Samuel 25:33
1 Samuel 25:34
1 Samuel 25:35
1 Samuel 25:36
1 Samuel 25:37
1 Samuel 25:38
1 Samuel 25:39
1 Samuel 25:40
1 Samuel 25:41
1 Samuel 25:42
1 Samuel 25:43
1 Samuel 25:44
1 Samuel 1 / 1Sam 1
1 Samuel 2 / 1Sam 2
1 Samuel 3 / 1Sam 3
1 Samuel 4 / 1Sam 4
1 Samuel 5 / 1Sam 5
1 Samuel 6 / 1Sam 6
1 Samuel 7 / 1Sam 7
1 Samuel 8 / 1Sam 8
1 Samuel 9 / 1Sam 9
1 Samuel 10 / 1Sam 10
1 Samuel 11 / 1Sam 11
1 Samuel 12 / 1Sam 12
1 Samuel 13 / 1Sam 13
1 Samuel 14 / 1Sam 14
1 Samuel 15 / 1Sam 15
1 Samuel 16 / 1Sam 16
1 Samuel 17 / 1Sam 17
1 Samuel 18 / 1Sam 18
1 Samuel 19 / 1Sam 19
1 Samuel 20 / 1Sam 20
1 Samuel 21 / 1Sam 21
1 Samuel 22 / 1Sam 22
1 Samuel 23 / 1Sam 23
1 Samuel 24 / 1Sam 24
1 Samuel 25 / 1Sam 25
1 Samuel 26 / 1Sam 26
1 Samuel 27 / 1Sam 27
1 Samuel 28 / 1Sam 28
1 Samuel 29 / 1Sam 29
1 Samuel 30 / 1Sam 30
1 Samuel 31 / 1Sam 31