A A A A A
Facebook Instagram Twitter
Gaelic Bible (Scottish) (ABG) 1992

1 Samuel 15



1
Agus thubhairt Samuel ri Saul, Chuir an Tighearna mi gu thusa ungadh ad rìgh os cionn a shluaigh, os cionn Israeil: a‑nis uime sin èisd ri briathran an Tighearna.
2
Mar seo tha Tighearna nan sluagh ag ràdh, Is cuimhne leam ciod a rinn na h‑Amalecich air na h‑Israelich, cionnas a chuir iad nan aghaidh anns an t‑slighe, nuair a thàinig iad a‑nìos as an Eiphit.
3
A‑nis falbh, agus buail na h‑Amalecich, agus sgrios gu tur gach nì a tha aca, agus na caomhain iad; ach marbh araon fear agus bean, leanabh agus cìochran, damh agus caora, càmhal agus asal.
4
Agus chruinnich Saul an sluagh an ceann a chèile, agus dh’àireamh e iad ann an Telaim, dà cheud mìle coisiche, agus deich mìle fear de Iùdah.
5
Agus thàinig Saul gu baile le Amalec, agus rinn e feall-fhalach anns a’ ghleann.
6
Agus thubhairt Saul ris na Cenich, Falbhaibh, imichibh à seo, rachaibh sìos o mheasg nan Amaleceach, air eagal gun sgrios mi sibh maille riu: oir nochd sibhse coibhneas do chloinn Israeil uile nuair a thàinig iad a‑nìos as an Eiphit. Uime sin dh’imich na Cenich o mheasg nan Amaleceach.
7
Agus bhuail Saul na h‑Amalecich o Habhilah gus an tig thu gu Sur, a tha fa chomhair na h‑Eiphit.
8
Agus ghlac e Agag, rìgh nan Amaleceach, beò, agus sgrios e an sluagh uile le faobhar a’ chlaidheimh.
9
Agus chaomhain Saul agus an sluagh Agag, agus a’ chuid a b’fheàrr de na caoraich, agus den bhuar, agus de na beathaichean reamhar, agus de na h‑uain, agus de gach nì a bha math, agus cha b’àill leo an sgrios gu tur; ach gach nì a bha tàireil agus suarach, sin sgrios iad gu tur.
10
An sin thàinig facal an Tighearna a dh’ionnsaigh Shamueil, ag ràdh,
11
Is aithreach leam gun do rinn mi Saul na rìgh; oir thionndaidh e air ais om leantainn, agus cha do choilean e m’àitheantan. Agus chuir sin doilgheas air Samuel, agus ghlaodh e ris an Tighearna rè na h‑oidhche.
12
Agus nuair a dh’èirich Samuel gu moch a choinneachadh Shauil anns a’ mhadainn, dh’innseadh do Shamuel, ag ràdh, Thàinig Saul gu Carmel, agus, feuch, chuir e suas dha fhèin clach-chuimhneachain, agus dh’imich e mun cuairt, agus ghabh e air aghaidh, agus chaidh e sìos gu Gilgal.
13
Agus thàinig Samuel gu Saul; agus thubhairt Saul ris, Beannaichte gu robh thusa on Tighearna; choilean mise àithne an Tighearna.
14
Agus thubhairt Samuel, Ciod as ciall matà do mhèilich nan caorach seo ann am chluasan, agus do gheumnaich a’ chruidh a tha mi a’ cluinntinn?
15
Agus thubhairt Saul, O na h‑Amalecich thug iad iad; oir chaomhain an sluagh a’ chuid a b’fheàrr de na caoraich, agus den bhuar, a‑chum an ìobradh don Tighearna do Dhia; agus a’ chuid eile sgrios sinn gu tur.
16
An sin thubhairt Samuel ri Saul, Fuirich, agus innsidh mi dhut ciod a thubhairt an Tighearna riumsa a‑nochd. Agus thubhairt e ris, Abair romhad.
17
Agus thubhairt Samuel, Nuair a bha thu beag ad shùilean fhèin nach do rinneadh thu ad cheann air treubhan Israeil? Agus dh’ung an Tighearna thu ad rìgh os cionn Israeil.
18
Agus chuir an Tighearna thu air thuras, agus thubhairt e, Falbh, agus sgrios gu tur na peacaich, na h‑Amalecich, agus cog nan aghaidh gus an cuir thu as dhaibh.
19
Carson matà nach d’èisd thu ri guth an Tighearna, ach a leum thu air a’ chreich, agus a rinn thu olc ann an sùilean an Tighearna?
20
Agus thubhairt Saul ri Samuel, Seadh, dh’èisd mi ri guth an Tighearna, agus dh’imich mi air an t‑slighe air an do chuir an Tighearna mi, agus thug mi leam Agag, rìgh Amaleic, agus sgrios mi gu tur na h‑Amalecich:
21
Ach ghabh an sluagh den chreich, caoraich agus buar, toiseach nan nithean a bu chòir a bhith air an sgrios gu tur, a‑chum an ìobradh don Tighearna do Dhia ann an Gilgal.
22
Agus thubhairt Samuel, A bheil tlachd aig an Tighearna ann an tabhartasan-loisgte agus an ìobairtean, mar ann an ùmhlachd do ghuth an Tighearna? Feuch, is fheàrr ùmhlachd na ìobairt, agus aire a thabhairt na saill reitheachan.
23
Oir mar pheacadh na draoidheachd tha ceannairc, agus mar aingidheachd iodhal-adhraidh tha rag-mhuinealachd: a chionn gun do chuir thusa cùl ri facal an Tighearna, chuir esan mar an ceudna cùl riutsa o bhith ad rìgh.
24
Agus thubhairt Saul ri Samuel, Pheacaich mi, oir bhris mi àithne an Tighearna agus do bhriathran-sa; a chionn gu robh eagal orm ron t‑sluagh, agus gun d’èisd mi rin guth.
25
A‑nis uime sin, guidheam ort, lagh mo pheacadh, agus till maille rium, a‑chum gun dèan mi adhradh don Tighearna.
26
Agus thubhairt Samuel ri Saul, Cha till mi maille riut; oir chuir thu cùl ri facal an Tighearna, agus chuir an Tighearna cùl riutsa o bhith ad rìgh air Israel.
27
Agus nuair a thionndaidh Samuel mun cuairt gu falbh, rug e air oir a fhallainge, agus reubadh i.
28
Agus thubhairt Samuel ris, Reub an Tighearna rìoghachd Israeil dhìotsa an‑diugh, agus thug e i dod choimhearsnach, as fheàrr na thusa.
29
Agus mar an ceudna cha dèan Neart Israeil breug, agus cha ghabh e aithreachas; oir cha duine e gun gabhadh e aithreachas.
30
An sin thubhairt e, Pheacaich mi; gidheadh a‑nis thoir urram dhomh, guidheam ort, am fianais seanairean mo shluaigh, agus am fianais Israeil, agus till maille rium, a‑chum gun dèan mi adhradh don Tighearna do Dhia.
31
Agus thill Samuel an dèidh Shauil; agus rinn Saul adhradh don Tighearna.
32
An sin thubhairt Samuel, Thugaibh an seo am ionnsaigh-sa Agag rìgh nan Amaleceach: agus thàinig Agag da ionnsaigh gu suilbhir. Agus thubhairt Agag, Gu cinnteach chaidh searbhas a’ bhàis seachad.
33
Agus thubhairt Samuel, Mar a rinn do chlaidheamh-sa mnathan gun chlann, mar sin bidh do mhàthair gun chlann am measg bhan. Agus thug Samuel fa‑near Agag a ghearradh sìos na mhìrean am fianais an Tighearna ann an Gilgal.
34
An sin dh’imich Samuel gu Ramah; agus chaidh Saul suas da thaigh gu Gibeah Shauil.
35
Agus cha tàinig Samuel tuilleadh a dh’fhaicinn Shauil gu là a bhàis; gidheadh, rinn Samuel bròn airson Shauil: agus b’aithreach leis an Tighearna gun do rinn e Saul na rìgh air Israel.











1 Samuel 15:1
1 Samuel 15:2
1 Samuel 15:3
1 Samuel 15:4
1 Samuel 15:5
1 Samuel 15:6
1 Samuel 15:7
1 Samuel 15:8
1 Samuel 15:9
1 Samuel 15:10
1 Samuel 15:11
1 Samuel 15:12
1 Samuel 15:13
1 Samuel 15:14
1 Samuel 15:15
1 Samuel 15:16
1 Samuel 15:17
1 Samuel 15:18
1 Samuel 15:19
1 Samuel 15:20
1 Samuel 15:21
1 Samuel 15:22
1 Samuel 15:23
1 Samuel 15:24
1 Samuel 15:25
1 Samuel 15:26
1 Samuel 15:27
1 Samuel 15:28
1 Samuel 15:29
1 Samuel 15:30
1 Samuel 15:31
1 Samuel 15:32
1 Samuel 15:33
1 Samuel 15:34
1 Samuel 15:35






1 Samuel 1 / 1Sam 1
1 Samuel 2 / 1Sam 2
1 Samuel 3 / 1Sam 3
1 Samuel 4 / 1Sam 4
1 Samuel 5 / 1Sam 5
1 Samuel 6 / 1Sam 6
1 Samuel 7 / 1Sam 7
1 Samuel 8 / 1Sam 8
1 Samuel 9 / 1Sam 9
1 Samuel 10 / 1Sam 10
1 Samuel 11 / 1Sam 11
1 Samuel 12 / 1Sam 12
1 Samuel 13 / 1Sam 13
1 Samuel 14 / 1Sam 14
1 Samuel 15 / 1Sam 15
1 Samuel 16 / 1Sam 16
1 Samuel 17 / 1Sam 17
1 Samuel 18 / 1Sam 18
1 Samuel 19 / 1Sam 19
1 Samuel 20 / 1Sam 20
1 Samuel 21 / 1Sam 21
1 Samuel 22 / 1Sam 22
1 Samuel 23 / 1Sam 23
1 Samuel 24 / 1Sam 24
1 Samuel 25 / 1Sam 25
1 Samuel 26 / 1Sam 26
1 Samuel 27 / 1Sam 27
1 Samuel 28 / 1Sam 28
1 Samuel 29 / 1Sam 29
1 Samuel 30 / 1Sam 30
1 Samuel 31 / 1Sam 31