A A A A A
Facebook Instagram Twitter
Gaelic Bible (Scottish) (ABG) 1992

1 Samuel 14



1
A‑nis air là àraidh thubhairt Ionatan mac Shauil ris an òganach a dh’iomchair a airm, Thig, agus rachamaid thairis gu freiceadan nam Philisteach, a tha air an taobh thall: ach cha d’innis e da athair.
2
Agus dh’fhan Saul anns a’ chuid a b’fhaide a‑mach de Ghibeah, fo chraoibh pomgranait a tha ann am Migron: agus bha an sluagh a bha maille ris mu thimcheall sia ceud fear;
3
Agus bha Ahiah mac Ahituib, bràthair Ichaboid, mac Phinehais, mhic Eli, sagart an Tighearna, ann an Siloh ag iomchar èphoid. Ach cha robh fhios aig an t‑sluagh gun d’fhalbh Ionatan.
4
Agus eadar na bealaichean, air an d’iarr Ionatan dol thairis a dh’ionnsaigh freiceadan nam Philisteach, bha creag gheur air aon taobh, agus creag gheur air an taobh eile: agus b’e ainm creige dhiubh Boses, agus ainm na creige eile Seneh.
5
Bha suidheachadh creige dhiubh o thuath fa chomhair Mhichmais, agus suidheachadh na creige eile o dheas fa chomhair Ghibeah.
6
Agus thubhairt Ionatan ris an òganach a dh’iomchair a airm, Thig, agus rachamaid thairis a dh’ionnsaigh freiceadan nan daoine neo-thimcheall-gheàrrte ud: theagamh gun obraich an Tighearna air ar son; oir chan eil bacadh air an Tighearna saoradh le mòran no le beagan.
7
Agus thubhairt fear-iomchair a airm ris, Dèan gach nì a tha ann ad chridhe; tionndaidh thu fhèin; feuch, tha mise maille riut a rèir do chridhe.
8
An sin thubhairt Ionatan, Feuch, thèid sinn thairis a dh’ionnsaigh nan daoine ud, agus nochdaidh sinn sinn fhèin dhaibh.
9
Ma their iad mar seo rinn, Fanaibh gus an tig sinn dur n‑ionnsaigh; an sin seasaidh sinne nar n‑àite, agus cha tèid sinn suas dan ionnsaigh.
10
Agus ma their iad mar seo, Thigibh a‑nìos dar n‑ionnsaigh-ne; an sin thèid sinn suas, oir thug an Tighearna thairis iad dar làimh: agus bidh seo na chomharradh dhuinn.
11
Agus nochd iad le chèile iad fhèin do fhreiceadan nam Philisteach: agus thubhairt na Philistich, Feuch, tha na h‑Eabhraidhich a’ teachd a‑mach as na tuill anns an d’fhalaich iad iad fhèin.
12
Agus fhreagair fir an fhreiceadain Ionatan agus fear-iomchair a airm, agus thubhairt iad, Thigibh a‑nìos dar n‑ionnsaigh-ne, agus nochdaidh sinne dhuibh nì. Agus thubhairt Ionatan ri fear-iomchair a airm, Thig a‑nìos am dhèidh; oir thug an Tighearna thairis iad do làimh Israeil.
13
Agus chaidh Ionatan suas air a làmhan agus air a chasan, agus fear-iomchair a airm na dhèidh: agus thuit iad ro Ionatan, agus mharbh fear-iomchair a airm na dhèidh.
14
Agus bha an ciad àr sin a rinn Ionatan agus fear-iomchair a airm mu thimcheall fichead fear, an taobh a‑staigh mar gum b’ann de leth-acair fhearainn, a dh’fhaodadh cuing dhamh a threabhadh ann an là.
15
Agus bha ball-chrith anns an fheachd anns a’ mhachair, agus am measg an t‑sluaigh uile: bha crith mar an ceudna air an fhreiceadan agus air an luchd-millidh fhèin, agus chriothnaich an talamh; agus bha i na crith ro‑mhòir.
16
Agus dh’amhairc luchd-faire Shauil ann an Gibeah Bheniàmin; agus, feuch, leagh am mòr-shluagh as, agus dh’fhalbh iad a’ bualadh sìos a chèile.
17
An sin thubhairt Saul ris an t‑sluagh a bha maille ris, Gabhaibh àireamh a‑nis agus faicibh cò a dh’fhalbh uainn. Agus, nuair a chaidh an àireamh, feuch, cha robh Ionatan agus fear-iomchair a airm an sin.
18
Agus thubhairt Saul ri Ahiah, Thoir an seo àirc Dhè; oir bha àirc Dhè anns an àm sin maille ri cloinn Israeil.
19
Agus nuair a bha Saul a’ labhairt ris an t‑sagart, chaidh a’ chonghair a bha ann am feachd nam Philisteach air a h‑aghaidh; agus thubhairt Saul ris an t‑sagart, Tarraing air a h‑ais do làmh.
20
Agus chruinnich Saul agus an sluagh uile a bha maille ris iad fhèin an ceann a chèile, agus thàinig iad a dh’ionnsaigh a’ chatha; agus, feuch, bha claidheamh gach fir an aghaidh a choimhearsnaich, agus bha amhluadh ro‑mhòr ann.
21
Agus na h‑Eabhraidhich a bha maille ris na Philistich roimhe sin, a chaidh suas maille riu don champ on tìr mun cuairt, thionndaidh iadsan mar an ceudna gu bhith leis na h‑Israelich, a bha maille ri Saul agus Ionatan.
22
Agus nuair a chuala na fir sin uile de Israel, a dh’fhalaich iad fhèin ann an sliabh Ephraim, gun do theich na Philistich, dhlùth-lean iadsan mar an ceudna nan dèidh anns a’ chath.
23
Mar sin shaor an Tighearna Israel air an là sin: agus chaidh an cath thairis gu Bet-abhen.
24
Agus thàinig fir Israeil am fagas air an là sin, agus chuir Saul an sluagh fo mhionnan, ag ràdh, Mallaichte gu robh am fear a dh’itheas biadh gu feasgar, a‑chum gun dìolar mi air mo naimhdean: agus cha do bhlais neach air bith den t‑sluagh biadh.
25
Agus thàinig an sluagh uile gu coille, agus bha mil air aghaidh na machrach.
26
Agus nuair a thàinig an sluagh don choille, feuch, shil a’ mhil sìos; ach cha do chuir duine sam bith a làmh a dh’ionnsaigh a bheòil; oir bha eagal nam mionnan air an t‑sluagh.
27
Ach cha chuala Ionatan nuair a chuir a athair an sluagh fo na mionnan: uime sin shìn e a‑mach bàrr na slaite a bha na làimh, agus thum e i ann an cìr mheala, agus chuir e a làmh gu a bheul, agus shoillsicheadh a shùilean.
28
An sin fhreagair fear den t‑sluagh agus thubhairt e, Chuir d’athair an sluagh fo mhionnan teann, ag ràdh, Mallaichte gu robh an duine a dh’itheas biadh an‑diugh. Agus bha an sluagh air fannachadh.
29
An sin thubhairt Ionatan, Chuir m’athair an tìr fo bhuaireas: faicibh, guidheam oirbh, cionnas a tha mo shùilean-sa air an soillseachadh, do bhrìgh gun do bhlais mi beagan den mhil seo.
30
Cia mò gu mòr, nam biodh an sluagh air ithe gu saor an‑diugh de chreich an naimhdean, a fhuair iad? Oir nach biodh a‑nis àr na bu mhò am measg nam Philisteach?
31
Agus bhuail iad air an là sin na Philistich o Mhichmas gu Aialon: agus bha an sluagh air fannachadh gu mòr.
32
Agus leum an sluagh air a’ chreich, agus ghabh iad caoraich, agus buar, agus laoigh, agus mharbh iad air an talamh iad: agus dh’ith an sluagh iad leis an fhuil.
33
Agus dh’innis iad do Shaul, ag ràdh, Feuch, tha an sluagh a’ peacachadh an aghaidh an Tighearna, le ithe maille ris an fhuil. Agus thubhairt esan, Pheacaich sibh: caraichibh am ionnsaigh an‑diugh clach mhòr.
34
Agus thubhairt Saul, Sgaoilibh sibh fhèin am measg an t‑sluaigh, agus abraibh riu, Thugaibh am ionnsaigh an seo gach duine a dhamh, agus gach duine a chaora, agus marbhaibh iad an seo agus ithibh; agus na peacaichibh an aghaidh an Tighearna le ithe maille ris an fhuil. Agus thug an sluagh uile gach duine a dhamh leis air an oidhche sin, agus mharbh iad an sin iad.
35
Agus thog Saul altair don Tighearna. B’i sin a’ chiad altair a thog e don Tighearna.
36
Agus thubhairt Saul, Rachamaid sìos an dèidh nam Philisteach anns an oidhche, agus creachamaid iad gu solas na maidne, agus na fàgamaid fear dhiubh. Agus thubhairt iadsan, Dèan gach nì as math leat. An sin thubhairt an sagart, Thigeamaid am fagas an seo a dh’ionnsaigh Dhè.
37
Agus dh’iarr Saul comhairle air Dia, An tèid mi sìos an dèidh nam Philisteach? An toir thu thairis iad do làimh Israeil? Ach cha do fhreagair e e air an là sin.
38
Agus thubhairt Saul, Thigibh am fagas an seo, sibhse uile mhaithean an t‑sluaigh, agus biodh fhios agaibh, agus faicibh, càit an robh am peacadh seo an‑diugh.
39
Oir mar as beò an Tighearna a shaor Israel, ged robh e ann am mhac Ionatan, gu cinnteach gheibh e bàs. Ach cha do fhreagair duine e den t‑sluagh uile.
40
An sin thubhairt e ri Israel uile, Bithibh-se air aon taobh, agus bidh mise agus mo mhac Ionatan air an taobh eile. Agus thubhairt an sluagh ri Saul, Dèan an nì as math leat.
41
Uime sin thubhairt Saul ris an Tighearna Dia Israeil, Thoir seachad crannchur cothromach. Agus ghabhadh Saul agus Ionatan; ach chaidh an sluagh as.
42
Agus thubhairt Saul, Tilgibh crannchur eadar mise agus mo mhac Ionatan. Agus ghabhadh Ionatan.
43
An sin thubhairt Saul ri Ionatan, Innis dhomh ciod a rinn thu. Agus dh’innis Ionatan dha, agus thubhairt e, Gu deimhinn le bàrr na slaite a bha am làimh bhlais mi beagan meala, agus, feuch, am faigh mi bàs?
44
Agus thubhairt Saul, Gun dèanadh Dia mar sin, agus tuilleadh mar an ceudna, oir gu cinnteach gheibh thu bàs, a Ionatain.
45
Agus thubhairt an sluagh ri Saul, Am faigh Ionatan bàs, a dh’obraich an t‑saorsa mhòr seo ann an Israel? Nar leigeadh Dia: mar as beò an Tighearna, cha tuit aon ròineag de fhalt a chinn gu làr; oir maille ri Dia dh’obraich e an‑diugh. Uime sin shaor an sluagh Ionatan, agus cha d’fhuair e bàs.
46
An sin chaidh Saul suas o leantainn nam Philisteach: agus dh’fhalbh na Philistich dan àite fhèin.
47
Agus ghabh Saul an rìoghachd os cionn Israeil, agus chog e air gach làimh an aghaidh a naimhdean gu lèir, an aghaidh Mhòaib, agus an aghaidh chloinn Amoin, agus an aghaidh Edoim, agus an aghaidh rìghrean Shobah, agus an aghaidh nam Philisteach: agus ge bè taobh a thionndaidh e, chlaoidh e iad.
48
Agus thog e sluagh, agus bhuail e na h‑Amalecich, agus shaor e Israel à làimh na muinntir a bha gam milleadh.
49
A‑nis b’iad mic Shauil Ionatan, agus Isui, agus Melchi-sua: agus b’iad seo ainmean a dhithis nighean; ainm na ciad-ghin Merab, agus ainm na h‑ighinn a b’òige Michal.
50
Agus b’e ainm bean Shauil Ahinoam, nighean Ahimahais: agus b’e ainm ceannard a shluaigh Abner mac Neir, bràthair-athar Shauil.
51
Agus b’e Cis athair Shauil: agus b’e Ner athair Abneir, mac Abieil.
52
Agus bha cogadh dian an aghaidh nam Philisteach rè uile làithean Shauil: agus nuair a chìtheadh Saul fear làidir sam bith no fear treun sam bith, ghabhadh e da ionnsaigh e.











1 Samuel 14:1
1 Samuel 14:2
1 Samuel 14:3
1 Samuel 14:4
1 Samuel 14:5
1 Samuel 14:6
1 Samuel 14:7
1 Samuel 14:8
1 Samuel 14:9
1 Samuel 14:10
1 Samuel 14:11
1 Samuel 14:12
1 Samuel 14:13
1 Samuel 14:14
1 Samuel 14:15
1 Samuel 14:16
1 Samuel 14:17
1 Samuel 14:18
1 Samuel 14:19
1 Samuel 14:20
1 Samuel 14:21
1 Samuel 14:22
1 Samuel 14:23
1 Samuel 14:24
1 Samuel 14:25
1 Samuel 14:26
1 Samuel 14:27
1 Samuel 14:28
1 Samuel 14:29
1 Samuel 14:30
1 Samuel 14:31
1 Samuel 14:32
1 Samuel 14:33
1 Samuel 14:34
1 Samuel 14:35
1 Samuel 14:36
1 Samuel 14:37
1 Samuel 14:38
1 Samuel 14:39
1 Samuel 14:40
1 Samuel 14:41
1 Samuel 14:42
1 Samuel 14:43
1 Samuel 14:44
1 Samuel 14:45
1 Samuel 14:46
1 Samuel 14:47
1 Samuel 14:48
1 Samuel 14:49
1 Samuel 14:50
1 Samuel 14:51
1 Samuel 14:52






1 Samuel 1 / 1Sam 1
1 Samuel 2 / 1Sam 2
1 Samuel 3 / 1Sam 3
1 Samuel 4 / 1Sam 4
1 Samuel 5 / 1Sam 5
1 Samuel 6 / 1Sam 6
1 Samuel 7 / 1Sam 7
1 Samuel 8 / 1Sam 8
1 Samuel 9 / 1Sam 9
1 Samuel 10 / 1Sam 10
1 Samuel 11 / 1Sam 11
1 Samuel 12 / 1Sam 12
1 Samuel 13 / 1Sam 13
1 Samuel 14 / 1Sam 14
1 Samuel 15 / 1Sam 15
1 Samuel 16 / 1Sam 16
1 Samuel 17 / 1Sam 17
1 Samuel 18 / 1Sam 18
1 Samuel 19 / 1Sam 19
1 Samuel 20 / 1Sam 20
1 Samuel 21 / 1Sam 21
1 Samuel 22 / 1Sam 22
1 Samuel 23 / 1Sam 23
1 Samuel 24 / 1Sam 24
1 Samuel 25 / 1Sam 25
1 Samuel 26 / 1Sam 26
1 Samuel 27 / 1Sam 27
1 Samuel 28 / 1Sam 28
1 Samuel 29 / 1Sam 29
1 Samuel 30 / 1Sam 30
1 Samuel 31 / 1Sam 31