A A A A A
Facebook Instagram Twitter
Gaelic Bible (Scottish) (ABG) 1992

1 Eòin 4



1
A mhuinntir ionmhainn, na creidibh gach uile spiorad, ach dearbhaibh na spioradan, an ann o Dhia a tha iad: do bhrìgh gu bheil mòran fhàidhean brèige air dol a‑mach don t‑saoghal.
2
Le seo aithnichibh Spiorad Dhè: gach uile spiorad a dh’aidicheas gun tàinig Iosa Crìosd anns an fheòil, is ann o Dhia a tha e.
3
Agus gach uile spiorad nach aidich gu bheil Iosa Crìosd air teachd anns an fheòil, chan ann o Dhia a tha e: agus is e seo spiorad an ana-crìosd, neach a chuala sibh e a bhith a’ teachd, agus a‑nis tha e cheana anns an t‑saoghal.
4
A chlann bheag, tha sibhse o Dhia, agus thug sibh buaidh orrasan; do bhrìgh gur mò esan a tha annaibhse, na esan a tha anns an t‑saoghal.
5
Tha iadsan on t‑saoghal: uime sin tha iad a’ labhairt mun t‑saoghal, agus tha an saoghal ag èisdeachd riu.
6
Tha sinne o Dhia: an tì aig a bheil eòlas air Dia èisdidh e rinne; an tì nach eil o Dhia, chan èisd e rinn. O seo aithnichidh sinn spiorad na fìrinn, agus spiorad an t‑seachrain.
7
A mhuinntir ionmhainn, gràdhaicheamaid a chèile: oir is ann o Dhia a tha an gràdh; agus gach neach a ghràdhaicheas, ghineadh o Dhia e, agus is aithne dha Dia.
8
An tì nach gràdhaich, chan aithne dha Dia; oir is gràdh Dia.
9
An seo dh’fhoillsicheadh gràdh Dhè dhuinne, do bhrìgh gun do chuir Dia a aon-ghin Mhic don t‑saoghal, a‑chum gum bitheamaid beò trìdsan.
10
Ann an seo tha gràdh, chan e gun do ghràdhaich sinne Dia, ach gun do ghràdhaich esan sinne, agus gun do chuir e a Mhac fhèin gu bhith na ìobairt-rèitich airson ar peacaidhean.
11
A mhuinntir ionmhainn, ma ghràdhaich Dia sinne mar sin, tha e mar fhiachan oirnne a chèile a ghràdhachadh mar an ceudna.
12
Chan fhaca neach air bith Dia riamh. Ma ghràdhaicheas sinn a chèile, tha Dia na chòmhnaidh annainn, agus tha a ghràdh air a choileanadh annainn.
13
O seo is aithne dhuinn gu bheil sinne nar còmhnaidh annsan, agus esan annainne, do bhrìgh gun tug e dhuinn de a Spiorad.
14
Agus chunnaic sinn agus tha sinn a’ dèanamh fianais gun do chuir an t‑Athair am Mac uaithe mar Shlànaighear an t‑saoghail.
15
Ge bè neach a dh’aidicheas gur e Iosa Mac Dhè, tha Dia na chòmhnaidh annsan, agus esan ann an Dia.
16
Agus fhuair sinn aithne air agus chreid sinn an gràdh a tha aig Dia dhuinn. Is gràdh Dia; agus an tì a tha a’ fantainn ann an gràdh tha e na chòmhnaidh ann an Dia, agus Dia annsan.
17
An seo tha ar gràdh-ne air a dhèanamh coileanta, a‑chum gum bi againn dànachd ann an là a’ bhreitheanais: do bhrìgh mar a tha esan, gur amhail sin a tha sinne anns an t‑saoghal seo.
18
Chan eil eagal ann an gràdh; ach tilgidh gràdh iomlan an t‑eagal a‑mach; do bhrìgh gu bheil pian anns an eagal; an tì a tha fo eagal, cha do rinneadh coileanta ann an gràdh e.
19
Tha gràdh againne dhàsan, do bhrìgh gun do ghràdhaich esan sinne air tùs.
20
Ma their neach, Tha gràdh agam do Dhia, agus fuath aige da bhràthair, is breugaire e: oir an tì nach gràdhaich a bhràthair a chunnaic e, cionnas a dh’fhaodas e Dia nach faca e a ghràdhachadh?
21
Agus an àithne seo tha againn uaithesan, An tì a ghràdhaicheas Dia, gun gràdhaich e a bhràthair mar an ceudna.











1 Eòin 4:1
1 Eòin 4:2
1 Eòin 4:3
1 Eòin 4:4
1 Eòin 4:5
1 Eòin 4:6
1 Eòin 4:7
1 Eòin 4:8
1 Eòin 4:9
1 Eòin 4:10
1 Eòin 4:11
1 Eòin 4:12
1 Eòin 4:13
1 Eòin 4:14
1 Eòin 4:15
1 Eòin 4:16
1 Eòin 4:17
1 Eòin 4:18
1 Eòin 4:19
1 Eòin 4:20
1 Eòin 4:21






1 Eòin 1 / 1Eò 1
1 Eòin 2 / 1Eò 2
1 Eòin 3 / 1Eò 3
1 Eòin 4 / 1Eò 4
1 Eòin 5 / 1Eò 5