A A A A A
Facebook Instagram Twitter
Gaelic Bible (Scottish) (ABG) 1992

Iosua 12



1
A‑nis is iad seo rìghrean an fhearainn a bhuail clann Israeil; agus shealbhaich iad am fearann air taobh eile Iòrdain leth ri èirigh na grèine, o shruth Arnoin gu sliabh Hermoin, agus an còmhnard uile air an làimh an ear:
2
Sihon rìgh nan Amorach, a bha a chòmhnaidh ann an Hesbon, agus a riaghlaich o Aroer, a tha air bruaich sruth Arnoin, agus o mheadhon an t‑srutha, agus leth Ghilead eadhon gus an sruth Iaboc, crìoch chloinn Amoin:
3
Agus an còmhnard gu muir Chineroit a làimh na h‑àird an ear, agus gu muir a’ chòmhnaird, eadhon a’ mhuir shalainn a làimh na h‑àird an ear, an t‑slighe gu Bet-iesimot; agus on àird a deas, fo Asdot-pisgah:
4
Agus crìoch Og rìgh Bhasain, a bha de iarmad nam famhairean a bha a chòmhnaidh ann an Astarot, agus ann an Edrei,
5
Agus a rìghich ann an sliabh Hermoin, agus ann an Salcah, agus ann am Basan uile, gu crìch nan Gesurach agus nam Maachatach, agus leth Ghilead, crìoch Shihoin, rìgh Hesboin:
6
Iadsan bhuail Maois, òglach an Tighearna, agus clann Israeil; agus thug Maois, òglach an Tighearna, e mar sheilbh do na Reubenich, agus do na Gadaich, agus do leth-threubh Mhanaseh.
7
Agus is iad seo rìghrean na tìre a bhuail Iosua agus clann Israeil air an taobh seo de Iòrdan air an làimh an iar, o Bhaal-gad ann an gleann Lebanoin, eadhon gu sliabh Halaic, a tha a’ dol suas gu Seir: a thug Iosua do threubhan Israeil mar sheilbh, a rèir an roinnean:
8
Anns na beanntan, agus anns na gleanntan, agus anns na còmhnardan, agus anns na tobraichean, agus anns an fhàsach, agus anns an tìr mu dheas: na Hitich, na h‑Amoraich, agus na Canàanaich, na Peridsich, na Hibhich, agus na h‑Iebusaich:
9
Rìgh Iericho, aon; rìgh Ai, a tha làimh ri Betel, aon;
10
Rìgh Ierusaleim, aon; rìgh Hebroin, aon;
11
Rìgh Iarmuit, aon; rìgh Lachis, aon;
12
Rìgh Egloin, aon; rìgh Ghèseir, aon;
13
Rìgh Dhebir, aon; rìgh Ghedeir, aon;
14
Rìgh Hormah, aon; rìgh Araid, aon;
15
Rìgh Libnah, aon; rìgh Adulaim, aon;
16
Rìgh Mhacedah, aon; rìgh Bheteil, aon;
17
Rìgh Thapuah, aon; rìgh Hepheir, aon;
18
Rìgh Apheic, aon; rìgh Lasaroin, aon;
19
Rìgh Mhadoin, aon; rìgh Hasoir, aon;
20
Rìgh Shimron-meroin, aon; rìgh Achsaiph, aon;
21
Rìgh Thaanaich, aon; rìgh Mhegido, aon;
22
Rìgh Chedeis, aon; rìgh Iocneaim o Charmel, aon;
23
Rìgh Dhoir, ann an crìch Dhoir, aon; rìgh chinneach Ghilgail, aon;
24
Rìgh Thirsah, aon; na rìghrean uile, deich-ar‑fhichead agus aon.











Iosua 12:1

Iosua 12:2

Iosua 12:3

Iosua 12:4

Iosua 12:5

Iosua 12:6

Iosua 12:7

Iosua 12:8

Iosua 12:9

Iosua 12:10

Iosua 12:11

Iosua 12:12

Iosua 12:13

Iosua 12:14

Iosua 12:15

Iosua 12:16

Iosua 12:17

Iosua 12:18

Iosua 12:19

Iosua 12:20

Iosua 12:21

Iosua 12:22

Iosua 12:23

Iosua 12:24







Iosua 1 / Ios 1

Iosua 2 / Ios 2

Iosua 3 / Ios 3

Iosua 4 / Ios 4

Iosua 5 / Ios 5

Iosua 6 / Ios 6

Iosua 7 / Ios 7

Iosua 8 / Ios 8

Iosua 9 / Ios 9

Iosua 10 / Ios 10

Iosua 11 / Ios 11

Iosua 12 / Ios 12

Iosua 13 / Ios 13

Iosua 14 / Ios 14

Iosua 15 / Ios 15

Iosua 16 / Ios 16

Iosua 17 / Ios 17

Iosua 18 / Ios 18

Iosua 19 / Ios 19

Iosua 20 / Ios 20

Iosua 21 / Ios 21

Iosua 22 / Ios 22

Iosua 23 / Ios 23

Iosua 24 / Ios 24