1 |
A‑nis is iad seo rìghrean an fhearainn a bhuail clann Israeil; agus shealbhaich iad am fearann air taobh eile Iòrdain leth ri èirigh na grèine, o shruth Arnoin gu sliabh Hermoin, agus an còmhnard uile air an làimh an ear: |
2 |
Sihon rìgh nan Amorach, a bha a chòmhnaidh ann an Hesbon, agus a riaghlaich o Aroer, a tha air bruaich sruth Arnoin, agus o mheadhon an t‑srutha, agus leth Ghilead eadhon gus an sruth Iaboc, crìoch chloinn Amoin: |
3 |
Agus an còmhnard gu muir Chineroit a làimh na h‑àird an ear, agus gu muir a’ chòmhnaird, eadhon a’ mhuir shalainn a làimh na h‑àird an ear, an t‑slighe gu Bet-iesimot; agus on àird a deas, fo Asdot-pisgah: |
4 |
Agus crìoch Og rìgh Bhasain, a bha de iarmad nam famhairean a bha a chòmhnaidh ann an Astarot, agus ann an Edrei, |
5 |
Agus a rìghich ann an sliabh Hermoin, agus ann an Salcah, agus ann am Basan uile, gu crìch nan Gesurach agus nam Maachatach, agus leth Ghilead, crìoch Shihoin, rìgh Hesboin: |
6 |
Iadsan bhuail Maois, òglach an Tighearna, agus clann Israeil; agus thug Maois, òglach an Tighearna, e mar sheilbh do na Reubenich, agus do na Gadaich, agus do leth-threubh Mhanaseh. |
7 |
Agus is iad seo rìghrean na tìre a bhuail Iosua agus clann Israeil air an taobh seo de Iòrdan air an làimh an iar, o Bhaal-gad ann an gleann Lebanoin, eadhon gu sliabh Halaic, a tha a’ dol suas gu Seir: a thug Iosua do threubhan Israeil mar sheilbh, a rèir an roinnean: |
8 |
Anns na beanntan, agus anns na gleanntan, agus anns na còmhnardan, agus anns na tobraichean, agus anns an fhàsach, agus anns an tìr mu dheas: na Hitich, na h‑Amoraich, agus na Canàanaich, na Peridsich, na Hibhich, agus na h‑Iebusaich: |
9 |
Rìgh Iericho, aon; rìgh Ai, a tha làimh ri Betel, aon; |
10 |
Rìgh Ierusaleim, aon; rìgh Hebroin, aon; |
11 |
Rìgh Iarmuit, aon; rìgh Lachis, aon; |
12 |
Rìgh Egloin, aon; rìgh Ghèseir, aon; |
13 |
Rìgh Dhebir, aon; rìgh Ghedeir, aon; |
14 |
Rìgh Hormah, aon; rìgh Araid, aon; |
15 |
Rìgh Libnah, aon; rìgh Adulaim, aon; |
16 |
Rìgh Mhacedah, aon; rìgh Bheteil, aon; |
17 |
Rìgh Thapuah, aon; rìgh Hepheir, aon; |
18 |
Rìgh Apheic, aon; rìgh Lasaroin, aon; |
19 |
Rìgh Mhadoin, aon; rìgh Hasoir, aon; |
20 |
Rìgh Shimron-meroin, aon; rìgh Achsaiph, aon; |
21 |
Rìgh Thaanaich, aon; rìgh Mhegido, aon; |
22 |
Rìgh Chedeis, aon; rìgh Iocneaim o Charmel, aon; |
23 |
Rìgh Dhoir, ann an crìch Dhoir, aon; rìgh chinneach Ghilgail, aon; |
24 |
Rìgh Thirsah, aon; na rìghrean uile, deich-ar‑fhichead agus aon.
|
Gaelic Bible (Scottish) (ABG) 1992 |
© Scottish Bible Society 1992, 2017 |
|
|
|
|
|
|
|
|
|
|
Iosua 12:1 |
Iosua 12:2 |
Iosua 12:3 |
Iosua 12:4 |
Iosua 12:5 |
Iosua 12:6 |
Iosua 12:7 |
Iosua 12:8 |
Iosua 12:9 |
Iosua 12:10 |
Iosua 12:11 |
Iosua 12:12 |
Iosua 12:13 |
Iosua 12:14 |
Iosua 12:15 |
Iosua 12:16 |
Iosua 12:17 |
Iosua 12:18 |
Iosua 12:19 |
Iosua 12:20 |
Iosua 12:21 |
Iosua 12:22 |
Iosua 12:23 |
Iosua 12:24 |
|
|
|
|
|
|
Iosua 1 / Ios 1 |
Iosua 2 / Ios 2 |
Iosua 3 / Ios 3 |
Iosua 4 / Ios 4 |
Iosua 5 / Ios 5 |
Iosua 6 / Ios 6 |
Iosua 7 / Ios 7 |
Iosua 8 / Ios 8 |
Iosua 9 / Ios 9 |
Iosua 10 / Ios 10 |
Iosua 11 / Ios 11 |
Iosua 12 / Ios 12 |
Iosua 13 / Ios 13 |
Iosua 14 / Ios 14 |
Iosua 15 / Ios 15 |
Iosua 16 / Ios 16 |
Iosua 17 / Ios 17 |
Iosua 18 / Ios 18 |
Iosua 19 / Ios 19 |
Iosua 20 / Ios 20 |
Iosua 21 / Ios 21 |
Iosua 22 / Ios 22 |
Iosua 23 / Ios 23 |
Iosua 24 / Ios 24 |