A A A A A
Facebook Instagram Twitter
Gaelic Bible (Scottish) (ABG) 1992

Iosua 11



1
Agus nuair a chuala Iabin rìgh Hasoir na nithean sin, chuir e fios gu Iobab rìgh Mhadoin, agus gu rìgh Shimroin, agus gu rìgh Achsaiph,
2
Agus a dh’ionnsaigh nan rìgh a bha mu thuath anns na beanntan, agus anns a’ chòmhnard mu dheas de Chinerot, agus anns a’ ghleann, agus ann an crìochan Dhoir, air an làimh an iar;
3
Agus a dh’ionnsaigh a’ Chanàanaich air an làimh an ear agus an làimh an iar, agus a dh’ionnsaigh an Amoraich agus an Hitich, agus a’ Pheridsich, agus an Iebusaich anns na beanntan, agus a dh’ionnsaigh an Hibhich fo Hermon, ann an tìr Mhispeh.
4
Agus chaidh iad a‑mach, iad fhèin agus am feachd uile maille riu, sluagh lìonmhor, eadhon mar a’ ghaineamh a tha air tràigh na fairge a‑thaobh lìonmhorachd, le eich agus carbadan ro‑lìonmhor.
5
Agus nuair a bha na rìghrean sin uile air coinneachadh a chèile, thàinig iad agus champaich iad cuideachd aig uisgeachan Mheroim, a chogadh an aghaidh Israeil.
6
Agus thubhairt an Tighearna ri Iosua, Na biodh eagal ort romhpa; oir a‑màireach, mun àm seo, bheir mise suas iad uile marbh am fianais Israeil: gearraidh tu iosgaidean an each, agus loisgidh tu an carbadan le teine.
7
Agus thàinig Iosua, agus an sluagh cogaidh uile maille ris, orra aig uisgeachan Mheroim gu h‑obann, agus bhuail iad orra.
8
Agus thug an Tighearna thairis iad do làimh Israeil, a bhuail iad, agus a chuir an ruaig orra gu Sìdon mòr, agus gu Misrephot-maim, agus gu còmhnard Mhispeh air an làimh an ear, agus bhuail iad iad, gus nach d’fhàg iad aon dhiubh beò.
9
Agus rinn Iosua riu mar a dh’iarr an Tighearna air: gheàrr e iosgaidean an each, agus loisg e an carbadan le teine.
10
Agus thill Iosua anns an àm sin air ais, agus ghlac e Hasor, agus bhuail e a rìgh leis a’ chlaidheamh: oir b’e Hasor roimhe sin ceann nan rìoghachdan sin uile.
11
Agus bhuail iad na h‑anaman uile a bha ann le faobhar a’ chlaidheimh gan lèirsgrios: cha d’fhàgadh aon anns an robh anail; agus loisg e Hasor le teine.
12
Agus uile bhailtean nan rìgh sin, agus an rìghrean uile, ghlac Iosua, agus bhuail e iad le faobhar a’ chlaidheimh, agus sgrios e gu tur iad, mar a dh’àithn Maois, òglach an Tighearna.
13
Ach a‑thaobh nam bailtean sin uile a sheas a‑ghnàth nan neart, cha do loisg Israel aon dhiubh sin, saor o Hasor a‑mhàin; sin loisg Iosua.
14
Agus uile chreach nam bailtean sin, agus an sprèidh, ghabh clann Israeil mar chobhartach dhaibh fhèin; ach bhuail iad gach duine le faobhar a’ chlaidheimh, gus an do chuir iad as dhaibh; cha d’fhàg iad neach air bith anns an robh anail.
15
Mar a dh’àithn an Tighearna da òglach Maois, mar sin dh’àithn Maois do Iosua, agus mar sin rinn Iosua: cha d’fhàg e nì gun dèanamh de na h‑uile a dh’àithn an Tighearna do Mhaois.
16
Mar sin ghlac Iosua am fearann sin uile, na slèibhtean, agus an tìr mu dheas uile, agus fearann Ghòsein uile, agus an gleann, agus an còmhnard, agus sliabh Israeil, agus a ghleann;
17
O shliabh Halaic, a tha a’ dol suas gu Seir, eadhon gu Bàal-gad ann an gleann Lebanoin, fo shliabh Hermoin: agus an rìghrean uile ghlac e, agus bhuail e iad, agus mharbh e iad.
18
Rè ùine fhada rinn Iosua cogadh ris na rìghrean sin uile.
19
Cha robh baile mòr air bith a rinn sìth ri cloinn Israeil, saor o na Hibhich, luchd-àiteachaidh Ghibeoin; càch uile ghlac iad ann an cath.
20
Oir b’ann on Tighearna a bha e an cridheachan a chruadhachadh a‑chum gun tigeadh iad an aghaidh Israeil ann an cath, a‑chum gun sgriosadh e iad gu tur, agus nach biodh iochd sam bith air a nochdadh dhaibh, ach gun cuireadh e as dhaibh, mar a dh’àithn an Tighearna do Mhaois.
21
Agus anns an àm sin thàinig Iosua, agus gheàrr e as na h‑Anacaich o na slèibhtean, o Hebron, o Dhebir, o Anab, agus o bheanntan Iùdah uile, agus o bheanntan Israeil uile: sgrios Iosua gu tur iad lem bailtean.
22
Cha d’fhàgadh aon de na h‑Anacaich ann am fearann chloinn Israeil; a‑mhàin ann an Gàsa, ann an Gat, agus ann an Asdod, dh’fhàgadh iad.
23
Mar sin ghlac Iosua an tìr uile, a rèir nan uile a thubhairt an Tighearna ri Maois, agus thug Iosua i mar oighreachd do chloinn Israeil, ann an earrannan a rèir an treubhan. Agus fhuair an tìr fois o chogadh.











Iosua 11:1
Iosua 11:2
Iosua 11:3
Iosua 11:4
Iosua 11:5
Iosua 11:6
Iosua 11:7
Iosua 11:8
Iosua 11:9
Iosua 11:10
Iosua 11:11
Iosua 11:12
Iosua 11:13
Iosua 11:14
Iosua 11:15
Iosua 11:16
Iosua 11:17
Iosua 11:18
Iosua 11:19
Iosua 11:20
Iosua 11:21
Iosua 11:22
Iosua 11:23






Iosua 1 / Ios 1
Iosua 2 / Ios 2
Iosua 3 / Ios 3
Iosua 4 / Ios 4
Iosua 5 / Ios 5
Iosua 6 / Ios 6
Iosua 7 / Ios 7
Iosua 8 / Ios 8
Iosua 9 / Ios 9
Iosua 10 / Ios 10
Iosua 11 / Ios 11
Iosua 12 / Ios 12
Iosua 13 / Ios 13
Iosua 14 / Ios 14
Iosua 15 / Ios 15
Iosua 16 / Ios 16
Iosua 17 / Ios 17
Iosua 18 / Ios 18
Iosua 19 / Ios 19
Iosua 20 / Ios 20
Iosua 21 / Ios 21
Iosua 22 / Ios 22
Iosua 23 / Ios 23
Iosua 24 / Ios 24