Instagram
English
A A A A A
Gaelic Bible (Scottish) (ABG) 1992
Seumas 2
1
Mo bhràithrean, na biodh agaibh creideamh ar Tighearna Iosa Crìosd, Tighearna na glòire, maille ri gnùis-bhreith.
2
Oir ma thig a‑steach dur coitheanal duine air a bheil fàinne òir, ann an aodach dealrach, agus gun tig a‑steach mar an ceudna duine bochd ann an aodach suarach;
3
Agus gun amhairc sibh le meas air an duine sin air a bheil an deagh thrusgan, agus gun abair sibh ris, Suidh thusa an seo ann an àite inbheach; agus gun abair sibh ris an duine bhochd, Seas thusa an sin, no suidh an seo fo stòl mo chas:
4
Nach eil sibh mar sin leth-bhreitheach annaibh fhèin, agus nach do rinneadh sibh nur britheamhan dhroch smuaintean?
5
Eisdibh, mo bhràithrean gràdhach, nach do thagh Dia bochdan an t‑saoghail seo saoibhir ann an creideamh, agus nan oighreachan air an rìoghachd, a gheall e dhaibhsan a ghràdhaicheas e?
6
Ach thug sibhse masladh don bhochd. Nach eil na daoine saoibhir ri aintighearnas oirbh, agus gur tarraing gu cathraichean-breitheanais?
7
Nach eil iad a’ toirt toibheim don ainm òirdheirc, a dh’ainmichear oirbh?
8
Ma choileanas sibh an lagh rìoghail a rèir an sgriobtair, Gràdhaich do choimhearsnach mar thu fhèin, is math a nì sibh:
9
Ach ma nì sibh leth-bhreith air daoine, tha sibh a’ dèanamh peacaidh, agus tha sibh air ur fàgail shìos leis an lagh mar a luchd-brisidh.
10
Oir ge bè neach a choimheadas an lagh uile, agus a thuislicheas ann an aon àithne, tha e ciontach den iomlan.
11
Oir an tì a thubhairt, Na dèan adhaltranas, thubhairt e mar an ceudna, Na dèan mort. A‑nis ged nach dèan thu adhaltranas, gidheadh ma nì thu mort, rinneadh fear-brisidh an lagha dhìot.
12
Guma h‑amhlaidh sin a labhras sibhse, agus guma h‑amhlaidh a nì sibh, mar iadsan air an tèid breith a thoirt le lagh na saorsa.
13
Oir gheibh esan breitheanas gun tròcair, nach do rinn tròcair; agus nì tròcair gàirdeachas an aghaidh breitheanais.
14
Ciod an tairbhe, mo bhràithrean, ged their neach gu bheil creideamh aige, agus gun obraichean a bhith aige? An urrainn creideamh a thèarnadh?
15
Ma bhios bràthair no piuthar lomnochd, agus a dh’uireasbhaidh teachd-an‑tìr làitheil,
16
Agus gun abair neach agaibhse riu, Imichibh ann an sìth, bithibh air ur garadh, agus bithibh air ur sàsachadh: gidheadh nach toir sibh dhaibh na nithean sin a tha feumail don chorp, ciod an tairbhe a tha ann?
17
Is amhail sin creideamh mar an ceudna, mura bi obraichean aige, tha e marbh, air dha a bhith leis fhèin.
18
Ach tha neach àraidh ag ràdh, Tha creideamh agadsa, agus tha obraichean agamsa: nochd dhòmhsa do chreideamh as eugmhais d’obraichean, agus nochdaidh mise dhutsa mo chreideamh lem obraichean.
19
Tha thu a’ creidsinn gu bheil aon Dia ann; is math a nì thu: tha na deamhain a’ creidsinn mar an ceudna, agus tha iad a’ criothnachadh.
20
Ach, O dhuine dhìomhain, an àill leat fios fhaotainn gu bheil creideamh as eugmhais obraichean marbh?
21
Nach deachaidh ar n‑athair Abrahàm fhìreanachadh le obraichean nuair a thug e suas a mhac Isaac air an altair?
22
Nach lèir dhut gun do cho-obraich creideamh le a ghnìomharan, agus gun do rinneadh creideamh coileanta le obraichean?
23
Agus choileanadh an sgriobtar a tha ag ràdh, Chreid Abrahàm Dia, agus mheasadh sin dha mar fhìreantachd: agus ghoireadh caraid Dhè dheth.
24
Chì sibh uime sin gum fìreanaichear duine le obraichean, agus chan ann le creideamh a‑mhàin.
25
Amhail sin mar an ceudna, nach robh Rahab an strìopach air a fìreanachadh le obraichean, nuair a ghabh i ris na teachdairean, agus a chuir i a‑mach air slighe eile iad?
26
Oir mar a tha an corp marbh as eugmhais an spioraid, mar sin mar an ceudna tha creideamh marbh as eugmhais obraichean.
Seumas 2:1
Seumas 2:2
Seumas 2:3
Seumas 2:4
Seumas 2:5
Seumas 2:6
Seumas 2:7
Seumas 2:8
Seumas 2:9
Seumas 2:10
Seumas 2:11
Seumas 2:12
Seumas 2:13
Seumas 2:14
Seumas 2:15
Seumas 2:16
Seumas 2:17
Seumas 2:18
Seumas 2:19
Seumas 2:20
Seumas 2:21
Seumas 2:22
Seumas 2:23
Seumas 2:24
Seumas 2:25
Seumas 2:26
Seumas 1 / Seu 1
Seumas 2 / Seu 2
Seumas 3 / Seu 3
Seumas 4 / Seu 4
Seumas 5 / Seu 5