1 |
Mo bhràithrean, na biodh agaibh creideamh ar Tighearna Iosa Crìosd, Tighearna na glòire, maille ri gnùis-bhreith. |
2 |
Oir ma thig a‑steach dur coitheanal duine air a bheil fàinne òir, ann an aodach dealrach, agus gun tig a‑steach mar an ceudna duine bochd ann an aodach suarach; |
3 |
Agus gun amhairc sibh le meas air an duine sin air a bheil an deagh thrusgan, agus gun abair sibh ris, Suidh thusa an seo ann an àite inbheach; agus gun abair sibh ris an duine bhochd, Seas thusa an sin, no suidh an seo fo stòl mo chas: |
4 |
Nach eil sibh mar sin leth-bhreitheach annaibh fhèin, agus nach do rinneadh sibh nur britheamhan dhroch smuaintean? |
5 |
Eisdibh, mo bhràithrean gràdhach, nach do thagh Dia bochdan an t‑saoghail seo saoibhir ann an creideamh, agus nan oighreachan air an rìoghachd, a gheall e dhaibhsan a ghràdhaicheas e? |
6 |
Ach thug sibhse masladh don bhochd. Nach eil na daoine saoibhir ri aintighearnas oirbh, agus gur tarraing gu cathraichean-breitheanais? |
7 |
Nach eil iad a’ toirt toibheim don ainm òirdheirc, a dh’ainmichear oirbh? |
8 |
Ma choileanas sibh an lagh rìoghail a rèir an sgriobtair, Gràdhaich do choimhearsnach mar thu fhèin, is math a nì sibh: |
9 |
Ach ma nì sibh leth-bhreith air daoine, tha sibh a’ dèanamh peacaidh, agus tha sibh air ur fàgail shìos leis an lagh mar a luchd-brisidh. |
10 |
Oir ge bè neach a choimheadas an lagh uile, agus a thuislicheas ann an aon àithne, tha e ciontach den iomlan. |
11 |
Oir an tì a thubhairt, Na dèan adhaltranas, thubhairt e mar an ceudna, Na dèan mort. A‑nis ged nach dèan thu adhaltranas, gidheadh ma nì thu mort, rinneadh fear-brisidh an lagha dhìot. |
12 |
Guma h‑amhlaidh sin a labhras sibhse, agus guma h‑amhlaidh a nì sibh, mar iadsan air an tèid breith a thoirt le lagh na saorsa. |
13 |
Oir gheibh esan breitheanas gun tròcair, nach do rinn tròcair; agus nì tròcair gàirdeachas an aghaidh breitheanais. |
14 |
Ciod an tairbhe, mo bhràithrean, ged their neach gu bheil creideamh aige, agus gun obraichean a bhith aige? An urrainn creideamh a thèarnadh? |
15 |
Ma bhios bràthair no piuthar lomnochd, agus a dh’uireasbhaidh teachd-an‑tìr làitheil, |
16 |
Agus gun abair neach agaibhse riu, Imichibh ann an sìth, bithibh air ur garadh, agus bithibh air ur sàsachadh: gidheadh nach toir sibh dhaibh na nithean sin a tha feumail don chorp, ciod an tairbhe a tha ann? |
17 |
Is amhail sin creideamh mar an ceudna, mura bi obraichean aige, tha e marbh, air dha a bhith leis fhèin. |
18 |
Ach tha neach àraidh ag ràdh, Tha creideamh agadsa, agus tha obraichean agamsa: nochd dhòmhsa do chreideamh as eugmhais d’obraichean, agus nochdaidh mise dhutsa mo chreideamh lem obraichean. |
19 |
Tha thu a’ creidsinn gu bheil aon Dia ann; is math a nì thu: tha na deamhain a’ creidsinn mar an ceudna, agus tha iad a’ criothnachadh. |
20 |
Ach, O dhuine dhìomhain, an àill leat fios fhaotainn gu bheil creideamh as eugmhais obraichean marbh? |
21 |
Nach deachaidh ar n‑athair Abrahàm fhìreanachadh le obraichean nuair a thug e suas a mhac Isaac air an altair? |
22 |
Nach lèir dhut gun do cho-obraich creideamh le a ghnìomharan, agus gun do rinneadh creideamh coileanta le obraichean? |
23 |
Agus choileanadh an sgriobtar a tha ag ràdh, Chreid Abrahàm Dia, agus mheasadh sin dha mar fhìreantachd: agus ghoireadh caraid Dhè dheth. |
24 |
Chì sibh uime sin gum fìreanaichear duine le obraichean, agus chan ann le creideamh a‑mhàin. |
25 |
Amhail sin mar an ceudna, nach robh Rahab an strìopach air a fìreanachadh le obraichean, nuair a ghabh i ris na teachdairean, agus a chuir i a‑mach air slighe eile iad? |
26 |
Oir mar a tha an corp marbh as eugmhais an spioraid, mar sin mar an ceudna tha creideamh marbh as eugmhais obraichean.
|
Gaelic Bible (Scottish) (ABG) 1992 |
© Scottish Bible Society 1992, 2017 |
|
|
|
|
|
|
|
|
|
|
Seumas 2:1 |
Seumas 2:2 |
Seumas 2:3 |
Seumas 2:4 |
Seumas 2:5 |
Seumas 2:6 |
Seumas 2:7 |
Seumas 2:8 |
Seumas 2:9 |
Seumas 2:10 |
Seumas 2:11 |
Seumas 2:12 |
Seumas 2:13 |
Seumas 2:14 |
Seumas 2:15 |
Seumas 2:16 |
Seumas 2:17 |
Seumas 2:18 |
Seumas 2:19 |
Seumas 2:20 |
Seumas 2:21 |
Seumas 2:22 |
Seumas 2:23 |
Seumas 2:24 |
Seumas 2:25 |
Seumas 2:26 |
|
|
|
|
|
|
Seumas 1 / Seu 1 |
Seumas 2 / Seu 2 |
Seumas 3 / Seu 3 |
Seumas 4 / Seu 4 |
Seumas 5 / Seu 5 |