A A A A A
Facebook Instagram Twitter
Gaelic Bible (Scottish) (ABG) 1992

Eabhraidhich 12



1
Uime sin, air dhuinne a bhith air ar cuartachadh le neul cho mòr de fhianaisean, cuireamaid dhinn gach cudthrom, agus am peacadh a tha gu furasda ag iadhadh umainn, agus ruitheamaid le foighidinn an rèis a chuireadh romhainn,
2
Ag amharc air Iosa, ceannard agus fear-crìochnachaidh ar creidimh, neach airson an aoibhneis a chuireadh roimhe, a dh’fhuiling an crann-ceusaidh, a’ cur na nàire an neo-shuim, agus a shuidh air deis rìgh-chathair Dhè.
3
Uime sin thugaibh fa‑near esan a dh’fhuiling a shamhail sin de ana-cainnt o pheacaich na aghaidh fhèin, air eagal gum bi sibh sgìth agus lag nur n‑inntinnean.
4
Cha do sheas sibh fhathast gu fuil, a’ cathachadh an aghaidh peacaidh.
5
Agus dhìochuimhnich sibh an earail a tha a’ labhairt ribh mar ri cloinn, A mhic, na cuir suarach smachdachadh an Tighearna, agus na fannaich nuair a chronaichear leis thu:
6
Oir an tì as ionmhainn leis an Tighearna, smachdaichidh e, agus sgiùrsaidh e gach mac ris an gabh e.
7
Ma ghiùlaineas sibh smachdachadh, tha Dia a’ buntainn ribh mar ri cloinn: oir cò am mac nach smachdaich an t‑Athair?
8
Ach ma tha sibh as eugmhais smachdachaidh, dem bheil na h‑uile nan luchd-compàirt, an sin is clann dhìolain sibh, agus cha chlann dhligheach.
9
Os bàrr, bha againn athraichean a‑thaobh na feòla, a smachdaich sinn, agus thug sinn urram dhaibh: nach mò gu mòr is còir dhuinn a bhith umhail do Athair nan spiorad, agus a bhith beò?
10
Oir gu deimhinn smachdaich iadsan sinn rè beagan làithean a rèir an toile fhèin; ach esan a‑chum ar leas, ionnas gum bitheamaid nar luchd-compàirt de a naomhachd.
11
Ach cha mheasar smachdachadh air bith am feadh tha e an làthair sòlasach, ach doilgheasach: gidheadh, na dhèidh sin bheir e uaithe toradh sìochail na fìreantachd don dream a tha gu dligheach air an cleachdadh ris.
12
Uime sin, togaibh suas na làmhan a tha air tuiteam sìos, agus neartaichibh na glùinean laga;
13
Agus dèanaibh cas-cheuman dìreach dur casan, air eagal gum bi an nì sin a tha bacach air a thionndadh as an t‑slighe; ach gum bu mhò a bhiodh e air a shlànachadh.
14
Leanaibh sìth maille ris na h‑uile dhaoine, agus naomhachd, nì as eugmhais nach faic neach air bith an Tighearna:
15
A’ toirt an ro‑aire, air eagal gun tig neach sam bith a dhèidh-làimh air gràs Dhè; air eagal air fàs suas do fhreumh seirbhe sam bith, gun cuir e dragh oirbh, agus le seo gum bi mòran air an salachadh:
16
Air eagal gum bi fear-strìopachais ann, no neach mì‑naomh sam bith mar Esau, a reic airson aon ghreim bìdh còir a chiad-bhreith.
17
Oir tha fhios agaibh nuair a b’àill leis, an dèidh sin, am beannachadh a shealbhachadh, gun do dhiùltadh e: oir cha d’fhuair e àit aithreachais, ged a dh’iarr e e gu dùrachdach le deòir.
18
Oir cha tàinig sibh a‑chum an t‑slèibh ris am faodte beantainn, agus a bha a’ losgadh le teine, no a‑chum duibhre, agus dorchadais, agus doininn,
19
Agus fuaim na trompaid, agus guth nam briathar, ionnas gun do ghuidh an dream a chuala e nach labhairte am facal riu tuilleadh:
20
(Oir cha b’urrainn iad an nì sin a chaidh àithneadh dhaibh iomchar, Agus ma bheanas fiù ainmhidh ris an t‑sliabh, clachar e, no cuirear sleagh a‑mach troimhe.
21
Agus bu cho uamhasach an sealladh is gun dubhairt Maois, Tha eagal ro‑mhòr agus crith orm):
22
Ach tha sibh air teachd gu sliabh Shioin, agus gu cathair an Dè bheò, an Ierusalem nèamhaidh, agus cuideachd do‑àireamh de ainglean,
23
Gu làn-choitheanal agus eaglais nan ciad-ghin, a tha sgrìobhte anns na nèamhan, agus gu Dia, britheamh nan uile, agus gu spioradan nam fìrean air an dèanamh foirfe,
24
Agus gu Iosa, eadar-mheadhonair a’ choicheangail nuaidh, agus gu fuil a’ chrathaidh, a tha a’ labhairt nithean as fheàrr na fuil Abeil.
25
Thugaibh an aire nach diùlt sibh esan a tha a’ labhairt: oir mura deachaidh iadsan as a dhiùlt an tì a labhair o Dhia riu air thalamh, is lugha gu mòr na sin a thèid sinne as, ma thionndaidheas sinn air falbh uaithe-san a tha a’ labhairt o nèamh:
26
Neach aig an do chrath a ghuth an talamh an sin: ach a‑nis gheall e, ag ràdh, Aon uair eile fhathast crathaidh mi chan e an talamh a‑mhàin, ach nèamh mar an ceudna.
27
Agus tha am facal seo, Aon uair eile, a’ ciallachadh atharrachadh nan nithean sin a ghabhas crathadh, mar nithean a rinneadh, a‑chum gum fanadh na nithean nach gabh crathadh.
28
Uime sin air dhuinne rìoghachd fhaotainn nach faodar a ghluasad, biodh againn gràs, leis an dèan sinn seirbhis gu taitneach do Dhia, le urram agus eagal diadhaidh:
29
Oir tha ar Dia-ne na theine dian-loisgeach.











Eabhraidhich 12:1
Eabhraidhich 12:2
Eabhraidhich 12:3
Eabhraidhich 12:4
Eabhraidhich 12:5
Eabhraidhich 12:6
Eabhraidhich 12:7
Eabhraidhich 12:8
Eabhraidhich 12:9
Eabhraidhich 12:10
Eabhraidhich 12:11
Eabhraidhich 12:12
Eabhraidhich 12:13
Eabhraidhich 12:14
Eabhraidhich 12:15
Eabhraidhich 12:16
Eabhraidhich 12:17
Eabhraidhich 12:18
Eabhraidhich 12:19
Eabhraidhich 12:20
Eabhraidhich 12:21
Eabhraidhich 12:22
Eabhraidhich 12:23
Eabhraidhich 12:24
Eabhraidhich 12:25
Eabhraidhich 12:26
Eabhraidhich 12:27
Eabhraidhich 12:28
Eabhraidhich 12:29






Eabhraidhich 1 / Eab 1
Eabhraidhich 2 / Eab 2
Eabhraidhich 3 / Eab 3
Eabhraidhich 4 / Eab 4
Eabhraidhich 5 / Eab 5
Eabhraidhich 6 / Eab 6
Eabhraidhich 7 / Eab 7
Eabhraidhich 8 / Eab 8
Eabhraidhich 9 / Eab 9
Eabhraidhich 10 / Eab 10
Eabhraidhich 11 / Eab 11
Eabhraidhich 12 / Eab 12
Eabhraidhich 13 / Eab 13