A A A A A
Facebook Instagram Twitter
Gaelic Bible (Scottish) (ABG) 1992

Tìtus 2



1
Ach labhair thusa na nithean a thig ri teagasg fallain:
2
Eadhon na daoine aosda a bhith aireach, suidhichte, measarra, fallain anns a’ chreideamh, ann an gràdh, ann am foighidinn:
3
Mar an ceudna na mnathan aosda a bhith nan giùlan mar as cubhaidh do naomhachd, gun a bhith nan luchd-tuaileis, gun a bhith trom air fìon, a bhith nan luchd-teagaisg air nithean matha;
4
A‑chum gun teagaisg iad na mnathan òga a bhith ciallach, gràdhach air am fir, gràdhach air an cloinn,
5
A bhith eagnaidh, geamnaidh, fantainn aig an taigh, a bhith math, umhail dam fir a‑chum nach faigh facal Dhè mì‑chliù.
6
Cuir impidh air na daoine òga mar an ceudna, iad a bhith ciallach.
7
Anns na h‑uile nithean gad nochdadh fhèin ann ad eisempleir dheagh obraichean: ann an teagasg a’ nochdadh neo-thruaillidheachd, suidheachadh inntinn, treibhdhireis,
8
Cainnt fhallain nach fhaodar a dhìteadh; a‑chum gum bi nàire air an neach a tha nur n‑aghaidh, a chionn nach eil droch nì sam bith aige ri labhairt umaibh.
9
Earailich seirbhisich a bhith umhail dam maighistirean fhèin, agus an deagh-thoileachadh anns na h‑uile nithean: gun a bhith a’ labhairt nan aghaidh;
10
Gun a bhith a’ ceiltinn aon nì den cuid, ach a’ nochdadh gach uile dheagh thairisneachd; a‑chum gun dèan iad teagasg Dhè ar Slànaighear maiseach anns na h‑uile nithean.
11
Oir dh’fhoillsicheadh gràs slàinteil Dhè do na h‑uile dhaoine;
12
A’ teagasg dhuinn gach mì‑dhiadhachd agus ana-miann saoghalta àicheadh, agus ar beatha a chaitheamh gu stuama, gu cothromach, ach gu diadhaidh anns an t‑saoghal seo an làthair;
13
Air dhuinn sùil a bhith againn ris an dòchas bheannaichte sin, eadhon foillseachadh glòir an Dè mhòir, agus ar Slànaighir Iosa Crìosd:
14
A thug e fhèin air ar son, a‑chum gun saoradh e sinn o gach aingidheachd, agus gun glanadh e dha fhèin sluagh sònraichte, eudmhor mu dheagh obraichean.
15
Na nithean seo labhair, agus earailich, agus cronaich leis an uile ùghdarras. Na dèanadh duine sam bith tàir ort.











Tìtus 2:1
Tìtus 2:2
Tìtus 2:3
Tìtus 2:4
Tìtus 2:5
Tìtus 2:6
Tìtus 2:7
Tìtus 2:8
Tìtus 2:9
Tìtus 2:10
Tìtus 2:11
Tìtus 2:12
Tìtus 2:13
Tìtus 2:14
Tìtus 2:15






Tìtus 1 / Tìt 1
Tìtus 2 / Tìt 2
Tìtus 3 / Tìt 3