1 |
Pòl, abstol Iosa Crìosd, a rèir àithne Dhè ar Slànaighear, agus an Tighearna Iosa Crìosd, neach as e ar dòchas; |
2 |
A‑chum Thimòteuis, m’fhìor mhac anns a’ chreideamh: gràs, tròcair, agus sìth o Dhia ar n‑Athair, agus o Iosa Crìosd ar Tighearna. |
3 |
Mar a dh’iarr mi ort fantainn ann an Ephesus, nuair a chaidh mi do Mhacedònia, a‑chum gun tugadh tu òrdagh do dhream àraidh gun atharrachadh teagaisg a thoirt uapa; |
4 |
Agus gun aire a thoirt do sgeulachdan, agus do shloinnteireachd gun chrìoch, a bheir adhbhar do cheistean, nas mò na do fhòghlam diadhaidh, a tha tre chreideamh: dèan mar sin. |
5 |
A‑nis is e as crìoch don àithne, gràdh à cridhe glan, agus à cogais mhaith, agus à creideamh neo-chealgach: |
6 |
Nithean air do dhream àraidh claonadh uapa, chaidh iad a thaobh a‑chum dìomhanas cainnte; |
7 |
A’ miannachadh a bhith nan luchd-teagaisg an lagha agus gun iad a’ tuigsinn ciod a tha iad ag ràdh, no ciod iad mum bheil iad a’ toirt cinnte. |
8 |
Ach tha fhios againn gu bheil an lagh math, ma ghnàthaicheas neach gu dligheach e: |
9 |
Air do fhios seo a bhith aige, nach ann do dhuine fìreanach a dh’òrdaicheadh an lagh, ach do dhaoine neo-dhligheach agus eas-umhail, dhaibh-san a tha mì‑dhiadhaidh, agus do pheacaich, do dhaoine mì‑naomha agus neo-chràbhach, do luchd-marbhaidh athraichean agus do luchd-marbhaidh mhàthraichean, do luchd-mortaidh, |
10 |
Do luchd-strìopachais, do luchd-ana-miannan mì‑nàdarra, do luchd-goid dhaoine, do bhreugairean, do luchd-eithich, agus ma tha nì sam bith eile a tha an aghaidh teagaisg fhallain, |
11 |
A rèir soisgeul glòrmhor an Dè bheannaichte, a dh’earbadh riumsa. |
12 |
Agus tha mi a’ toirt buidheachais do Iosa Crìosd ar Tighearna, a neartaich mi, do bhrìgh gun do mheas e mi dìleas, gam chur anns a’ mhinistrealachd; |
13 |
A bha roimhe am fhear-labhairt toibheim, agus am fhear geur-leanmhainn, agus am dhuine eucorach. Ach fhuair mi tròcair, do bhrìgh gun do rinn mi seo tre aineolas, ann am mì‑chreideamh: |
14 |
Agus bha gràs ar Tighearna thar tomhas ro‑phailt dhomh, maille ri creideamh, agus ri gràdh a tha ann an Iosa Crìosd. |
15 |
Is fìor an ràdh seo, agus is airidh e air gach aon chor air gabhail ris, gun tàinig Iosa Crìosd don t‑saoghal a thèarnadh pheacach, dem mise an ciad-fhear. |
16 |
Gidheadh, air a shon seo fhuair mi tròcair, a‑chum gum foillsicheadh Crìosd annamsa air tùs an uile fhad-fhulangas, mar eisempleir dhaibhsan a chreideadh ann, an dèidh seo, a‑chum na beatha maireannaich. |
17 |
A‑nis don Rìgh shìorraidh, neo-thruaillidh, neo-fhaicsinneach, do Dhia a tha a‑mhàin glic, gu robh urram agus glòir, gu saoghal nan saoghal. Amen. |
18 |
An àithne seo tha mi ag earbsa riut, a Thimòteuis, a mhic, a rèir na fàidheadaireachd a rinneadh umad roimhe seo, a‑chum trìdsan gun cogadh tu deagh chogadh; |
19 |
A’ coimhead creidimh agus deagh chogais; nì, air do chuid de dhaoine a chur uapa, rinn iad long-bhriseadh a‑thaobh a’ chreidimh. |
20 |
Dem bheil Himenèus agus Alecsander; muinntir a thug mise thairis do Shàtan, a‑chum len smachdachadh gum fòghlamadh iad gun toibheum a labhairt.
|
Gaelic Bible (Scottish) (ABG) 1992 |
© Scottish Bible Society 1992, 2017 |
|
|
|
|
|
|
|
|
|
|
1 Timòteus 1:1 |
1 Timòteus 1:2 |
1 Timòteus 1:3 |
1 Timòteus 1:4 |
1 Timòteus 1:5 |
1 Timòteus 1:6 |
1 Timòteus 1:7 |
1 Timòteus 1:8 |
1 Timòteus 1:9 |
1 Timòteus 1:10 |
1 Timòteus 1:11 |
1 Timòteus 1:12 |
1 Timòteus 1:13 |
1 Timòteus 1:14 |
1 Timòteus 1:15 |
1 Timòteus 1:16 |
1 Timòteus 1:17 |
1 Timòteus 1:18 |
1 Timòteus 1:19 |
1 Timòteus 1:20 |
|
|
|
|
|
|
1 Timòteus 1 / 1Tim 1 |
1 Timòteus 2 / 1Tim 2 |
1 Timòteus 3 / 1Tim 3 |
1 Timòteus 4 / 1Tim 4 |
1 Timòteus 5 / 1Tim 5 |
1 Timòteus 6 / 1Tim 6 |