A A A A A
Facebook Instagram Twitter
Gaelic Bible (Scottish) (ABG) 1992

1 Tesalònianaich 5



1
Ach mu thimcheall nan aimsirean agus nan àm chan eil feum agaibhse, a bhràithrean, mise a sgrìobhadh dur n‑ionnsaigh.
2
Oir tha sàr fhios agaibh fhèin gun tig là an Tighearna mar ghadaiche anns an oidhche.
3
Oir nuair a their iad, Sìth agus tèarainteachd, an sin thig sgrios obann orra, mar shaothair air mnaoi thorraich; agus cha tèid iad as.
4
Ach chan eil sibhse, a bhràithrean, anns an dorchadas, ionnas gum beireadh an là sin oirbh mar ghadaiche.
5
Is sibhse uile clann an t‑solais, agus clann an là: chan ann den oidhche, no den dorchadas sinn.
6
Uime sin na caidleamaid mar dhaoine eile; ach dèanamaid faire agus bitheamaid stuama.
7
Oir an dream a chaidleas, is anns an oidhche a chaidleas iad: agus an dream a tha air mhisg, is anns an oidhche tha iad air mhisg.
8
Ach bitheamaid-ne, a tha den là, stuama, a’ cur oirnn uchd-èideadh a’ chreidimh agus a’ ghràidh, agus mar chlogaid, dòchas na slàinte:
9
Oir cha d’òrdaich Dia sinn a‑chum feirge; ach a‑chum slàinte fhaotainn tre ar Tighearna Iosa Crìosd,
10
A fhuair bàs air ar son, a‑chum cia aca is faireachadh no cadal dhuinn, gum bitheamaid beò maille ris-san.
11
Uime sin thugaibh comhfhurtachd da chèile, agus togaibh suas gach aon a chèile, eadhon mar tha sibh a’ dèanamh.
12
Agus guidheamaid oirbh, a bhràithrean, aithne a bhith agaibh air an dream a tha a’ saothrachadh nur measg, agus a tha os ur cionn anns an Tighearna, agus a tha gur comhairleachadh;
13
Agus meas mòr a bhith agaibh dhiubh ann an gràdh airson an obrach. Bithibh sìochail nur measg fhèin.
14
A‑nis guidheamaid oirbh, a bhràithrean, thugaibh rabhadh dhaibhsan a tha mì‑riaghailteach, thugaibh comhfhurtachd dhaibhsan a tha lag-chridheach, cumaibh suas iadsan a tha anfhann, bithibh foighidinneach a‑thaobh nan uile dhaoine.
15
Feuchaibh nach ìoc neach olc airson uilc do dhuine sam bith; ach leanaibh-se a‑ghnàth an nì a tha math, araon dur taobh fhèin, agus a‑thaobh nan uile dhaoine.
16
Dèanaibh gàirdeachas a‑ghnàth.
17
Dèanaibh ùrnaigh gun sgur.
18
Anns gach uile nì thugaibh buidheachas; oir is i seo toil Dhè ann an Iosa Crìosd dur taobh.
19
Na mùchaibh an Spiorad.
20
Na dèanaibh tàir air fàidheadaireachd.
21
Dearbhaibh na h‑uile nithean: cumaibh gu daingeann an nì sin a tha math.
22
Seachnaibh gach uile choslas uilc.
23
Agus gun dèanadh Dia na sìthe fhèin naomh sibh gu h‑iomlan; agus gun deònaicheadh Dia gum bi ur n‑uile spiorad, agus anam, agus chorp, air an gleidheadh gu neo-choireach, gu teachd ar Tighearna Iosa Crìosd.
24
Is fìrinneach an Tì a tha gur gairm, neach mar an ceudna a nì e.
25
A bhràithrean, dèanaibh ùrnaigh air ar son-ne.
26
Cuiribh fàilte air na bràithrean uile le pòig naoimh.
27
Tha mi a’ sparradh oirbh à uchd an Tighearna gun leughar an litir seo do na bràithrean naomha uile.
28
Gu robh gràs ar Tighearna Iosa Crìosd maille ribh. Amen.











1 Tesalònianaich 5:1
1 Tesalònianaich 5:2
1 Tesalònianaich 5:3
1 Tesalònianaich 5:4
1 Tesalònianaich 5:5
1 Tesalònianaich 5:6
1 Tesalònianaich 5:7
1 Tesalònianaich 5:8
1 Tesalònianaich 5:9
1 Tesalònianaich 5:10
1 Tesalònianaich 5:11
1 Tesalònianaich 5:12
1 Tesalònianaich 5:13
1 Tesalònianaich 5:14
1 Tesalònianaich 5:15
1 Tesalònianaich 5:16
1 Tesalònianaich 5:17
1 Tesalònianaich 5:18
1 Tesalònianaich 5:19
1 Tesalònianaich 5:20
1 Tesalònianaich 5:21
1 Tesalònianaich 5:22
1 Tesalònianaich 5:23
1 Tesalònianaich 5:24
1 Tesalònianaich 5:25
1 Tesalònianaich 5:26
1 Tesalònianaich 5:27
1 Tesalònianaich 5:28






1 Tesalònianaich 1 / 1Te 1
1 Tesalònianaich 2 / 1Te 2
1 Tesalònianaich 3 / 1Te 3
1 Tesalònianaich 4 / 1Te 4
1 Tesalònianaich 5 / 1Te 5