A A A A A
Facebook Instagram Twitter
Gaelic Bible (Scottish) (ABG) 1992

Colosianach 1



1
Pòl, abstol Iosa Crìosd tre thoil Dhè, agus Timòteus ar bràthair,
2
A‑chum nan naomh agus nam bràthair dìleas ann an Crìosd, a tha ann an Colose: gràs gu robh dhuibh, agus sìth o Dhia ar n‑Athair, agus an Tighearna Iosa Crìosd.
3
Tha sinn a’ toirt buidheachais do Dhia, agus Athair ar Tighearna Iosa Crìosd, a’ sìor-dhèanamh ùrnaigh air ur son-se;
4
O chuala sinn iomradh ur creidimh ann an Iosa Crìosd, agus ur gràidh do na naoimh uile;
5
Airson an dòchais a tha air a thasgadh fa ur comhair air nèamh, air an cuala sibh iomradh roimhe ann am facal fìrinn an t‑soisgeil:
6
A thàinig dur n‑ionnsaigh-se, mar anns an t‑saoghal uile; agus a tha a’ toirt toraidh uaithe, mar a tha e a’ dèanamh mar an ceudna nur measg-se, on là anns an cuala sibh e, agus anns an d’fhuair sibh eòlas air gràs Dhè ann am fìrinn.
7
A rèir fòs mar a dh’fhòghlaim sibh o Epaphras, ar co‑sheirbhiseach gràdhach-ne, a tha air ur son-se na mhinistear dìleas do Chrìosd;
8
A chuir an cèill dhuinne mar an ceudna ur gràdh-se anns an Spiorad.
9
Air an adhbhar seo, chan eil sinne mar an ceudna a’ sgur on là a chuala sinn e, a dhèanamh ùrnaigh air ur son-se, agus a ghuidhe gum biodh sibh air ur lìonadh le eòlas a thoile, anns an uile ghliocas agus thuigse spioradail;
10
A‑chum gun gluaiseadh sibh gu cubhaidh don Tighearna a‑chum gach uile thoileachaidh, a’ toirt toraidh uaibh anns an uile dheagh obair, agus a’ fàs ann an eòlas Dhè;
11
Air ur neartachadh leis an uile neart a rèir a chumhachd ghlòrmhoir-san, a‑chum an uile fhoighidinn agus fhad-fhulangais maille ri gàirdeachas;
12
A’ tabhairt buidheachais don Athair, a rinn sinn iomchaidh a‑chum a bhith nar luchd-compàirt de oighreachd nan naomh anns an t‑solas:
13
A shaor sinn o chumhachd an dorchadais, agus a dh’atharraich sinn a‑chum rìoghachd Mac a ghràidh-san:
14
Anns a bheil againn saorsa tre a fhuil, eadhon maitheanas nam peacaidhean:
15
Neach as e ìomhaigh an Dè neo-fhaicsinnich, ciad-ghin a’ chruthachaidh uile:
16
Oir is ann leis-san a chruthaicheadh na h‑uile nithean, a tha air nèamh, agus a tha air thalamh, faicsinneach agus neo-fhaicsinneach, mas àrd-chathraichean iad, no tighearnais, no uachdaranachdan, no cumhachdan; is ann leis-san agus air a shon-san a chruthaicheadh na h‑uile nithean:
17
Agus tha esan ro na h‑uile nithean, agus trìdsan tha na h‑uile nithean a’ co‑sheasamh.
18
Agus is e ceann a’ chuirp, eadhon na h‑eaglais: neach as e an toiseach, an ciad-ghin o na mairbh; a‑chum gum biodh aige àrd-cheannas anns na h‑uile.
19
Oir b’e deagh thoil an Athar gun còmhnaicheadh gach uile iomlanachd annsan;
20
Agus gum biodh na h‑uile air an dèanamh rèidh ris fhèin trìdsan, air dha sìth a dhèanamh tre fhuil a chroinn-cheusaidh-san; trìdsan, tha mi ag ràdh, mas nithean iad a tha air talamh, no nithean a tha air nèamh.
21
Agus sibhse a bha uaireigin nur coimhich, agus nur naimhdean nur n‑inntinn a‑thaobh dhroch obraichean, a‑nis rinn e rèidh ris fhèin,
22
Ann an corp a fheòla fhèin tre an bhàs, a‑chum sibhse a chur naomh, agus neo-lochdach, agus neo-choireach, na làthair:
23
Ma dh’fhanas sibh anns a’ chreideamh bunaiteach agus daingeann, gun a bhith air ur n‑atharrachadh o dhòchas an t‑soisgeil, a chuala sibh, agus a shearmonaicheadh do gach uile chreutair a tha fo nèamh; air an do rinneadh mise Pòl am mhinistear.
24
Tha mi a‑nis a’ dèanamh gàirdeachais ann am fhulangais air ur son-se, agus a’ coileanadh a mheud is a tha a dhèidh-làimh de àmhgharan Chrìosd ann am fheòil, airson a chuirp-san, eadhon na h‑eaglais:
25
Don do rinneadh mise am mhinistear, a rèir stiùbhartachd Dhè a thugadh dhomh air ur son-se, a choileanadh facal Dhè;
26
Eadhon an rùn-diamhair a bha falaichte o na linntean, agus o na ginealaichean a chaidh seachad, ach a‑nis a tha air fhoillseachadh da naoimh-san:
27
Dom bu toil le Dia fhoillseachadh ciod e saoibhreas glòir an rùin-diamhair seo am measg nan Cinneach; neach as e Crìosd annaibhse, dòchas na glòire;
28
Neach a tha sinne a’ searmonachadh, a’ toirt rabhaidh do gach duine, agus a’ teagasg gach uile dhuine anns an uile ghliocas; a‑chum gun nochd sinn gach uile dhuine na làthair-san iomlan ann an Iosa Crìosd:
29
An nì a‑chum a bheil mise mar an ceudna a’ saothrachadh, a’ dèanamh spàirn a rèir a obrachaidh-san, a tha ag obrachadh annam gu cumhachdach.











Colosianach 1:1
Colosianach 1:2
Colosianach 1:3
Colosianach 1:4
Colosianach 1:5
Colosianach 1:6
Colosianach 1:7
Colosianach 1:8
Colosianach 1:9
Colosianach 1:10
Colosianach 1:11
Colosianach 1:12
Colosianach 1:13
Colosianach 1:14
Colosianach 1:15
Colosianach 1:16
Colosianach 1:17
Colosianach 1:18
Colosianach 1:19
Colosianach 1:20
Colosianach 1:21
Colosianach 1:22
Colosianach 1:23
Colosianach 1:24
Colosianach 1:25
Colosianach 1:26
Colosianach 1:27
Colosianach 1:28
Colosianach 1:29






Colosianach 1 / Col 1
Colosianach 2 / Col 2
Colosianach 3 / Col 3
Colosianach 4 / Col 4