A A A A A
Gaelic Bible (Scottish) (ABG) 1992

Deuteronomi 28

1
Agus tàrlaidh, ma dh’èisdeas tu gu dùrachdach ri guth an Tighearna do Dhia, a choimhead agus a dhèanamh a àithneantan uile, a tha mi ag àithneadh dhut air an là‑an‑diugh, gun cuir an Tighearna do Dhia suas thu os cionn uile chinnich na talmhainn.
2
Agus thig na beannachdan seo uile ort, agus beiridh iad ort, ma dh’èisdeas tu ri guth an Tighearna do Dhia.
3
Beannaichte bidh tu anns a’ bhaile, agus beannaichte bidh tu anns a’ mhachair.
4
Beannaichte bidh toradh do chuirp, agus toradh d’fhearainn, agus toradh do sprèidhe, fàs do chruidh, agus treudan do chaorach.
5
Beannaichte bidh do bhasgaid agus do chuibhreann.
6
Beannaichte bidh tu nuair a thig thu a‑steach, agus beannaichte bidh tu nuair a thèid thu a‑mach.
7
Bheir an Tighearna fa‑near gum bi do naimhdean, a dh’èireas suas ad aghaidh, air am bualadh rod ghnùis: thig iad a‑mach ad aghaidh air aon slighe, agus teichidh iad romhad air seachd slighean.
8
Aithnidh an Tighearna am beannachadh ort ad thaighean-tasgaidh, agus anns gach nì ris an cuir thu do làmh; agus beannaichidh e thu anns an fhearann a bheir an Tighearna do Dhia dhut.
9
Daingnichidh an Tighearna thu ad shluagh naomh dha fhèin, mar a mhionnaich e dhut, ma ghleidheas tu àitheantan an Tighearna do Dhia, agus ma ghluaiseas tu na shlighean.
10
Agus chì uile chinnich na talmhainn gun goirear ainm an Tighearna ort, agus bidh eagal orra romhad.
11
Agus nì an Tighearna saoibhir thu ann am maoin, ann an toradh do chuirp, agus ann an toradh do sprèidhe, agus ann an toradh do thalmhainn, anns an talamh a mhionnaich an Tighearna dod athraichean a thabhairt dhut.
12
Fosglaidh an Tighearna dhut a dheagh ionmhas, na nèamhan a thoirt uisge dod fhearann na àm, agus a bheannachadh uile obraichean do làimhe; agus bheir thu an iasad do mhòran chinneach, agus cha ghabh thu an iasad.
13
Agus nì an Tighearna an ceann dhìot, agus chan e an t‑earball; agus bidh tu a‑mhàin an uachdar, agus cha bhi thu an ìochdar; ma dh’èisdeas tu ri àitheantan an Tighearna do Dhia, a tha mi ag àithneadh dhut air an là‑an‑diugh, gun coimhead agus gun dèan thu iad.
14
Agus cha tèid thu a‑thaobh o aon air bith de na briathran a tha mi ag àithneadh dhut an‑diugh, a‑chum na làimhe deise no a‑chum na làimhe clìthe, a dhol an dèidh dhiathan eile a dhèanamh seirbhis dhaibh.
15
Ach tàrlaidh, mura èisd thu ri guth an Tighearna do Dhia, a thoirt fa‑near gun dèan thu a àitheantan agus a reachdan uile, a tha mi ag àithneadh dhut an‑diugh, gun tig na mallachdan seo uile ort, agus gum beir iad ort.
16
Mallaichte bidh tu anns a’ bhaile, agus mallaichte bidh tu anns a’ mhachair.
17
Mallaichte bidh do bhasgaid agus do chuibhreann.
18
Mallaichte bidh toradh do chuirp, agus toradh d’fhearainn, fàs do chruidh, agus treudan do chaorach.
19
Mallaichte bidh tu nuair a thig thu a‑steach, agus mallaichte bidh tu nuair a thèid thu a‑mach.
20
Cuiridh an Tighearna ort mallachadh, mì‑shuaimhneas, agus achmhasan, anns gach nì ris an cuir thu do làmh, gu a dhèanamh, gus an sgriosar thu, agus gus an tèid as dhut gu h‑obann, airson aingidheachd do ghnìomharan leis an do thrèig thu mise.
21
Bheir an Tighearna air a’ phlàigh leantainn riut, gus an claoidh e thu bhàrr an fhearainn, da bheil thu a’ dol a‑steach ga shealbhachadh.
22
Buailidh an Tighearna thu le caitheamh agus le fiabhras, agus le ainteas, agus le àrd-losgadh, agus leis a’ chlaidheamh, agus le seargadh, agus le fuar-dhealt; agus leanaidh iad thu gus an tèid as dhut.
23
Agus bidh do speuran a tha os do chionn nan umha, agus an talamh a tha fodhad na iarann.
24
Nì an Tighearna uisge d’fhearainn na luaithre agus na dhuslach: o nèamh thig e a‑nuas ort, gus an sgriosar thu.
25
Bheir an Tighearna fa‑near gum buailear thu air beulaibh do naimhdean: thèid thu a‑mach air aon slighe nan aghaidh, agus teichidh tu romhpa air seachd slighean; agus atharraichear thu a‑chum uile rìoghachdan na talmhainn.
26
Agus bidh do chlosach na biadh aig uile eunlaith an adhair, agus aig beathaichean na talmhainn, agus chan fhuadaich duine sam bith air falbh iad.
27
Buailidh an Tighearna thu le neasgaid na h‑Eiphit, agus le ruith fala, agus le càrr, agus le cloimh, de nach bi e an comas do leigheas.
28
Buailidh an Tighearna thu le cuthach, agus le doille, agus le uamhann cridhe.
29
Agus smeuraichidh tu mu mheadhon-là, mar a smeuraicheas an dall anns an dorchadas, agus cha soirbhich leat ad shlighean: agus bidh tu a‑mhàin fo fhòirneart, agus air do chreachadh a‑ghnàth, agus cha teasairg duine sam bith thu.
30
Nì thu ceangal-pòsaidh ri mnaoi, agus laighidh fear eile leatha: togaidh tu taigh, agus cha ghabh thu còmhnaidh ann: suidhichidh tu fìonlios, agus cha tionail thu a fhìondhearcan.
31
Marbhar do dhamh fa chomhair do shùl, agus chan ith thu dheth: bheirear air falbh d’asal a dh’aindeoin as do làthair, agus cha toirear air a h‑ais dhut i: bheirear do chaoraich dod naimhdean, agus cha bhi neach agad a bheir uapa iad.
32
Bheirear do mhic agus do nigheanan do shluagh eile, agus chì do shùilean, agus fàilnichidh iad le fadal air an son rè an là: agus cha bhi neart sam bith ad làimh.
33
Toradh d’fhearainn, agus do shaothair uile, ithidh cinneach suas nach b’aithne dhut; agus bidh tu a‑mhàin fo fhòirneart agus air do bhruthadh an còmhnaidh:
34
Air chor is gum bi thu air mhì-chèill, airson sealladh do shùl a chì thu.
35
Buailidh an Tighearna thu anns na glùinean, agus anns na casan, le neasgaid chràitich nach gabh a leigheas, o bhonn do choise gu mullach do chinn.
36
Bheir an Tighearna thu fhèin agus do rìgh a chuireas tu os do chionn gu cinneach nach b’aithne aon chuid dhut fhèin no dod athraichean; agus an sin nì thu seirbhis do dhiathan eile, do fhiodh agus do chloich.
37
Agus bidh tu ad uamhas, ad shamhladh, agus ad lethfhacal, am measg nan uile chinneach gus an treòraich an Tighearna thu.
38
Bheir thu mòran sìl a‑mach don fhearann, ach is beag a chruinnicheas tu a‑steach: oir ithidh an lòcast suas e.
39
Suidhichidh tu fìonliosan agus deasaichidh tu iad, ach chan òl thu den fhìon, cha mhò a chruinnicheas tu na dearcan: oir ithidh a’ chnuimh iad.
40
Bidh croinn-ola agad air feadh do chrìochan uile, ach chan ung thu thu fhèin leis an ola: oir tilgidh do chrann-ola a thoradh.
41
Ginidh tu mic agus nigheanan, ach cha mheal thu iad; oir thèid iad am braighdeanas.
42
Do chraobhan uile agus toradh d’fhearainn, millidh an lòcast.
43
Eiridh an coigreach a tha nur measg suas gu ro‑àrd os do chionn: agus thig thusa a‑nuas gu ro‑ìosal.
44
Bheir e an iasad dhut, agus cha toir thusa an iasad dha: bidh esan na cheann, agus bidh tusa ad earball.
45
Agus thig na mallachdan seo uile ort, agus leanaidh iad thu, agus beiridh iad ort, gus an sgriosar thu, a chionn nach d’èisd thu ri guth an Tighearna do Dhia, a ghleidheadh a àitheantan agus a reachdan a dh’àithn e dhut:
46
Agus bidh iad ort mar chomharradh agus mar iongantas, agus air do shliochd a‑chaoidh.
47
A chionn nach do rinn thu seirbhis don Tighearna do Dhia le gàirdeachas, agus le subhachas cridhe, airson pailteas nan uile nithean;
48
Uime sin nì thu seirbhis dod naimhdean, a chuireas an Tighearna ad aghaidh, ann an acras, agus ann an tart, agus ann an lomnochdaidh, agus ann an uireasbhaidh nan uile nithean; agus cuiridh e cuing iarainn air do mhuineal, gus an cuir e as dhut.
49
Bheir an Tighearna cinneach ad aghaidh o ionad fada o làimh, o iomall na talmhainn, mar an iolair air iteig: cinneach nach tuig thu an cainnt:
50
Cinneach aig a bheil aghaidh bhorb, nach toir urram do ghnùis an aosmhoir, agus nach dèan iochd ris an òg:
51
Agus ithidh e toradh do sprèidhe, agus toradh d’fhearainn, gus an sgriosar thu: neach nach fàg agad arbhar, fìon, no ola, fàs do chruidh, no treudan do chaorach, gus an cuir e as dhut.
52
Agus teannaichidh e thu ann ad gheatachan uile, gus am brisear sìos do bhallachan àrda agus daingnichte, anns an robh do dhòigh, air feadh d’fhearainn uile; agus teannaichidh e thu ann ad gheatachan, air feadh d’fhearainn uile a thug an Tighearna do Dhia dhut.
53
Agus ithidh tu toradh do chuirp fhèin, feòil do mhac agus do nigheanan, a thug an Tighearna do Dhia dhut, anns a’ chogadh, agus anns an teinn, leis an teannaich do naimhdean thu:
54
Air chor is an duine a tha maoth nur measg, agus ro‑shòghmhor, gum bi a shùil olc a‑thaobh a bhràthar, agus a‑thaobh bean a uchd fhèin, agus a‑thaobh iarmad a chloinne a dh’fhàgas e:
55
Air chor is nach toir e do aon dhiubh a’ bheag de fheòil a chloinne a dh’itheas e; a chionn nach fàgar a’ bheag aige anns a’ chogadh, agus anns an teinn, leis an teannaich do naimhdean thu ad gheatachan uile.
56
A’ bhean mhaoth agus shòghmhor nur measg, nach dùraigeadh bonn a coise a chur air an talamh a‑thaobh mùirn agus maothalachd, bidh a sùil olc a‑thaobh fear-pòsda a h‑uchd, agus a‑thaobh a mic, agus a‑thaobh a h‑ighinn,
57
Agus a‑thaobh a’ mhaothrain a thig a‑mach o eadar a casan, agus a‑thaobh a cloinne a bheireas i: oir ithidh i iad a dh’uireasbhaidh nan uile nithean an diamhaireachd anns a’ chogadh, agus anns an teinn, leis an teannaich do nàmhaid thu ad gheatachan.
58
Mura toir thu an aire uile bhriathran an lagha seo a dhèanamh, a tha sgrìobhte anns an leabhar seo, a‑chum gum bi eagal an ainm ghlòrmhoir agus uamhasaich seo ort, AN TIGHEARNA DO DHIA:
59
An sin nì an Tighearna do phlàighean iongantach, agus plàighean do shliochd, eadhon plàighean mòra agus maireannach, agus eucailean cràiteach agus fadalach.
60
A bhàrr air seo, bheir e ort uile ghalaran na h‑Eiphit, ron robh eagal ort; agus leanaidh iad riut.
61
Mar an ceudna gach tinneas agus gach plàigh, nach eil sgrìobhte ann an leabhar an lagha seo, iad sin bheir an Tighearna ort, gus an sgriosar thu.
62
Agus fàgar sibh tearc ann an àireamh, an àite gu robh sibh mar reultan nèimh an lìonmhorachd; a chionn nach d’èisd thu ri guth an Tighearna do Dhia.
63
Agus tàrlaidh, mar a rinn an Tighearna gàirdeachas os ur cionn a dhèanamh maith dhuibh, agus gu ur dèanamh lìonmhor, mar sin gun dèan an Tighearna gàirdeachas os ur cionn gu ur sgrios, agus gu ur toirt gu neoni: agus spìonar sibh as an fhearann da bheil thu a’ dol ga shealbhachadh.
64
Agus sgapaidh an Tighearna thu am measg nan uile chinneach, on dara ceann den talamh eadhon gus an ceann eile den talamh; agus an sin nì thu seirbhis do dhiathan eile, nach b’aithne aon chuid dhut fhèin no dod athraichean, eadhon do fhiodh agus do chloich.
65
Agus am measg nan cinneach sin chan fhaigh thu suaimhneas sam bith, cha mhò a bhios fois aig bonn do choise: ach bheir an Tighearna dhut an sin cridhe gealtach, agus fàilneachadh shùl, agus doilgheas inntinn.
66
Agus bidh do bheatha crochte ann an amharas fad chomhair; agus bidh eagal ort a là agus a dh’oidhche, agus cha bhi cinnt air bith agad ded bheatha.
67
Anns a’ mhadainn their thu, Och! nach b’e am feasgar e; agus anns an fheasgar their thu, Och! nach b’e a’ mhadainn e; airson eagal do chridhe, leis am bi eagal ort, agus airson sealladh do shùl a chì thu.
68
Agus bheir an Tighearna a‑rìs thu don Eiphit ann an longan, air an t‑slighe mun dubhairt mi riut, Chan fhaic thu a‑rìs i tuilleadh: agus an sin reicear sibh ri ur naimhdean mar thràillean agus mar bhan-tràillean, agus cha bhi neach ann gu ur ceannach.
Deuteronomi 28:1
Deuteronomi 28:2
Deuteronomi 28:3
Deuteronomi 28:4
Deuteronomi 28:5
Deuteronomi 28:6
Deuteronomi 28:7
Deuteronomi 28:8
Deuteronomi 28:9
Deuteronomi 28:10
Deuteronomi 28:11
Deuteronomi 28:12
Deuteronomi 28:13
Deuteronomi 28:14
Deuteronomi 28:15
Deuteronomi 28:16
Deuteronomi 28:17
Deuteronomi 28:18
Deuteronomi 28:19
Deuteronomi 28:20
Deuteronomi 28:21
Deuteronomi 28:22
Deuteronomi 28:23
Deuteronomi 28:24
Deuteronomi 28:25
Deuteronomi 28:26
Deuteronomi 28:27
Deuteronomi 28:28
Deuteronomi 28:29
Deuteronomi 28:30
Deuteronomi 28:31
Deuteronomi 28:32
Deuteronomi 28:33
Deuteronomi 28:34
Deuteronomi 28:35
Deuteronomi 28:36
Deuteronomi 28:37
Deuteronomi 28:38
Deuteronomi 28:39
Deuteronomi 28:40
Deuteronomi 28:41
Deuteronomi 28:42
Deuteronomi 28:43
Deuteronomi 28:44
Deuteronomi 28:45
Deuteronomi 28:46
Deuteronomi 28:47
Deuteronomi 28:48
Deuteronomi 28:49
Deuteronomi 28:50
Deuteronomi 28:51
Deuteronomi 28:52
Deuteronomi 28:53
Deuteronomi 28:54
Deuteronomi 28:55
Deuteronomi 28:56
Deuteronomi 28:57
Deuteronomi 28:58
Deuteronomi 28:59
Deuteronomi 28:60
Deuteronomi 28:61
Deuteronomi 28:62
Deuteronomi 28:63
Deuteronomi 28:64
Deuteronomi 28:65
Deuteronomi 28:66
Deuteronomi 28:67
Deuteronomi 28:68
Deuteronomi 1 / Deu 1
Deuteronomi 2 / Deu 2
Deuteronomi 3 / Deu 3
Deuteronomi 4 / Deu 4
Deuteronomi 5 / Deu 5
Deuteronomi 6 / Deu 6
Deuteronomi 7 / Deu 7
Deuteronomi 8 / Deu 8
Deuteronomi 9 / Deu 9
Deuteronomi 10 / Deu 10
Deuteronomi 11 / Deu 11
Deuteronomi 12 / Deu 12
Deuteronomi 13 / Deu 13
Deuteronomi 14 / Deu 14
Deuteronomi 15 / Deu 15
Deuteronomi 16 / Deu 16
Deuteronomi 17 / Deu 17
Deuteronomi 18 / Deu 18
Deuteronomi 19 / Deu 19
Deuteronomi 20 / Deu 20
Deuteronomi 21 / Deu 21
Deuteronomi 22 / Deu 22
Deuteronomi 23 / Deu 23
Deuteronomi 24 / Deu 24
Deuteronomi 25 / Deu 25
Deuteronomi 26 / Deu 26
Deuteronomi 27 / Deu 27
Deuteronomi 28 / Deu 28
Deuteronomi 29 / Deu 29
Deuteronomi 30 / Deu 30
Deuteronomi 31 / Deu 31
Deuteronomi 32 / Deu 32
Deuteronomi 33 / Deu 33
Deuteronomi 34 / Deu 34