1 |
Agus tàrlaidh, ma dh’èisdeas tu gu dùrachdach ri guth an Tighearna do Dhia, a choimhead agus a dhèanamh a àithneantan uile, a tha mi ag àithneadh dhut air an là‑an‑diugh, gun cuir an Tighearna do Dhia suas thu os cionn uile chinnich na talmhainn. |
2 |
Agus thig na beannachdan seo uile ort, agus beiridh iad ort, ma dh’èisdeas tu ri guth an Tighearna do Dhia. |
3 |
Beannaichte bidh tu anns a’ bhaile, agus beannaichte bidh tu anns a’ mhachair. |
4 |
Beannaichte bidh toradh do chuirp, agus toradh d’fhearainn, agus toradh do sprèidhe, fàs do chruidh, agus treudan do chaorach. |
5 |
Beannaichte bidh do bhasgaid agus do chuibhreann. |
6 |
Beannaichte bidh tu nuair a thig thu a‑steach, agus beannaichte bidh tu nuair a thèid thu a‑mach. |
7 |
Bheir an Tighearna fa‑near gum bi do naimhdean, a dh’èireas suas ad aghaidh, air am bualadh rod ghnùis: thig iad a‑mach ad aghaidh air aon slighe, agus teichidh iad romhad air seachd slighean. |
8 |
Aithnidh an Tighearna am beannachadh ort ad thaighean-tasgaidh, agus anns gach nì ris an cuir thu do làmh; agus beannaichidh e thu anns an fhearann a bheir an Tighearna do Dhia dhut. |
9 |
Daingnichidh an Tighearna thu ad shluagh naomh dha fhèin, mar a mhionnaich e dhut, ma ghleidheas tu àitheantan an Tighearna do Dhia, agus ma ghluaiseas tu na shlighean. |
10 |
Agus chì uile chinnich na talmhainn gun goirear ainm an Tighearna ort, agus bidh eagal orra romhad. |
11 |
Agus nì an Tighearna saoibhir thu ann am maoin, ann an toradh do chuirp, agus ann an toradh do sprèidhe, agus ann an toradh do thalmhainn, anns an talamh a mhionnaich an Tighearna dod athraichean a thabhairt dhut. |
12 |
Fosglaidh an Tighearna dhut a dheagh ionmhas, na nèamhan a thoirt uisge dod fhearann na àm, agus a bheannachadh uile obraichean do làimhe; agus bheir thu an iasad do mhòran chinneach, agus cha ghabh thu an iasad. |
13 |
Agus nì an Tighearna an ceann dhìot, agus chan e an t‑earball; agus bidh tu a‑mhàin an uachdar, agus cha bhi thu an ìochdar; ma dh’èisdeas tu ri àitheantan an Tighearna do Dhia, a tha mi ag àithneadh dhut air an là‑an‑diugh, gun coimhead agus gun dèan thu iad. |
14 |
Agus cha tèid thu a‑thaobh o aon air bith de na briathran a tha mi ag àithneadh dhut an‑diugh, a‑chum na làimhe deise no a‑chum na làimhe clìthe, a dhol an dèidh dhiathan eile a dhèanamh seirbhis dhaibh. |
15 |
Ach tàrlaidh, mura èisd thu ri guth an Tighearna do Dhia, a thoirt fa‑near gun dèan thu a àitheantan agus a reachdan uile, a tha mi ag àithneadh dhut an‑diugh, gun tig na mallachdan seo uile ort, agus gum beir iad ort. |
16 |
Mallaichte bidh tu anns a’ bhaile, agus mallaichte bidh tu anns a’ mhachair. |
17 |
Mallaichte bidh do bhasgaid agus do chuibhreann. |
18 |
Mallaichte bidh toradh do chuirp, agus toradh d’fhearainn, fàs do chruidh, agus treudan do chaorach. |
19 |
Mallaichte bidh tu nuair a thig thu a‑steach, agus mallaichte bidh tu nuair a thèid thu a‑mach. |
20 |
Cuiridh an Tighearna ort mallachadh, mì‑shuaimhneas, agus achmhasan, anns gach nì ris an cuir thu do làmh, gu a dhèanamh, gus an sgriosar thu, agus gus an tèid as dhut gu h‑obann, airson aingidheachd do ghnìomharan leis an do thrèig thu mise. |
21 |
Bheir an Tighearna air a’ phlàigh leantainn riut, gus an claoidh e thu bhàrr an fhearainn, da bheil thu a’ dol a‑steach ga shealbhachadh. |
22 |
Buailidh an Tighearna thu le caitheamh agus le fiabhras, agus le ainteas, agus le àrd-losgadh, agus leis a’ chlaidheamh, agus le seargadh, agus le fuar-dhealt; agus leanaidh iad thu gus an tèid as dhut. |
23 |
Agus bidh do speuran a tha os do chionn nan umha, agus an talamh a tha fodhad na iarann. |
24 |
Nì an Tighearna uisge d’fhearainn na luaithre agus na dhuslach: o nèamh thig e a‑nuas ort, gus an sgriosar thu. |
25 |
Bheir an Tighearna fa‑near gum buailear thu air beulaibh do naimhdean: thèid thu a‑mach air aon slighe nan aghaidh, agus teichidh tu romhpa air seachd slighean; agus atharraichear thu a‑chum uile rìoghachdan na talmhainn. |
26 |
Agus bidh do chlosach na biadh aig uile eunlaith an adhair, agus aig beathaichean na talmhainn, agus chan fhuadaich duine sam bith air falbh iad. |
27 |
Buailidh an Tighearna thu le neasgaid na h‑Eiphit, agus le ruith fala, agus le càrr, agus le cloimh, de nach bi e an comas do leigheas. |
28 |
Buailidh an Tighearna thu le cuthach, agus le doille, agus le uamhann cridhe. |
29 |
Agus smeuraichidh tu mu mheadhon-là, mar a smeuraicheas an dall anns an dorchadas, agus cha soirbhich leat ad shlighean: agus bidh tu a‑mhàin fo fhòirneart, agus air do chreachadh a‑ghnàth, agus cha teasairg duine sam bith thu. |
30 |
Nì thu ceangal-pòsaidh ri mnaoi, agus laighidh fear eile leatha: togaidh tu taigh, agus cha ghabh thu còmhnaidh ann: suidhichidh tu fìonlios, agus cha tionail thu a fhìondhearcan. |
31 |
Marbhar do dhamh fa chomhair do shùl, agus chan ith thu dheth: bheirear air falbh d’asal a dh’aindeoin as do làthair, agus cha toirear air a h‑ais dhut i: bheirear do chaoraich dod naimhdean, agus cha bhi neach agad a bheir uapa iad. |
32 |
Bheirear do mhic agus do nigheanan do shluagh eile, agus chì do shùilean, agus fàilnichidh iad le fadal air an son rè an là: agus cha bhi neart sam bith ad làimh. |
33 |
Toradh d’fhearainn, agus do shaothair uile, ithidh cinneach suas nach b’aithne dhut; agus bidh tu a‑mhàin fo fhòirneart agus air do bhruthadh an còmhnaidh: |
34 |
Air chor is gum bi thu air mhì-chèill, airson sealladh do shùl a chì thu. |
35 |
Buailidh an Tighearna thu anns na glùinean, agus anns na casan, le neasgaid chràitich nach gabh a leigheas, o bhonn do choise gu mullach do chinn. |
36 |
Bheir an Tighearna thu fhèin agus do rìgh a chuireas tu os do chionn gu cinneach nach b’aithne aon chuid dhut fhèin no dod athraichean; agus an sin nì thu seirbhis do dhiathan eile, do fhiodh agus do chloich. |
37 |
Agus bidh tu ad uamhas, ad shamhladh, agus ad lethfhacal, am measg nan uile chinneach gus an treòraich an Tighearna thu. |
38 |
Bheir thu mòran sìl a‑mach don fhearann, ach is beag a chruinnicheas tu a‑steach: oir ithidh an lòcast suas e. |
39 |
Suidhichidh tu fìonliosan agus deasaichidh tu iad, ach chan òl thu den fhìon, cha mhò a chruinnicheas tu na dearcan: oir ithidh a’ chnuimh iad. |
40 |
Bidh croinn-ola agad air feadh do chrìochan uile, ach chan ung thu thu fhèin leis an ola: oir tilgidh do chrann-ola a thoradh. |
41 |
Ginidh tu mic agus nigheanan, ach cha mheal thu iad; oir thèid iad am braighdeanas. |
42 |
Do chraobhan uile agus toradh d’fhearainn, millidh an lòcast. |
43 |
Eiridh an coigreach a tha nur measg suas gu ro‑àrd os do chionn: agus thig thusa a‑nuas gu ro‑ìosal. |
44 |
Bheir e an iasad dhut, agus cha toir thusa an iasad dha: bidh esan na cheann, agus bidh tusa ad earball. |
45 |
Agus thig na mallachdan seo uile ort, agus leanaidh iad thu, agus beiridh iad ort, gus an sgriosar thu, a chionn nach d’èisd thu ri guth an Tighearna do Dhia, a ghleidheadh a àitheantan agus a reachdan a dh’àithn e dhut: |
46 |
Agus bidh iad ort mar chomharradh agus mar iongantas, agus air do shliochd a‑chaoidh. |
47 |
A chionn nach do rinn thu seirbhis don Tighearna do Dhia le gàirdeachas, agus le subhachas cridhe, airson pailteas nan uile nithean; |
48 |
Uime sin nì thu seirbhis dod naimhdean, a chuireas an Tighearna ad aghaidh, ann an acras, agus ann an tart, agus ann an lomnochdaidh, agus ann an uireasbhaidh nan uile nithean; agus cuiridh e cuing iarainn air do mhuineal, gus an cuir e as dhut. |
49 |
Bheir an Tighearna cinneach ad aghaidh o ionad fada o làimh, o iomall na talmhainn, mar an iolair air iteig: cinneach nach tuig thu an cainnt: |
50 |
Cinneach aig a bheil aghaidh bhorb, nach toir urram do ghnùis an aosmhoir, agus nach dèan iochd ris an òg: |
51 |
Agus ithidh e toradh do sprèidhe, agus toradh d’fhearainn, gus an sgriosar thu: neach nach fàg agad arbhar, fìon, no ola, fàs do chruidh, no treudan do chaorach, gus an cuir e as dhut. |
52 |
Agus teannaichidh e thu ann ad gheatachan uile, gus am brisear sìos do bhallachan àrda agus daingnichte, anns an robh do dhòigh, air feadh d’fhearainn uile; agus teannaichidh e thu ann ad gheatachan, air feadh d’fhearainn uile a thug an Tighearna do Dhia dhut. |
53 |
Agus ithidh tu toradh do chuirp fhèin, feòil do mhac agus do nigheanan, a thug an Tighearna do Dhia dhut, anns a’ chogadh, agus anns an teinn, leis an teannaich do naimhdean thu: |
54 |
Air chor is an duine a tha maoth nur measg, agus ro‑shòghmhor, gum bi a shùil olc a‑thaobh a bhràthar, agus a‑thaobh bean a uchd fhèin, agus a‑thaobh iarmad a chloinne a dh’fhàgas e: |
55 |
Air chor is nach toir e do aon dhiubh a’ bheag de fheòil a chloinne a dh’itheas e; a chionn nach fàgar a’ bheag aige anns a’ chogadh, agus anns an teinn, leis an teannaich do naimhdean thu ad gheatachan uile. |
56 |
A’ bhean mhaoth agus shòghmhor nur measg, nach dùraigeadh bonn a coise a chur air an talamh a‑thaobh mùirn agus maothalachd, bidh a sùil olc a‑thaobh fear-pòsda a h‑uchd, agus a‑thaobh a mic, agus a‑thaobh a h‑ighinn, |
57 |
Agus a‑thaobh a’ mhaothrain a thig a‑mach o eadar a casan, agus a‑thaobh a cloinne a bheireas i: oir ithidh i iad a dh’uireasbhaidh nan uile nithean an diamhaireachd anns a’ chogadh, agus anns an teinn, leis an teannaich do nàmhaid thu ad gheatachan. |
58 |
Mura toir thu an aire uile bhriathran an lagha seo a dhèanamh, a tha sgrìobhte anns an leabhar seo, a‑chum gum bi eagal an ainm ghlòrmhoir agus uamhasaich seo ort, AN TIGHEARNA DO DHIA: |
59 |
An sin nì an Tighearna do phlàighean iongantach, agus plàighean do shliochd, eadhon plàighean mòra agus maireannach, agus eucailean cràiteach agus fadalach. |
60 |
A bhàrr air seo, bheir e ort uile ghalaran na h‑Eiphit, ron robh eagal ort; agus leanaidh iad riut. |
61 |
Mar an ceudna gach tinneas agus gach plàigh, nach eil sgrìobhte ann an leabhar an lagha seo, iad sin bheir an Tighearna ort, gus an sgriosar thu. |
62 |
Agus fàgar sibh tearc ann an àireamh, an àite gu robh sibh mar reultan nèimh an lìonmhorachd; a chionn nach d’èisd thu ri guth an Tighearna do Dhia. |
63 |
Agus tàrlaidh, mar a rinn an Tighearna gàirdeachas os ur cionn a dhèanamh maith dhuibh, agus gu ur dèanamh lìonmhor, mar sin gun dèan an Tighearna gàirdeachas os ur cionn gu ur sgrios, agus gu ur toirt gu neoni: agus spìonar sibh as an fhearann da bheil thu a’ dol ga shealbhachadh. |
64 |
Agus sgapaidh an Tighearna thu am measg nan uile chinneach, on dara ceann den talamh eadhon gus an ceann eile den talamh; agus an sin nì thu seirbhis do dhiathan eile, nach b’aithne aon chuid dhut fhèin no dod athraichean, eadhon do fhiodh agus do chloich. |
65 |
Agus am measg nan cinneach sin chan fhaigh thu suaimhneas sam bith, cha mhò a bhios fois aig bonn do choise: ach bheir an Tighearna dhut an sin cridhe gealtach, agus fàilneachadh shùl, agus doilgheas inntinn. |
66 |
Agus bidh do bheatha crochte ann an amharas fad chomhair; agus bidh eagal ort a là agus a dh’oidhche, agus cha bhi cinnt air bith agad ded bheatha. |
67 |
Anns a’ mhadainn their thu, Och! nach b’e am feasgar e; agus anns an fheasgar their thu, Och! nach b’e a’ mhadainn e; airson eagal do chridhe, leis am bi eagal ort, agus airson sealladh do shùl a chì thu. |
68 |
Agus bheir an Tighearna a‑rìs thu don Eiphit ann an longan, air an t‑slighe mun dubhairt mi riut, Chan fhaic thu a‑rìs i tuilleadh: agus an sin reicear sibh ri ur naimhdean mar thràillean agus mar bhan-tràillean, agus cha bhi neach ann gu ur ceannach.
|
Gaelic Bible (Scottish) (ABG) 1992 |
© Scottish Bible Society 1992, 2017 |
|
|
|
|
|
|
|
|
|
|
Deuteronomi 28:1 |
Deuteronomi 28:2 |
Deuteronomi 28:3 |
Deuteronomi 28:4 |
Deuteronomi 28:5 |
Deuteronomi 28:6 |
Deuteronomi 28:7 |
Deuteronomi 28:8 |
Deuteronomi 28:9 |
Deuteronomi 28:10 |
Deuteronomi 28:11 |
Deuteronomi 28:12 |
Deuteronomi 28:13 |
Deuteronomi 28:14 |
Deuteronomi 28:15 |
Deuteronomi 28:16 |
Deuteronomi 28:17 |
Deuteronomi 28:18 |
Deuteronomi 28:19 |
Deuteronomi 28:20 |
Deuteronomi 28:21 |
Deuteronomi 28:22 |
Deuteronomi 28:23 |
Deuteronomi 28:24 |
Deuteronomi 28:25 |
Deuteronomi 28:26 |
Deuteronomi 28:27 |
Deuteronomi 28:28 |
Deuteronomi 28:29 |
Deuteronomi 28:30 |
Deuteronomi 28:31 |
Deuteronomi 28:32 |
Deuteronomi 28:33 |
Deuteronomi 28:34 |
Deuteronomi 28:35 |
Deuteronomi 28:36 |
Deuteronomi 28:37 |
Deuteronomi 28:38 |
Deuteronomi 28:39 |
Deuteronomi 28:40 |
Deuteronomi 28:41 |
Deuteronomi 28:42 |
Deuteronomi 28:43 |
Deuteronomi 28:44 |
Deuteronomi 28:45 |
Deuteronomi 28:46 |
Deuteronomi 28:47 |
Deuteronomi 28:48 |
Deuteronomi 28:49 |
Deuteronomi 28:50 |
Deuteronomi 28:51 |
Deuteronomi 28:52 |
Deuteronomi 28:53 |
Deuteronomi 28:54 |
Deuteronomi 28:55 |
Deuteronomi 28:56 |
Deuteronomi 28:57 |
Deuteronomi 28:58 |
Deuteronomi 28:59 |
Deuteronomi 28:60 |
Deuteronomi 28:61 |
Deuteronomi 28:62 |
Deuteronomi 28:63 |
Deuteronomi 28:64 |
Deuteronomi 28:65 |
Deuteronomi 28:66 |
Deuteronomi 28:67 |
Deuteronomi 28:68 |
|
|
|
|
|
|
Deuteronomi 1 / Deu 1 |
Deuteronomi 2 / Deu 2 |
Deuteronomi 3 / Deu 3 |
Deuteronomi 4 / Deu 4 |
Deuteronomi 5 / Deu 5 |
Deuteronomi 6 / Deu 6 |
Deuteronomi 7 / Deu 7 |
Deuteronomi 8 / Deu 8 |
Deuteronomi 9 / Deu 9 |
Deuteronomi 10 / Deu 10 |
Deuteronomi 11 / Deu 11 |
Deuteronomi 12 / Deu 12 |
Deuteronomi 13 / Deu 13 |
Deuteronomi 14 / Deu 14 |
Deuteronomi 15 / Deu 15 |
Deuteronomi 16 / Deu 16 |
Deuteronomi 17 / Deu 17 |
Deuteronomi 18 / Deu 18 |
Deuteronomi 19 / Deu 19 |
Deuteronomi 20 / Deu 20 |
Deuteronomi 21 / Deu 21 |
Deuteronomi 22 / Deu 22 |
Deuteronomi 23 / Deu 23 |
Deuteronomi 24 / Deu 24 |
Deuteronomi 25 / Deu 25 |
Deuteronomi 26 / Deu 26 |
Deuteronomi 27 / Deu 27 |
Deuteronomi 28 / Deu 28 |
Deuteronomi 29 / Deu 29 |
Deuteronomi 30 / Deu 30 |
Deuteronomi 31 / Deu 31 |
Deuteronomi 32 / Deu 32 |
Deuteronomi 33 / Deu 33 |
Deuteronomi 34 / Deu 34 |