A A A A A
Facebook Instagram Twitter
Gaelic Bible (Scottish) (ABG) 1992

Ephèsianach 3



1
Air an adhbhar seo, tha mise Pòl, prìosanach Iosa Crìosd air ur son-se, a Chinneacha;
2
O chuala sibh mu fhrithealadh gràs Dhè, a thugadh dhomh air ur son-se:
3
Gun do rinn e aithnichte dhomh tre fhoillseachadh an rùin-diamhair (mar a sgrìobh mi roimhe gu h‑aithghearr,
4
Leis am faod sibh, air dhuibh a leughadh, m’eòlas ann an rùn-diamhair Chrìosd a thuigsinn);
5
Nì, ann an linntean eile, air nach tugadh fios do chloinn nan daoine, mar tha e a‑nis air fhoillseachadh da abstoil naomha agus da fhàidhean tre an Spiorad;
6
Gum biodh na Cinnich nan co‑oighreachan, agus nan co‑chorp, agus nan luchd-compàirt de a ghealladh-san ann an Crìosd, tre an t‑soisgeul:
7
Air an do rinneadh mise am mhinistear, a rèir tìodhlac gràs Dhè a thugadh dhomh, a rèir obrachadh èifeachdach a chumhachd.
8
Dhòmhsa, as lugha na an tì as lugha de na naoimh uile, thugadh an gràs seo, saoibhreas Chrìosd, nach faodar a rannsachadh, a shearmonachadh am measg nan Cinneach;
9
Agus gun dèanainn soilleir do na h‑uile dhaoine, ciod e comann an rùin-diamhair sin, a bha falaichte ann an Dia o thoiseach an t‑saoghail, a chruthaich na h‑uile nithean tre Iosa Crìosd;
10
A‑chum gun dèante aithnichte a‑nis do na h‑uachdaranachdan, agus do na cumhachdan ann an ionadan nèamhaidh, leis an eaglais, gliocas eugsamhail Dhè.
11
A rèir an rùin shìorraidh a rùnaich e ann an Iosa Crìosd ar Tighearna:
12
Anns a bheil againn dànachd agus slighe gu dol a‑steach ann am muinghinn tre a chreideamh-san.
13
Uime sin tha mi ag iarraidh nach fannaich sibh as leth mo thrioblaidean-sa air ur son, nì as e ur glòir.
14
Air an adhbhar seo tha mi a’ lùbadh mo ghlùn do Athair ar Tighearna Iosa Crìosd,
15
Air an ainmichear an teaghlach uile air nèamh agus air talamh,
16
Gun deònaicheadh e dhuibh a rèir saoibhreas a ghlòire, a bhith air ur neartachadh gu treun, tre a Spiorad-san anns an duine an leth a‑staigh;
17
Ionnas gun gabh Crìosd còmhnaidh nur cridhe tre chreideamh; a‑chum air dhuibh a bhith air ur freumhachadh, agus air ur stèidheachadh, ann an gràdh,
18
Gum bi sibh comasach, maille ris na naoimh uile, air a thuigsinn ciod e leud, agus fad, agus doimhne, agus àirde;
19
Agus air gràdh Chrìosd aithneachadh, a chaidh thar gach uile eòlas, a‑chum gum bi sibh air ur lìonadh le uile lànachd Dhè.
20
A‑nis dhàsan don comas na h‑uile nithean a dhèanamh gu h‑anabarrach ro‑phailt, thar gach nì as urrainn sinne iarraidh no smaoineachadh, a rèir a’ chumhachd a tha ag obrachadh gu h‑èifeachdach annainn,
21
Dhàsan gu robh glòir anns an eaglais tre Iosa Crìosd, air feadh gach uile linn, gu saoghal nan saoghal. Amen.











Ephèsianach 3:1
Ephèsianach 3:2
Ephèsianach 3:3
Ephèsianach 3:4
Ephèsianach 3:5
Ephèsianach 3:6
Ephèsianach 3:7
Ephèsianach 3:8
Ephèsianach 3:9
Ephèsianach 3:10
Ephèsianach 3:11
Ephèsianach 3:12
Ephèsianach 3:13
Ephèsianach 3:14
Ephèsianach 3:15
Ephèsianach 3:16
Ephèsianach 3:17
Ephèsianach 3:18
Ephèsianach 3:19
Ephèsianach 3:20
Ephèsianach 3:21






Ephèsianach 1 / Eph 1
Ephèsianach 2 / Eph 2
Ephèsianach 3 / Eph 3
Ephèsianach 4 / Eph 4
Ephèsianach 5 / Eph 5
Ephèsianach 6 / Eph 6