A A A A A
Gaelic Bible (Scottish) (ABG) 1992

Galàtianach 4



1
A‑nis tha mi ag ràdh, am feadh a bhios an t‑oighre na leanabh, nach eil eadar-dhealachadh sam bith eadar e agus seirbhiseach, ged is e tighearna nan uile;
2
Ach tha e fo luchd-coimhead, agus fo luchd-riaghlaidh gu teachd na h‑aimsir a dh’òrdaich an t‑athair.
3
Agus mar an ceudna sinne, nuair a bha sinn nar leanaban, bha sinn ann an daorsa fo chiad fhòghlam an t‑saoghail:
4
Ach nuair a thàinig coileanadh na h‑aimsir, chuir Dia a Mhac fhèin uaithe, a ghineadh o mhnaoi, a rinneadh fon lagh,
5
A‑chum gun saoradh e iadsan a bha fon lagh, ionnas gum faigheamaid-ne uchd-mhacachd na cloinne.
6
Agus do bhrìgh gur mic sibh chuir Dia Spiorad a mhic fhèin nur cridheachan, ag èigheach, Abba, Athair.
7
Uime sin cha seirbhiseach thu nas mò, ach mac; agus mas mac, is oighre mar an ceudna air Dia tre Chrìosd.
8
Gidheadh, nuair nach b’aithne dhuibh Dia, rinn sibh seirbhis dhaibhsan nach eil nan diathan a‑thaobh nàdair.
9
Ach a‑nis air dhuibh Dia aithneachadh, no mar as fheàrr a dh’fhaodar a ràdh, a bhith air ur n‑aithneachadh le Dia, cionnas a tha sibh ag ath-thilleadh a‑chum nan ciad-thoiseach anfhann agus bochd, dom miann leibh a bhith a‑rìs fo dhaorsa?
10
Tha sibh a’ coimhead làithean, agus mhìosan, agus aimsirean, agus bhliadhnachan.
11
Tha eagal orm dur taobh gun do chaith mi gu dìomhain mo shaothair oirbh.
12
Guidheam oirbh, a bhràithrean, bithibh mar a tha mise; oir tha mise mar a tha sibhse: cha do rinn sibh eucoir sam bith orm.
13
Tha fhios agaibh gum b’ann tre anfhainneachd na feòla a shearmonaich mi dhuibh an soisgeul air tùs.
14
Agus air mo bhuaireadh a bha ann am fheòil cha do rinn sibh tarcais, agus cha do ghabh sibh gràin dhìom; ach ghabh sibh rium mar aingeal Dhè, mar Iosa Crìosd.
15
Ciod e, mas eadh, an sonas sin a bha agaibh? Oir tha mi a’ dèanamh fianais dhuibh, nam bu chomasach e, gun spìonadh sibh a‑mach ur sùilean fhèin, agus gun tugadh sibh dhòmhsa iad.
16
Uime sin an do rinneadh nàmhaid dhuibh dhìom, airson mi a dh’innse na fìrinn dhuibh?
17
Tha iadsan eudmhor umaibh, ach chan ann gu math; ach b’àill leo sinne a dhruideadh a‑mach, a‑chum gum biodh sibhse eudmhor umpa fhèin.
18
Ach is math a bhith eudmhor ann an nì math a‑ghnàth, agus chan ann a‑mhàin nuair a tha mise an làthair maille ribh.
19
Mo chlann bheag, air a bheil mi a‑rìs ri saothair, gus an dealbhar Crìosd annaibh,
20
B’àill leam a bhith a‑nis an làthair maille ribh, agus mo ghuth a chaochladh, oir tha mi fo amharas umaibh.
21
Innsibh dhomh, sibhse lem miann a bhith fon lagh, nach cluinn sibh an lagh?
22
Oir tha e sgrìobhte, gu robh aig Abrahàm dithis mhac; aon ri banoglaich, agus am mac eile ri mnaoi shaoir.
23
Agus esan a bha aige ris a’ bhanoglaich, ghineadh a rèir na feòla e; ach esan a bha aige ris a’ mhnaoi shaoir, tre ghealladh.
24
Na nithean seo is samhladh iad; oir is iad seo an dà choicheangal; aon dhiubh o bheinn Shinài, a tha a’ breith a‑chum daorsa, as i Agar.
25
Oir is i Agar beinn Shinài ann an Aràbia, agus tha i a’ co‑fhreagradh do Ierusalem a tha a‑nis ann, agus tha i fo dhaorsa maille ra cloinn.
26
Ach tha an Ierusalem a tha shuas saor, agus is màthair dhuinn uile i.
27
Oir tha e sgrìobhte, Dèan gàirdeachas, a bhean neo-thorrach nach eil a’ breith cloinne; bris a‑mach agus glaodh, thusa nach eil ri saothair: oir is lìonmhoire clann na mnà aonaranaich, na na mnà aig a bheil fear.
28
A‑nis, a bhràithrean, is sinne, mar a bha Isaac, clann a’ gheallaidh.
29
Ach mar a rinn esan, a rugadh a rèir na feòla, anns an àm sin geur-leanmhainn airsan a rugadh a rèir an Spioraid, is amhail sin a tha a‑nis mar an ceudna.
30
Ach ciod a tha an sgriobtar ag ràdh? Tilg a‑mach a’ bhanoglach agus a mac: oir cha bhi mac na banoglaich na oighre maille ri mac na mnà saoire.
31
Uime sin, a bhràithrean, cha sinne clann na banoglaich, ach na mnà saoire.











Galàtianach 4:1

Galàtianach 4:2

Galàtianach 4:3

Galàtianach 4:4

Galàtianach 4:5

Galàtianach 4:6

Galàtianach 4:7

Galàtianach 4:8

Galàtianach 4:9

Galàtianach 4:10

Galàtianach 4:11

Galàtianach 4:12

Galàtianach 4:13

Galàtianach 4:14

Galàtianach 4:15

Galàtianach 4:16

Galàtianach 4:17

Galàtianach 4:18

Galàtianach 4:19

Galàtianach 4:20

Galàtianach 4:21

Galàtianach 4:22

Galàtianach 4:23

Galàtianach 4:24

Galàtianach 4:25

Galàtianach 4:26

Galàtianach 4:27

Galàtianach 4:28

Galàtianach 4:29

Galàtianach 4:30

Galàtianach 4:31







Galàtianach 1 / Gal 1

Galàtianach 2 / Gal 2

Galàtianach 3 / Gal 3

Galàtianach 4 / Gal 4

Galàtianach 5 / Gal 5

Galàtianach 6 / Gal 6