1 |
A‑nis tha mi ag ràdh, am feadh a bhios an t‑oighre na leanabh, nach eil eadar-dhealachadh sam bith eadar e agus seirbhiseach, ged is e tighearna nan uile; |
2 |
Ach tha e fo luchd-coimhead, agus fo luchd-riaghlaidh gu teachd na h‑aimsir a dh’òrdaich an t‑athair. |
3 |
Agus mar an ceudna sinne, nuair a bha sinn nar leanaban, bha sinn ann an daorsa fo chiad fhòghlam an t‑saoghail: |
4 |
Ach nuair a thàinig coileanadh na h‑aimsir, chuir Dia a Mhac fhèin uaithe, a ghineadh o mhnaoi, a rinneadh fon lagh, |
5 |
A‑chum gun saoradh e iadsan a bha fon lagh, ionnas gum faigheamaid-ne uchd-mhacachd na cloinne. |
6 |
Agus do bhrìgh gur mic sibh chuir Dia Spiorad a mhic fhèin nur cridheachan, ag èigheach, Abba, Athair. |
7 |
Uime sin cha seirbhiseach thu nas mò, ach mac; agus mas mac, is oighre mar an ceudna air Dia tre Chrìosd. |
8 |
Gidheadh, nuair nach b’aithne dhuibh Dia, rinn sibh seirbhis dhaibhsan nach eil nan diathan a‑thaobh nàdair. |
9 |
Ach a‑nis air dhuibh Dia aithneachadh, no mar as fheàrr a dh’fhaodar a ràdh, a bhith air ur n‑aithneachadh le Dia, cionnas a tha sibh ag ath-thilleadh a‑chum nan ciad-thoiseach anfhann agus bochd, dom miann leibh a bhith a‑rìs fo dhaorsa? |
10 |
Tha sibh a’ coimhead làithean, agus mhìosan, agus aimsirean, agus bhliadhnachan. |
11 |
Tha eagal orm dur taobh gun do chaith mi gu dìomhain mo shaothair oirbh. |
12 |
Guidheam oirbh, a bhràithrean, bithibh mar a tha mise; oir tha mise mar a tha sibhse: cha do rinn sibh eucoir sam bith orm. |
13 |
Tha fhios agaibh gum b’ann tre anfhainneachd na feòla a shearmonaich mi dhuibh an soisgeul air tùs. |
14 |
Agus air mo bhuaireadh a bha ann am fheòil cha do rinn sibh tarcais, agus cha do ghabh sibh gràin dhìom; ach ghabh sibh rium mar aingeal Dhè, mar Iosa Crìosd. |
15 |
Ciod e, mas eadh, an sonas sin a bha agaibh? Oir tha mi a’ dèanamh fianais dhuibh, nam bu chomasach e, gun spìonadh sibh a‑mach ur sùilean fhèin, agus gun tugadh sibh dhòmhsa iad. |
16 |
Uime sin an do rinneadh nàmhaid dhuibh dhìom, airson mi a dh’innse na fìrinn dhuibh? |
17 |
Tha iadsan eudmhor umaibh, ach chan ann gu math; ach b’àill leo sinne a dhruideadh a‑mach, a‑chum gum biodh sibhse eudmhor umpa fhèin. |
18 |
Ach is math a bhith eudmhor ann an nì math a‑ghnàth, agus chan ann a‑mhàin nuair a tha mise an làthair maille ribh. |
19 |
Mo chlann bheag, air a bheil mi a‑rìs ri saothair, gus an dealbhar Crìosd annaibh, |
20 |
B’àill leam a bhith a‑nis an làthair maille ribh, agus mo ghuth a chaochladh, oir tha mi fo amharas umaibh. |
21 |
Innsibh dhomh, sibhse lem miann a bhith fon lagh, nach cluinn sibh an lagh? |
22 |
Oir tha e sgrìobhte, gu robh aig Abrahàm dithis mhac; aon ri banoglaich, agus am mac eile ri mnaoi shaoir. |
23 |
Agus esan a bha aige ris a’ bhanoglaich, ghineadh a rèir na feòla e; ach esan a bha aige ris a’ mhnaoi shaoir, tre ghealladh. |
24 |
Na nithean seo is samhladh iad; oir is iad seo an dà choicheangal; aon dhiubh o bheinn Shinài, a tha a’ breith a‑chum daorsa, as i Agar. |
25 |
Oir is i Agar beinn Shinài ann an Aràbia, agus tha i a’ co‑fhreagradh do Ierusalem a tha a‑nis ann, agus tha i fo dhaorsa maille ra cloinn. |
26 |
Ach tha an Ierusalem a tha shuas saor, agus is màthair dhuinn uile i. |
27 |
Oir tha e sgrìobhte, Dèan gàirdeachas, a bhean neo-thorrach nach eil a’ breith cloinne; bris a‑mach agus glaodh, thusa nach eil ri saothair: oir is lìonmhoire clann na mnà aonaranaich, na na mnà aig a bheil fear. |
28 |
A‑nis, a bhràithrean, is sinne, mar a bha Isaac, clann a’ gheallaidh. |
29 |
Ach mar a rinn esan, a rugadh a rèir na feòla, anns an àm sin geur-leanmhainn airsan a rugadh a rèir an Spioraid, is amhail sin a tha a‑nis mar an ceudna. |
30 |
Ach ciod a tha an sgriobtar ag ràdh? Tilg a‑mach a’ bhanoglach agus a mac: oir cha bhi mac na banoglaich na oighre maille ri mac na mnà saoire. |
31 |
Uime sin, a bhràithrean, cha sinne clann na banoglaich, ach na mnà saoire.
|
Gaelic Bible (Scottish) (ABG) 1992 |
© Scottish Bible Society 1992, 2017 |
|
|
|
|
|
|
|
|
|
|
Galàtianach 4:1 |
Galàtianach 4:2 |
Galàtianach 4:3 |
Galàtianach 4:4 |
Galàtianach 4:5 |
Galàtianach 4:6 |
Galàtianach 4:7 |
Galàtianach 4:8 |
Galàtianach 4:9 |
Galàtianach 4:10 |
Galàtianach 4:11 |
Galàtianach 4:12 |
Galàtianach 4:13 |
Galàtianach 4:14 |
Galàtianach 4:15 |
Galàtianach 4:16 |
Galàtianach 4:17 |
Galàtianach 4:18 |
Galàtianach 4:19 |
Galàtianach 4:20 |
Galàtianach 4:21 |
Galàtianach 4:22 |
Galàtianach 4:23 |
Galàtianach 4:24 |
Galàtianach 4:25 |
Galàtianach 4:26 |
Galàtianach 4:27 |
Galàtianach 4:28 |
Galàtianach 4:29 |
Galàtianach 4:30 |
Galàtianach 4:31 |
|
|
|
|
|
|
Galàtianach 1 / Gal 1 |
Galàtianach 2 / Gal 2 |
Galàtianach 3 / Gal 3 |
Galàtianach 4 / Gal 4 |
Galàtianach 5 / Gal 5 |
Galàtianach 6 / Gal 6 |