Instagram
English
A A A A A
Gaelic Bible (Scottish) (ABG) 1992
Ròmanaich 16
1
Tha mi ag earbsa ribh Phebe ar piuthar, a tha na searbhanta don eaglais a tha ann an Cenchrèa:
2
A‑chum gun gabh sibh rithe anns an Tighearna, mar as cubhaidh do naoimh, agus gun dèan sibh còmhnadh rithe anns gach gnothach anns am bi feum aice oirbh: oir rinn i fhèin còmhnadh ri mòran, agus riumsa mar an ceudna.
3
Cuiribh fàilte air Priscila agus Acuila, mo cho-obraichean ann an Iosa Crìosd:
4
(Muinntir a leig sìos am muineal fhèin airson m’anama-sa: dom bheil a’ toirt buidheachais chan e a‑mhàin mise, ach mar an ceudna eaglaisean nan Cinneach uile.)
5
Mar an ceudna cuiribh fàilte air an eaglais a tha nan taigh. Cuiribh fàilte air Epenetas as ionmhainn leamsa, neach as e ciad-thoradh Achaia do Chrìosd.
6
Cuiribh fàilte air Muire, a rinn saothair mhòr air ar son-ne.
7
Cuiribh fàilte air Andronicus agus Iunias, mo luchd-dàimh agus mo cho-phrìosanaich, a tha cliùiteach am measg nan abstol, agus a bha ann an Crìosd romhamsa.
8
Cuiribh fàilte air Amplias as ionmhainn leamsa anns an Tighearna.
9
Cuiribh fàilte air Urbanus ar co‑obraiche ann an Crìosd, agus air Stachis, fear mo ghràidh-sa.
10
Cuiribh fàilte air Apelles a tha dearbhte ann an Crìosd. Cuiribh fàilte orrasan a tha de theaghlach Aristobuluis.
11
Cuiribh fàilte air Herodion mo charaid. Cuiribh fàilte orrasan de theaghlach Narcisuis, a tha anns an Tighearna.
12
Cuiribh fàilte air Triphena agus Triphòsa, mnathan a tha a’ saothrachadh anns an Tighearna. Cuiribh fàilte air Persis as ionmhainn leam, bean a shaothraich gu mòr anns an Tighearna.
13
Cuiribh fàilte air Rufus a tha taghte anns an Tighearna, agus air a mhàthair agus mo mhàthair-sa.
14
Cuiribh fàilte air Asincritus, Phlegon, Hermas, Patrobas, Hermes, agus air na bràithrean a tha maille riu.
15
Cuiribh fàilte air Philologus, agus Iulia, air Nereus, agus a phiuthar, agus Olimpas, agus na naoimh uile a tha maille riu.
16
Cuiribh fàilte air a chèile le pòig naoimh. Tha eaglaisean Chrìosd a’ cur fàilte oirbh.
17
A‑nis guidheam oirbh, a bhràithrean, comharraichibh iadsan a tha a’ togail roinnean agus a’ toirt oilbheim, an aghaidh an teagaisg a dh’fhòghlaim sibh; agus seachnaibh iad.
18
Oir chan eil an leithidean seo a’ dèanamh seirbhis dur Tighearna Iosa Crìosd, ach dam broinn fhèin; agus tha iad le briathran milis agus le miodal a’ mealladh cridheachan na muinntir sin a tha neo-lochdach.
19
Oir tha ur n‑ùmhlachd-se air teachd a‑chum nan uile dhaoine. Uime sin tha mise a’ dèanamh gàirdeachais dur taobh-se: gidheadh b’àill leam sibhse a bhith glic a‑chum a’ mhaith, ach aon-fhillte a‑thaobh an uilc.
20
Agus bruthaidh Dia na sìthe Sàtan fo ur casan gu h‑aithghearr. Gràs ar Tighearna Iosa Crìosd gu robh maille ribh. Amen.
21
Tha Timòteus mo cho-obraiche a’ cur fàilte oirbh, agus Lucius agus Iàson agus Sosipater, mo luchd-dàimhe.
22
Tha mise Tertius, a sgrìobh an litir seo, a’ cur fàilte oirbh anns an Tighearna.
23
Tha Gaius, a tha a’ toirt aoidheachd dhòmhsa agus don eaglais uile, a’ cur fàilte oirbh. Tha Erastus, stiùbhard a’ bhaile, a’ cur fàilte oirbh, agus Cuartus, bràthair.
24
Gràs ar Tighearna Iosa Crìosd gu robh maille ribh uile. Amen.
25
A‑nis dhàsan a tha comasach air sibhse a dhaingneachadh a rèir mo shoisgeil-sa agus searmonachadh Iosa Crìosd (a rèir foillseachadh a rùin-diamhair, a bha am falach o thoiseach an domhain,
26
Ach a dh’fhoillsicheadh a‑nis, agus tre sgriobtairean nam fàidhean, a rèir àithne an Dè bhithbhuain, a tha air a dhèanamh aithnichte do na h‑uile chinnich a‑chum ùmhlachd a’ chreidimh);
27
Do Dhia a tha a‑mhàin glic, gu robh glòir tre Iosa Crìosd gu sìorraidh. Amen.
Ròmanaich 16:1
Ròmanaich 16:2
Ròmanaich 16:3
Ròmanaich 16:4
Ròmanaich 16:5
Ròmanaich 16:6
Ròmanaich 16:7
Ròmanaich 16:8
Ròmanaich 16:9
Ròmanaich 16:10
Ròmanaich 16:11
Ròmanaich 16:12
Ròmanaich 16:13
Ròmanaich 16:14
Ròmanaich 16:15
Ròmanaich 16:16
Ròmanaich 16:17
Ròmanaich 16:18
Ròmanaich 16:19
Ròmanaich 16:20
Ròmanaich 16:21
Ròmanaich 16:22
Ròmanaich 16:23
Ròmanaich 16:24
Ròmanaich 16:25
Ròmanaich 16:26
Ròmanaich 16:27
Ròmanaich 1 / Ròm 1
Ròmanaich 2 / Ròm 2
Ròmanaich 3 / Ròm 3
Ròmanaich 4 / Ròm 4
Ròmanaich 5 / Ròm 5
Ròmanaich 6 / Ròm 6
Ròmanaich 7 / Ròm 7
Ròmanaich 8 / Ròm 8
Ròmanaich 9 / Ròm 9
Ròmanaich 10 / Ròm 10
Ròmanaich 11 / Ròm 11
Ròmanaich 12 / Ròm 12
Ròmanaich 13 / Ròm 13
Ròmanaich 14 / Ròm 14
Ròmanaich 15 / Ròm 15
Ròmanaich 16 / Ròm 16