1 |
Tha mi ag earbsa ribh Phebe ar piuthar, a tha na searbhanta don eaglais a tha ann an Cenchrèa: |
2 |
A‑chum gun gabh sibh rithe anns an Tighearna, mar as cubhaidh do naoimh, agus gun dèan sibh còmhnadh rithe anns gach gnothach anns am bi feum aice oirbh: oir rinn i fhèin còmhnadh ri mòran, agus riumsa mar an ceudna. |
3 |
Cuiribh fàilte air Priscila agus Acuila, mo cho-obraichean ann an Iosa Crìosd: |
4 |
(Muinntir a leig sìos am muineal fhèin airson m’anama-sa: dom bheil a’ toirt buidheachais chan e a‑mhàin mise, ach mar an ceudna eaglaisean nan Cinneach uile.) |
5 |
Mar an ceudna cuiribh fàilte air an eaglais a tha nan taigh. Cuiribh fàilte air Epenetas as ionmhainn leamsa, neach as e ciad-thoradh Achaia do Chrìosd. |
6 |
Cuiribh fàilte air Muire, a rinn saothair mhòr air ar son-ne. |
7 |
Cuiribh fàilte air Andronicus agus Iunias, mo luchd-dàimh agus mo cho-phrìosanaich, a tha cliùiteach am measg nan abstol, agus a bha ann an Crìosd romhamsa. |
8 |
Cuiribh fàilte air Amplias as ionmhainn leamsa anns an Tighearna. |
9 |
Cuiribh fàilte air Urbanus ar co‑obraiche ann an Crìosd, agus air Stachis, fear mo ghràidh-sa. |
10 |
Cuiribh fàilte air Apelles a tha dearbhte ann an Crìosd. Cuiribh fàilte orrasan a tha de theaghlach Aristobuluis. |
11 |
Cuiribh fàilte air Herodion mo charaid. Cuiribh fàilte orrasan de theaghlach Narcisuis, a tha anns an Tighearna. |
12 |
Cuiribh fàilte air Triphena agus Triphòsa, mnathan a tha a’ saothrachadh anns an Tighearna. Cuiribh fàilte air Persis as ionmhainn leam, bean a shaothraich gu mòr anns an Tighearna. |
13 |
Cuiribh fàilte air Rufus a tha taghte anns an Tighearna, agus air a mhàthair agus mo mhàthair-sa. |
14 |
Cuiribh fàilte air Asincritus, Phlegon, Hermas, Patrobas, Hermes, agus air na bràithrean a tha maille riu. |
15 |
Cuiribh fàilte air Philologus, agus Iulia, air Nereus, agus a phiuthar, agus Olimpas, agus na naoimh uile a tha maille riu. |
16 |
Cuiribh fàilte air a chèile le pòig naoimh. Tha eaglaisean Chrìosd a’ cur fàilte oirbh. |
17 |
A‑nis guidheam oirbh, a bhràithrean, comharraichibh iadsan a tha a’ togail roinnean agus a’ toirt oilbheim, an aghaidh an teagaisg a dh’fhòghlaim sibh; agus seachnaibh iad. |
18 |
Oir chan eil an leithidean seo a’ dèanamh seirbhis dur Tighearna Iosa Crìosd, ach dam broinn fhèin; agus tha iad le briathran milis agus le miodal a’ mealladh cridheachan na muinntir sin a tha neo-lochdach. |
19 |
Oir tha ur n‑ùmhlachd-se air teachd a‑chum nan uile dhaoine. Uime sin tha mise a’ dèanamh gàirdeachais dur taobh-se: gidheadh b’àill leam sibhse a bhith glic a‑chum a’ mhaith, ach aon-fhillte a‑thaobh an uilc. |
20 |
Agus bruthaidh Dia na sìthe Sàtan fo ur casan gu h‑aithghearr. Gràs ar Tighearna Iosa Crìosd gu robh maille ribh. Amen. |
21 |
Tha Timòteus mo cho-obraiche a’ cur fàilte oirbh, agus Lucius agus Iàson agus Sosipater, mo luchd-dàimhe. |
22 |
Tha mise Tertius, a sgrìobh an litir seo, a’ cur fàilte oirbh anns an Tighearna. |
23 |
Tha Gaius, a tha a’ toirt aoidheachd dhòmhsa agus don eaglais uile, a’ cur fàilte oirbh. Tha Erastus, stiùbhard a’ bhaile, a’ cur fàilte oirbh, agus Cuartus, bràthair. |
24 |
Gràs ar Tighearna Iosa Crìosd gu robh maille ribh uile. Amen. |
25 |
A‑nis dhàsan a tha comasach air sibhse a dhaingneachadh a rèir mo shoisgeil-sa agus searmonachadh Iosa Crìosd (a rèir foillseachadh a rùin-diamhair, a bha am falach o thoiseach an domhain, |
26 |
Ach a dh’fhoillsicheadh a‑nis, agus tre sgriobtairean nam fàidhean, a rèir àithne an Dè bhithbhuain, a tha air a dhèanamh aithnichte do na h‑uile chinnich a‑chum ùmhlachd a’ chreidimh); |
27 |
Do Dhia a tha a‑mhàin glic, gu robh glòir tre Iosa Crìosd gu sìorraidh. Amen.
|
Gaelic Bible (Scottish) (ABG) 1992 |
© Scottish Bible Society 1992, 2017 |
|
|
|
|
|
|
|
|
|
|
Ròmanaich 16:1 |
Ròmanaich 16:2 |
Ròmanaich 16:3 |
Ròmanaich 16:4 |
Ròmanaich 16:5 |
Ròmanaich 16:6 |
Ròmanaich 16:7 |
Ròmanaich 16:8 |
Ròmanaich 16:9 |
Ròmanaich 16:10 |
Ròmanaich 16:11 |
Ròmanaich 16:12 |
Ròmanaich 16:13 |
Ròmanaich 16:14 |
Ròmanaich 16:15 |
Ròmanaich 16:16 |
Ròmanaich 16:17 |
Ròmanaich 16:18 |
Ròmanaich 16:19 |
Ròmanaich 16:20 |
Ròmanaich 16:21 |
Ròmanaich 16:22 |
Ròmanaich 16:23 |
Ròmanaich 16:24 |
Ròmanaich 16:25 |
Ròmanaich 16:26 |
Ròmanaich 16:27 |
|
|
|
|
|
|
Ròmanaich 1 / Ròm 1 |
Ròmanaich 2 / Ròm 2 |
Ròmanaich 3 / Ròm 3 |
Ròmanaich 4 / Ròm 4 |
Ròmanaich 5 / Ròm 5 |
Ròmanaich 6 / Ròm 6 |
Ròmanaich 7 / Ròm 7 |
Ròmanaich 8 / Ròm 8 |
Ròmanaich 9 / Ròm 9 |
Ròmanaich 10 / Ròm 10 |
Ròmanaich 11 / Ròm 11 |
Ròmanaich 12 / Ròm 12 |
Ròmanaich 13 / Ròm 13 |
Ròmanaich 14 / Ròm 14 |
Ròmanaich 15 / Ròm 15 |
Ròmanaich 16 / Ròm 16 |