A A A A A
Facebook Instagram Twitter
Gaelic Bible (Scottish) (ABG) 1992

Ròmanaich 12



1
Air an adhbhar sin guidheam oirbh, a bhràithrean, tre thròcairean Dhè, ur cuirp a thoirt nam beò-ìobairt, naoimh, thaitnich do Dhia, nì as e ur seirbhis reusanta.
2
Agus na bithibh air ur cumadh ris an t‑saoghal seo: ach bithibh air ur cruth-atharrachadh tre ath-nuadhachadh ur n‑inntinn, a‑chum gun dearbh sibh ciod i toil mhath, thaitneach, agus dhiongmhalta sin Dhè.
3
Oir tha mi ag ràdh, tron ghràs a thugadh dhomh, ris gach neach nur measg, gun smaoineachadh uime fhèin nas àirde na as còir dha smaoineachadh; ach smaoineachadh ann am measarrachd, a rèir mar a roinn Dia ris gach neach tomhas a’ chreidimh.
4
Oir mar a tha mòran bhall againn ann an aon chorp, agus nach e an t‑aon ghnìomh a tha aig gach ball;
5
Amhail sin ged tha sinne nar mòran, is aon chorp ann an Crìosd sinn, agus is buill sinn gach aon fa leth da chèile.
6
Uime sin air a bhith de thìodhlacan againn, eadar-dhealaichte a rèir a’ ghràis a thugadh dhuinn; mas fàidheadaireachd, dèanamaid fàidheadaireachd a rèir tomhas a’ chreidimh;
7
No mas frithealadh, thugamaid aire dar frithealadh; no an tì a theagaisgeas, thugadh e aire da theagasg;
8
No an tì a bheir earail, thugadh e aire da earail: an tì a roinneas an dèirc, roinneadh e i an treibhdhireas; an tì a riaghlas, dèanadh e e le dùrachd; an tì a nì tròcair, dèanadh e e gu suilbhir.
9
Biodh ur gràdh gun cheilg. Biodh gràin agaibh den olc; dlùth-leanaibh ris an nì a tha math.
10
Bithibh teò-chridheach ri chèile le gràdh bràthaireil, ann an urram a’ toirt toisich gach aon da chèile:
11
Gun a bhith leisg ann an gnothaichean; dùrachdach nur spiorad; a’ dèanamh seirbhis don Tighearna;
12
A’ dèanamh gàirdeachais ann an dòchas; foighidinneach ann an trioblaid; maireannach ann an ùrnaigh:
13
A’ co‑roinn ri uireasbhaidh nan naomh; a’ gnàthachadh aoidheachd.
14
Beannaichibh an dream a tha a’ dèanamh geur-leanmhainn oirbh: beannaichibh, agus na mallaichibh.
15
Dèanaibh gàirdeachas maille riùsan a tha ri gàirdeachas, agus caoidh maille riùsan a tha ri caoidh.
16
Bithibh a dh’aon rùn da chèile. Na biodh ur cion air nithean àrda, ach cuiribh sibh fhèin ann an co‑inbhe riùsan a tha ìosal. Na bithibh glic nur barail fhèin.
17
Na ìocaibh olc airson uilc do dhuine sam bith. Ullaichibh nithean ciatach am fianais nan uile dhaoine.
18
Ma dh’fhaodas e a bhith, a mheud is a tha e an comas dhuibh, bithibh an sìth ris na h‑uile dhaoine.
19
A chàirdean gràdhach, na dèanaibh dìoghaltas air ur son fhèin, ach thugaibh àite don fheirg: oir tha e sgrìobhte, Is leamsa dìoghaltas; ìocaidh mi, tha an Tighearna ag ràdh.
20
Uime sin, ma bhios do nàmhaid acrach, thoir biadh dha; ma bhios e tartmhor, thoir deoch dha: oir le seo a dhèanamh càrnaidh tu èibhlean teine air a cheann.
21
Na toirear buaidh ort leis an olc, ach thoir-sa buaidh air an olc leis a’ mhath.











Ròmanaich 12:1
Ròmanaich 12:2
Ròmanaich 12:3
Ròmanaich 12:4
Ròmanaich 12:5
Ròmanaich 12:6
Ròmanaich 12:7
Ròmanaich 12:8
Ròmanaich 12:9
Ròmanaich 12:10
Ròmanaich 12:11
Ròmanaich 12:12
Ròmanaich 12:13
Ròmanaich 12:14
Ròmanaich 12:15
Ròmanaich 12:16
Ròmanaich 12:17
Ròmanaich 12:18
Ròmanaich 12:19
Ròmanaich 12:20
Ròmanaich 12:21






Ròmanaich 1 / Ròm 1
Ròmanaich 2 / Ròm 2
Ròmanaich 3 / Ròm 3
Ròmanaich 4 / Ròm 4
Ròmanaich 5 / Ròm 5
Ròmanaich 6 / Ròm 6
Ròmanaich 7 / Ròm 7
Ròmanaich 8 / Ròm 8
Ròmanaich 9 / Ròm 9
Ròmanaich 10 / Ròm 10
Ròmanaich 11 / Ròm 11
Ròmanaich 12 / Ròm 12
Ròmanaich 13 / Ròm 13
Ròmanaich 14 / Ròm 14
Ròmanaich 15 / Ròm 15
Ròmanaich 16 / Ròm 16