1 |
Agus am feadh a bha iad a’ labhairt ris an t‑sluagh, thàinig orra na sagartan, agus ceannard an teampaill, agus na Sadusaich; |
2 |
Air dhaibh a bhith fo dhoilgheas gu robh iad a’ teagasg an t‑sluaigh, agus a’ searmonachadh tre Iosa aiseirigh nam marbh. |
3 |
Agus chuir iad làmh annta, agus chuir iad ann am prìosan iad gus an là màireach: oir b’e a‑nis am feasgar a bha ann. |
4 |
Gidheadh chreid mòran dhiubh-san a chuala am facal: agus b’e àireamh nan daoine timcheall còig mìle. |
5 |
Agus thàrladh air an là màireach, gun do chruinnicheadh an ceann a chèile an uachdarain, agus an seanairean, agus an sgrìobhaichean ann an Ierusalem, |
6 |
Agus Annas an t‑àrd-shagart, agus Caiaphas, agus Eòin, agus Alecsander, agus a mheud is a bha de chinneach an àrd-shagairt. |
7 |
Agus air dhaibh iadsan a chur anns a’ mheadhon, dh’fheòraich iad, Ciod e an cumhachd, no ciod e an t‑ainm, anns an do rinn sibh seo? |
8 |
An sin air do Pheadar a bhith air a lìonadh leis an Spiorad Naomh, thubhairt e riu, Uachdarana a’ phobaill, agus a sheanairean Israeil, |
9 |
Ma tha sinne an‑diugh air ar ceasnachadh mun deagh ghnìomh a rinneadh don duine easlan, cionnas a shlànaicheadh e; |
10 |
Biodh e aithnichte dhuibhse uile, agus do phoball Israeil uile, gur ann tre ainm Iosa Crìosd o Nàsaret, a cheus sibhse, a thog Dia o na mairbh, eadhon trìdsan a tha an duine seo na sheasamh an seo nur làthair-se slàn. |
11 |
Is i seo a’ chlach a dhiùltadh leibhse, a luchd togail, a rinneadh na ceann na h‑oisne. |
12 |
Agus chan eil slàinte ann an neach air bith eile: oir chan eil ainm air bith eile fo nèamh air a thabhairt am measg dhaoine, tre am faod sinn a bhith air ar tèarnadh. |
13 |
A‑nis nuair a chunnaic iad dànachd Pheadair agus Eòin, agus a thuig iad gum bu daoine gun fhòghlam agus cumanta iad, ghabh iad iongantas; agus dh’aithnich iad iad gu robh iadsan maille ri Iosa. |
14 |
Agus air faicinn an duine a lèighseadh na sheasamh maille riu, cha robh nì air bith aca ri ràdh na aghaidh. |
15 |
Agus an dèidh dhaibh òrdachadh dhaibhsan dol a‑mach as a’ chomhairle, chuir iad an cinn cuideachd, |
16 |
Ag ràdh, Ciod a nì sinn ris na daoine seo? Oir gun deachaidh mìorbhail aithnichte a dhèanamh leo, tha e follaiseach do luchd-àiteachaidh Ierusaleim uile, agus chan urrainn sinn a àicheadh. |
17 |
Ach a‑chum nach sgaoilear e nas mò air feadh an t‑sluaigh, bagramaid orra gu geur, gun iad a labhairt nas mò ri neach air bith anns an ainm seo. |
18 |
Agus air dhaibh an gairm, dh’àithn iad dhaibh gun iad a labhairt air chor sam bith, no a theagasg ann an ainm Iosa. |
19 |
Ach fhreagair Peadar, agus Eòin agus thubhairt iad riu, A bheil e ceart ann am fianais Dhè, èisdeachd ribhse ro Dhia, thugaibh fhèin breith. |
20 |
Oir chan eil e an comas dhuinne gun na nithean a chunnaic agus a chuala sinn a labhairt. |
21 |
Agus air dhaibhsan tuilleadh bagraidh a dhèanamh orra, leig iad as iad, gun dòigh air bith fhaotainn air am faodadh iad peanas a dhèanamh orra, airson an t‑sluaigh: oir bha na h‑uile a’ toirt glòire do Dhia airson an nì a rinneadh. |
22 |
Oir bha an duine air an do rinneadh am mìorbhail leighis seo tuilleadh is dà‑fhichead bliadhna a dh’aois. |
23 |
Agus nuair a leigeadh as iad, thàinig iad a dh’ionnsaigh am muinntir fhèin, agus dh’innis iad na h‑uile nithean a thubhairt na h‑àrd-shagartan, agus na seanairean, riu. |
24 |
Agus nuair a chuala iadsan seo, thog iad suas a dh’aon inntinn an guth ri Dia, agus thubhairt iad, A Thighearna, is tusa an Dia a rinn nèamh agus talamh, agus an fhairge, agus na h‑uile nithean a tha annta: |
25 |
A thubhairt le beul Dhaibhidh do sheirbhiseach, Carson a ghabh na Cinnich boil, agus a smaoinich an sluagh nithean dìomhain? |
26 |
Sheas rìghrean na talmhainn suas, agus chruinnicheadh na h‑uachdarain an ceann a chèile, an aghaidh an Tighearna, agus an aghaidh a Chrìosd. |
27 |
Oir gu fìrinneach chruinnicheadh an ceann a chèile, an aghaidh do leinibh naoimh Iosa, a dh’ung thu, araon Herod agus Pontius Pilat, maille ris na Cinnich, agus sluagh Israeil, |
28 |
A dhèanamh gach nì a ro‑òrdaich do làmh agus do chomhairle a bhith air a dhèanamh. |
29 |
Agus a‑nis, a Thighearna, amhairc air am bagraidhean: agus deònaich dod sheirbhisich fhèin d’fhacal a labhairt leis gach uile dhànachd, |
30 |
Led làmh a shìneadh a‑mach a‑chum leighis: agus gum bi comharraidhean agus mìorbhailean air an dèanamh tre ainm do leinibh naoimh Iosa. |
31 |
Agus air dhaibh ùrnaigh a dhèanamh, chrathadh an t‑àite anns an robh iad cruinn; agus lìonadh iad uile leis an Spiorad Naomh, agus labhair iad facal Dhè le dànachd. |
32 |
Agus bha aig a’ chuideachd a chreid aon chridhe, agus aon anam: agus cha mhò a thubhairt neach air bith dhiubh gum bu leis fhèin aon nì a shealbhaich e; ach bha na h‑uile nithean coitcheann aca. |
33 |
Agus le mòr-chumhachd thug na h‑abstoil fianais air aiseirigh an Tighearna Iosa: agus bha mòr-ghràs orra uile. |
34 |
Agus cha mhò a bha aon neach uireasbhaidheach nam measg: oir a mheud is a bha nan sealbhadairean fearainn, no thaighean, air dhaibh an reic, thug iad luach nan nithean a chaidh a reic leo; |
35 |
Agus chuir iad aig casan nan abstol e; agus roinneadh e air gach neach a rèir a fheuma. |
36 |
Agus air do fhearann a bhith aig Ioses den do ghoireadh leis na h‑abstoil Barnabas (is e sin, air eadar-theangachadh, Mac na Comhfhurtachd), Lèbhitheach, dom bu dùthaich Cìprus; |
37 |
Reic e e, agus thug e an t‑airgead leis, agus chuir e aig casan nan abstol e.
|
Gaelic Bible (Scottish) (ABG) 1992 |
© Scottish Bible Society 1992, 2017 |
|
|
|
|
|
|
|
|
|
|
Gnìomharan 4:1 |
Gnìomharan 4:2 |
Gnìomharan 4:3 |
Gnìomharan 4:4 |
Gnìomharan 4:5 |
Gnìomharan 4:6 |
Gnìomharan 4:7 |
Gnìomharan 4:8 |
Gnìomharan 4:9 |
Gnìomharan 4:10 |
Gnìomharan 4:11 |
Gnìomharan 4:12 |
Gnìomharan 4:13 |
Gnìomharan 4:14 |
Gnìomharan 4:15 |
Gnìomharan 4:16 |
Gnìomharan 4:17 |
Gnìomharan 4:18 |
Gnìomharan 4:19 |
Gnìomharan 4:20 |
Gnìomharan 4:21 |
Gnìomharan 4:22 |
Gnìomharan 4:23 |
Gnìomharan 4:24 |
Gnìomharan 4:25 |
Gnìomharan 4:26 |
Gnìomharan 4:27 |
Gnìomharan 4:28 |
Gnìomharan 4:29 |
Gnìomharan 4:30 |
Gnìomharan 4:31 |
Gnìomharan 4:32 |
Gnìomharan 4:33 |
Gnìomharan 4:34 |
Gnìomharan 4:35 |
Gnìomharan 4:36 |
Gnìomharan 4:37 |
|
|
|
|
|
|
Gnìomharan 1 / Gnì 1 |
Gnìomharan 2 / Gnì 2 |
Gnìomharan 3 / Gnì 3 |
Gnìomharan 4 / Gnì 4 |
Gnìomharan 5 / Gnì 5 |
Gnìomharan 6 / Gnì 6 |
Gnìomharan 7 / Gnì 7 |
Gnìomharan 8 / Gnì 8 |
Gnìomharan 9 / Gnì 9 |
Gnìomharan 10 / Gnì 10 |
Gnìomharan 11 / Gnì 11 |
Gnìomharan 12 / Gnì 12 |
Gnìomharan 13 / Gnì 13 |
Gnìomharan 14 / Gnì 14 |
Gnìomharan 15 / Gnì 15 |
Gnìomharan 16 / Gnì 16 |
Gnìomharan 17 / Gnì 17 |
Gnìomharan 18 / Gnì 18 |
Gnìomharan 19 / Gnì 19 |
Gnìomharan 20 / Gnì 20 |
Gnìomharan 21 / Gnì 21 |
Gnìomharan 22 / Gnì 22 |
Gnìomharan 23 / Gnì 23 |
Gnìomharan 24 / Gnì 24 |
Gnìomharan 25 / Gnì 25 |
Gnìomharan 26 / Gnì 26 |
Gnìomharan 27 / Gnì 27 |
Gnìomharan 28 / Gnì 28 |