A A A A A
Facebook Instagram Twitter
Gaelic Bible (Scottish) (ABG) 1992

Gnìomharan 3



1
Agus chaidh Peadar agus Eòin le chèile suas don teampall, aig uair na h‑ùrnaigh, eadhon an naoidheamh uair.
2
Agus bha duine àraidh a bha na bhacach o bhroinn a mhàthar air a ghiùlan, neach a chuireadh gach là aig doras sin an teampaill ris an abrar Sgiamhach, a dh’iarraidh dèirce orrasan a bha a’ dol a‑steach don teampall:
3
Neach nuair a chunnaic e Peadar agus Eòin air tì dol a‑steach don teampall, a dh’iarr dèirc.
4
Agus air do Pheadar sealltainn gu geur air, maille ri Eòin, thubhairt e, Amhairc oirnne.
5
Agus thug esan aire dhaibh ann an dòchas gum faigheadh e nì‑eigin uapa.
6
An sin thubhairt Peadar, Airgead no òr chan eil agam; ach an nì a tha agam, seo bheir mi dhut. Ann an ainm Iosa Crìosd o Nàsaret, èirich agus imich.
7
Agus air dha breith air a làimh dheis, thog e suas e; agus air ball neartaicheadh a aobrain agus a throighean.
8
Agus leum e suas, agus sheas e, agus dh’imich e, agus chaidh e a‑steach maille riu don teampall, ag imeachd, agus a’ leumnaich, agus a’ toirt cliù do Dhia.
9
Agus chunnaic an sluagh uile e ag imeachd, agus a’ toirt cliù do Dhia.
10
Agus dh’aithnich iad esan gum b’e a bha na shuidhe aig geata Sgiamhach an teampaill ag iarraidh dèirce: agus lìonadh iad le iongantas agus le uamhas airson an nì sin a thachair dha.
11
Agus a’ cumail Pheadair agus Eòin (don bhacach a chaidh a leigheas), ruith an sluagh uile dan ionnsaigh anns an sgàth-thaigh ris an abrar sgàth-thaigh Sholaimh, làn iongantais.
12
Agus nuair a chunnaic Peadar seo, fhreagair e an sluagh, Fheara Israeil, carson a tha sibh a’ geur-amharc oirnne, mar gum b’ann le ar cumhachd no ar naomhachd fhèin a thug sinn air an duine seo imeachd?
13
Ghlòraich Dia Abrahàim, agus Isaaic, agus Iàcoib, Dia ar n‑athraichean, a Mhac Iosa; a thug sibhse thairis, agus a dh’àich sibh an làthair Philait, nuair a b’i a bhreith a chur fa sgaoil.
14
Ach dh’àich sibhse an t‑Aon naomh, agus am Fìrean, agus dh’iarr sibh mortair a thìodhlacadh dhuibh;
15
Agus mharbh sibh Prionnsa na beatha, a thog Dia o na mairbh; air a bheil sinne nar fianaisean.
16
Agus tre chreideamh na ainm neartaich e an tì seo, a tha sibhse a’ faicinn, agus as aithne dhuibh: seadh, thug a ainm-san agus an creideamh a tha trìd-san, dhàsan an t‑slàinte iomlan seo nur làthair-se uile.
17
Agus a‑nis, a bhràithrean, tha fhios agam gur ann tro aineolas a rinn sibh e, mar a rinn mar an ceudna ur n‑uachdarain.
18
Ach choilean Dia air an dòigh seo na nithean sin a ro‑fhoillsich e le beul a fhàidhean uile, gum fuilingeadh Crìosd.
19
Air an adhbhar sin, dèanaibh-se aithreachas agus bithibh air ur n‑iompachadh, a‑chum gum bi ur peacaidhean air an glanadh as, nuair a thig àmannan fionnaireachd o làthair an Tighearna;
20
Agus a chuireas e Iosa Crìosd dur n‑ionnsaigh, a chaidh a ro‑òrdachadh:
21
Neach as èiginn do nèamh a ghabhail gu aimsirean aiseag nan uile nithean, air an do labhair Dia le beul a fhàidhean naomha uile, o thoiseach an t‑saoghail.
22
Oir gu fìrinneach thubhairt Maois ris na h‑athraichean, Togaidh an Tighearna ur Dia suas fàidh dhuibh, de ur bràithrean, mar mise; ris-san èisdidh sibh anns na h‑uile nithean a labhras e ribh.
23
Agus tàrlaidh, gach anam nach èisd ris an fhàidh sin, gun sgriosar a‑mach as an t‑sluagh e.
24
Seadh, dh’fhoillsich na fàidhean uile o Shamuel, agus iadsan a lean o sin, a mheud dhiubh is a labhair ro‑làimh mu na làithean seo.
25
Is sibhse clann nam fàidhean, agus a’ choicheangail a rinn Dia ri ar n‑athraichean, ag ràdh ri Abrahàm, Agus ann ad shliochd-sa bidh uile theaghlaichean na talmhainn air am beannachadh.
26
Air do Dhia a Mhac Iosa a thogail suas, chuir e dur n‑ionnsaigh-se e air tùs, a‑chum gum beannaicheadh e sibh, leis gach aon agaibh iompachadh o ur lochdan.











Gnìomharan 3:1
Gnìomharan 3:2
Gnìomharan 3:3
Gnìomharan 3:4
Gnìomharan 3:5
Gnìomharan 3:6
Gnìomharan 3:7
Gnìomharan 3:8
Gnìomharan 3:9
Gnìomharan 3:10
Gnìomharan 3:11
Gnìomharan 3:12
Gnìomharan 3:13
Gnìomharan 3:14
Gnìomharan 3:15
Gnìomharan 3:16
Gnìomharan 3:17
Gnìomharan 3:18
Gnìomharan 3:19
Gnìomharan 3:20
Gnìomharan 3:21
Gnìomharan 3:22
Gnìomharan 3:23
Gnìomharan 3:24
Gnìomharan 3:25
Gnìomharan 3:26






Gnìomharan 1 / Gnì 1
Gnìomharan 2 / Gnì 2
Gnìomharan 3 / Gnì 3
Gnìomharan 4 / Gnì 4
Gnìomharan 5 / Gnì 5
Gnìomharan 6 / Gnì 6
Gnìomharan 7 / Gnì 7
Gnìomharan 8 / Gnì 8
Gnìomharan 9 / Gnì 9
Gnìomharan 10 / Gnì 10
Gnìomharan 11 / Gnì 11
Gnìomharan 12 / Gnì 12
Gnìomharan 13 / Gnì 13
Gnìomharan 14 / Gnì 14
Gnìomharan 15 / Gnì 15
Gnìomharan 16 / Gnì 16
Gnìomharan 17 / Gnì 17
Gnìomharan 18 / Gnì 18
Gnìomharan 19 / Gnì 19
Gnìomharan 20 / Gnì 20
Gnìomharan 21 / Gnì 21
Gnìomharan 22 / Gnì 22
Gnìomharan 23 / Gnì 23
Gnìomharan 24 / Gnì 24
Gnìomharan 25 / Gnì 25
Gnìomharan 26 / Gnì 26
Gnìomharan 27 / Gnì 27
Gnìomharan 28 / Gnì 28